FaclairDictionary EnglishGàidhlig

695: Árainn Mhór (2)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Árainn Mhór (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mar a chunnaic mi èisg – garbhagan, rionnaich agus saoidheanan – a’ lìonadh bàgh air cladach Árainn Mhór ann an Èirinn. Bha sinn a’ glacadh shaoidheanan gu leòr. Bha a’ chlann agam air a dhol suas gu taigh bodaich airson faighneachd dhen bhodach an robh e ag iarraidh saoidheanan’ no saithe’ no coalfish’. Uill, cha do thuig e gin de na faclan sin. Agus thàinig e leis an leathad don chladach.

Cha b’ urrainn dha fhèin a shùilean a chreidsinn. Bha an tachartas a cheart cho iongantach dhàsan ’s a bha e dhuinne. Bha na milleanan de dh’èisg a’ lìonadh na mara faisg air an taigh aige. Cha chreid mi gun robh e air a leithid fhaicinn riamh – agus cha robh e òg.

Cha do thuig e na faclan saoidhean, saithe no coalfish. Mas math mo chuimhne, ’s e glíosan no rudeigin dhen t-seòrsa an t-ainm a bh’ aige fhèin air a leithid. Co-dhiù, bha e toilichte na h-uidhir fhaighinn airson a reothadair. Bha cait aige agus chòrdadh na h-èisg riuthasan cuideachd. Thug sinn na h-uidhir dha oir bha iad cho furasta a ghlacadh.

Nuair a thàinig an dorchadas, bha na h-èisg fhathast a’ leum anns a’ bhàgh. An ath mhadainn, chuir e iongnadh mòr orm. Bha iad fhathast ann. Bha a’ mhuir air tràghadh is lìonadh, agus bha na sgaothan èisg fhathast anns a’ bhàgh. Dè bha gan cumail ann? Tha amharas agam gun robh rudeigin ann aig beul a’ bhàigh – leumadairean ’s dòcha? No madadh-cuain? Chan fhaca mi dad, ach nuair a dh’fhàg sinn am bàgh ann am meadhan na maidne, airson cumail a dol air ar turas Èireannach, bha na mìltean èisg fhathast ann.

Dè thug orm a bhith a’ cuimhneachadh air Árainn Mhór? Seann charbad a chunnaic mi, oir tha na càraichean anns an eilean ann an droch staid (chan eil MOT riatanach aca)? Chan e. Bàt’-aiseig ChalMac, oir b’ e seann bhàta aig CalMac a bha a’ ruith thar a’ chaolais gu tìr-mòr na h-Èireann? Chan e.

’S e na chuir an t-eilean nam chuimhne leabhar beag a thàinig a-mach o chionn ghoirid a tha a’ comharrachadh eòlas na mara. Tha an leabhar, air a bheil Dùthchas na Mara, a’ toirt sùil air dà eilean Ghàidhealach – Árainn Mhór ann an Èirinn agus Barraigh ann an Alba. A rèir nan ùghdaran, Iain MacFhionghain agus Ruth Ní Bhraonáin, san dà eilean, tha iasgairean dhen bheachd gu bheil an teachd-an-tìr is an dòigh-beatha aca fo bhagairt aig buidhnean cumhdachdach nach eil a’ toirt cluas-ri-claisneachd dhaibh.’

Tha iad a’ mìneachadh gur iad na buidhnean cumhachdach’ sin Dualchas Nàdair na h-Alba, a tha ag iarraidh dà àrainn gleidheadh-mara ainmeachadh ann an uisgeachan Bharraigh, agus Riaghaltas Poblachd na h-Èireann a chuir dàil air iasgach le lìn-siabaidh far chosta Árainn Mhór. Tha an leabhar a’ toirt sùil air an dùthchas co-cheangailte ri gach eilean, agus a’ cumail a-mach gu bheil sin a’ buntainn a cheart cho mòr ris a’ mhuir ’s a tha e ris an tìr.

Tha na h-eileanaich air a dhol gu làidir an aghaidh nam buidhnean riaghaltais, agus tha am beachdan agus an giùlan co-cheangailte gu mòr ri dùthchas – facal nach gabh eadar-theangachadh gu furasta. Bheir sinn sùil air dùthchas an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach: garbhagan: sprats; rionnaich: mackerel (pl); saoidheanan: saithe (pl); Árainn Mhór: Aranmore (Island, Co. Donegal); leumadairean: dolphins; madadh-cuain: killer whale; ùghdaran: authors; dùthchas: (roughly) belonging to a place – but see next week’s Litir for an attempt to define it!

Abairtean na Litreach: airson faighneachd dhen bhodach: to ask the old man; cha do thuig e gin de na faclan: he didn’t understand any of the words; cha b’ urrainn dha fhèin a shùilean a chreidsinn: he himself couldn’t believe his eyes; a cheart cho iongantach dhàsan ’s a bha e dhuinne: just as amazing to him as it was to us; cha chreid mi gun robh e air a leithid fhaicinn riamh: I don’t think he had ever seen the like; mas math mo chuimhne: if my memory serves me correctly; bha e toilichte na h-uidhir fhaighinn airson a reothadair: he was pleased to get so many for his freezer; chòrdadh na h-èisg riuthasan: they would enjoy the fish; bha a’ mhuir air tràghadh is lìonadh: the sea had ebbed and flowed; dè thug orm a bhith a’ cuimhneachadh X?: what made me remember X?; thar a’ chaolais gu tìr-mòr:across the narrows to the mainland; a tha ag iarraidh dà àrainn gleidheadh-mara ainmeachadh ann an uisgeachan Bharraigh: who want to designate two conservation areas in the waters of Barra; iasgach le lìn-siabaidh: fishing with drift nets; a’ buntainn a cheart cho mòr ris a’ mhuir ’s a tha e ris an tìr: belonging as much to the sea as to the land; tha na h-eileanaich air a dhol gu làidir an aghaidh: the islanders have strongly opposed; am beachdan agus an giùlan: their beliefs and their conduct; facal nach gabh eadar-theangachadh gu furasta: a word that cannot easily be translated.

Puing-chànain na Litreach: gu bheil an teachd-an-tìr is an dòigh-beatha aca fo bhagairt aig buidhnean cumhdachdach nach eil a’ toirt cluas-ri-claisneachd dhaibh:that their livelihood and way of life is threatened by powerful institutions who are not listening to them. Cluas-ri-claisneachd means literally an ear to hearing’ (chaill e a chlaisneachd means he lost his hearing’ ie he has become deaf); it is pretty untranslatable word-for-word. The phrase is used a lot in idiom eg cùm cluas ri claisneachd (keep an ear open, make sure you listen intently), bha a sùilean fosgailte agus a cluas ri claisneachd (her eyes and ears were open).

Gnàthas-cainnt na Litreach: thàinig e leis an leathad don chladach: he came downhill [with the slope] to the shore.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 391

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean