FaclairDictionary EnglishGàidhlig

698: Coilltean-calltainn (2)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Coilltean-calltainn (2)

Gaelic Gàidhlig

Tha a’ chraobh-challtainn gu math sònraichte dhuinn mar Ghàidheil. Tha ceangal làidir aice ri beul-aithris agus seann sgeulachdan na Fèinne. Bha ar sinnsirean measail air na cnothan. Agus bha iad a’ cleachdadh an fhiodha airson iomadach rud. Am measg sin, bha iad a’ dèanamh gual-fiodha dheth.

Far an robhar a’ dèanamh gual-fiodha – de challtainn no darach – tha sinn a’ smaoineachadh gun robhar a’ dèanamh preasarlach dhen choille. ’S e preasarlach no preas-choille a’ Ghàidhlig air coppice no coppiced woodland. ’S e sin suidheachadh far a bheil iomadh stoc beag aig na craobhan, seach aon stoc mòr. Bithear a’ leagail cuid de na stocan ach bidh feadhainn eile a’ nochdadh nan àite. Ach an robh na Gàidheil a’ dèanamh uiread de phreasarlach anns na coilltean-calltainn ’s a bha sinn a’ smaoineachadh?

Tha mi a’ cur na ceist oir thàinig leabhar inntinneach a-mach o chionn ghoirid air a bheil Atlantic Hazel: Scotland’s Special Woodlands. Tha ùghdaran an leabhair a’ cumail a-mach nach eil a’ chuid as motha againn a’ tuigsinn mar a tha coilltean-calltainn ag obair. Tha sin a’ gabhail a-steach luchd-glèidhteachais, eag-eòlaichean choilltean agus manaidsearan oighreachdan.

Tha iad ag ràdh gu bheil daoine anns an fharsaingeachd a’ creidsinn ceithir rudan mun chraoibh-challtainn. ’S e sin gum bi i gu nàdarrach a’ fàs fo chraobhan eile a tha nas motha, is nach bi i na craoibh as àirde anns a’ choille. Cuideachd, far a bheil craobhan-calltainn a tha iomadh-stocach, seach aona-stocach, gur e mac-an-duine as coireach ri sin. Creididh sinn gum bàsaich craobhan-calltainn mura tèid an dèanamh nam preasarlaich. Agus, mura tèid preasarlach a dhèanamh dhith, gun tig aona stoc mòr air craobh-challtainn. Tha ùghdaran an leabhair ag ràdh gu bheil a h-uile gin dhiubh seo ceàrr. Chan eil sinn a’ tuigsinn, tha iad ag ràdh, rud a tha fo ar sròinean fhèin.

Tha na h-ùghdaran, Sandy agus Brian Coppins, ag ràdh gum bi craobhan-calltainn, gu seachd àraidh an fheadhainn a tha a’ fàs air taobh an iar na h-Alba – Coilltean a’ Chuain Siar mar a chanas iad riutha – gu nàdarrach iomadh-stocach. Chan eil preasarlach a’ tighinn a-steach don ghnothach. Às aonais mac-an-duine, bhiodh ar coilltean-calltainn làn chraobhan-calltainn iomadh-stocach. ’S dòcha gur e preasan-calltainn’ a bhiodh againn orra, seach craobhan-calltainn’, co-dhiù, ma tha sinn a’ tomhas craobh mar rud le aona stoc a-mhàin.

Ach, bidh sibh ag ràdh, tha mise eòlach air coilltean far a bheil na craobhan-calltainn nan craobhan, le dìreach aona stoc mòr air gach tè aca. A, uill, tha Sandy is Brian Coppins ag ràdh nach e suidheachadh nàdarrach a th’ ann an sin. ’S e ionaltradh a dh’adhbharaicheas sin – ionaltradh le caoraich agus fèidh. Nuair a chuirear stad air an ionaltradh, bidh na craobhan a’ dol air ais gu bhith iomadh-stocach.

Chithear sin, mar eisimpleir, ann an Coille Loch a’ Mhuilinn ann an Eadar-Dhà-Chaolas. Cho luath ’s a chaidh feansa a chur an-àirde timcheall pàirt de choille-challtainn airson fèidh a chumail a-mach, thòisich stocan ùra a’ fàs bho fhreumhaichean nan craobh. Thachair e gu luath. ’S e dìreach ionaltradh a bha a’ cur stad orra bho bhith a’ fàs.

Tha na h-ùghdaran cuideachd ag ràdh nach eil e fìor gu bi calltainn a’ fàs gu nàdarrach a-mhàin mar phreas fo dhuilleach na coille. Bheir sinn sùil air sin an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach: craobh-challtainn: hazel tree; gual-fiodha: charcoal; darach: oak; Coilltean-challtainn a’ Chuain Siar: The Atlantic Hazelwoods; às aonais: without; Eadar-Dhà-Chaolas: Eddrachillis (NW Sutherland).

Abairtean na Litreach: seann sgeulachdan na Fèinne: the old Fingalian stories; measail air na cnothan: keen on the nuts; bha iad a’ cleachdadh an fhiodha airson iomadach rud: they were using the wood for many things; gun robhar a’ dèanamh preasarlach dhen choille:tha the wood was being coppiced; far a bheil iomadh stoc beag aig na craobhan, seach aona stoc mòr: where the trees are multistemmed rather than single trunked; a’ leagail cuid de na stocan: felling some of the stems; a’ nochdadh nan àite: appearing in their stead; a’ gabhail a-steach luchd-glèidhteachais, eag-eòlaichean choilltean agus manaidsearan oighreachdan:including conservationists, woodland ecologists and estate managers; nach bi i na craoibh as àirde anns a’ choille: it’s not the tallest tree in the wood; gur e mac-an-duine as coireach ri sin: that man is responsible for that; rud a tha fo ar sròinean fhèin: something that’s under our noses; gu seachd àraidh an fheadhainn: particularly the ones; a’ tomhas craobh mar rud le aona stoc a-mhàin: classifying a tree as something with only one trunk; cho luath ’s a chaidh feansa a chur an-àirde: as soon as a fence was erected; airson fèidh a chumail a-mach: to exclude deer; ’s e dìreach ionaltradh a bha a’ cur stad orra bho bhith a’ fàs: it’s just grazing that was stopping it from growing; a-mhàin mar phreas fo dhuilleach na coille: only as a shrub under the canopy of the forest.

Puing-chànain na Litreach: Creididh sinn gum bàsaich craobhan-calltainn mura tèid an dèanamh nam preasarlaich. Agus, mura tèid preasarlach a dhèanamh dhith, gun tig aona stoc mòr air craobh-challtainn: we believe that hazel trees die if they are not coppiced. And, if it is not coppiced, that a hazel tree will develop a single trunk. Do you notice that the verbal forms above (in bold) are all future active’. Well that’s not precisely so, as the future’ verbal form can also represent the present habitual’, sometimes translated into English with a present tense form of the verb.

Gnàthas-cainnt na Litreach: ’S e ionaltradh a dh’adhbharaicheas sin: it’s grazing that causes that.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 394

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean