FaclairDictionary EnglishGàidhlig

723: Faclan airson ‘sneachd’

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Faclan airson ‘sneachd’

Gaelic Gàidhlig

Nuair a bhios mi a’ ruith chùrsaichean mu na ceanglaichean eadar ar cànan agus ar tìr, bidh mi ag innse do na h-oileanaich gu bheil còrr is ceud facal ann an Gàidhlig airson beinn, cnoc no talamh àrd de sheòrs’ air choreigin. Tha mu shia fichead facal agam air an liosta. Agus tha ceathrad facal Gàidhlig agam airson ‘boglach’. Gu math tric, bidh daoine ag ràdh – sin dìreach mar a tha na faclan airson ‘sneachd’ ann an cànan nan Inuit.

Ach cia mheud facal Gàidhlig a th’ againn airson ‘sneachd’? Tha fliuch-shneachd ‘sleet’, clach-shneachd ‘hail’ agus crann-shneachd ‘dry snow’ againn. Tha ball-sneachda againn airson ‘snowball’ agus muc-shneachda nuair a tha e uabhasach mòr. Bidh daoine a’ dèanamh muc-aitidh le bhith a’ roiligeadh sneachd bog ann am ball mòr aig àm an àiteimh.

Dè mu dheidhinn nam faclan airson ‘snowflake’? Tha bleideag ann. Ach cuideachd – clòimhneag, lòine, clàdan, cleit is cleiteag. ’S e spìontag ‘a small drop of rain or flake of snow preceding a shower’. Agus, ann an Arainn, ’s e cuileaga-sneachda a chanadh iad ri ‘snowflakes’. Tha sin snog, nach eil?

Agus ‘a snow shower’? Fras-sneachda. No gith. Cuideachd, canaidh sinn gu bheil an cur ann, no gu bheil i a’ cur an t-sneachda. Ma tha an sneachd uabhasach bog is fliuch, dh’fhaodamaid a ràdh gu bheil glid ann.

Ma tha e cho bog ’s gun canamaid ‘sleet’ ris ann am Beurla, ’s e sin flin no flinne, fliug, glìobas, stiug, clàmhainn, flichneachd no flichneadh.

Ma tha sneachd a’ leaghadh nuair a bhuaileas na bleideagan an talamh, canaidh sinn gur e clìfeid no glìbheid a tha sin. Ma laigheas e, ’s e ùr-sneachd a th’ ann, agus ma tha gu leòr ann airson lorgan-coise a shealltainn, canaidh sinn lorganach-shneachda ris.

Ma tha dìreach gu leòr ann airson an talamh a dhèanamh liath, seach geal, canaidh sinn liathtas-sneachda ris. Agus, ged nach biodh dùil air sneachd mun àm seo dhen bhliadna, uaireannan bidh e a’ tighinn, agus canaidh sinn Glasadh na Cuthaig ris no, cuideachd, Sneachd Beag nan Uan. Chan eil e cho trom ri Sneachd na Cuthaig a thig anns a’ Ghiblean.

’S e cathadh no cabhadh a chanas sinn ann an Gàidhlig ri snowdrift. ’S e cur is cathadh a chanas sinn ri sneachd trom a thig le gailleann. Agus ’s e gnudhadh facal airson sneachd leaghte no ‘slush’.

Nuair a tha pìos de shneachd air fhàgail air cliathaich beinne as t-Earrach, ’s e cuithe a chanas sinn ri sin. Tha tè ainmeil ann an Srath Spè – A’ Chuithe Chrom air a’ Chàrn Ghorm. Anns a’ gheamhradh fhèin, feumaidh sgithearan nach eil air a’ phiste a bhith cianail faiceallach mu mhaoimean-sneachda – ’s e maoim-sneachda a’ Ghàidhlig air ‘avalanche’.

Canaidh sinn cho geal ris an t-sneachd ‘as white as the snow’ agus cho geal ri sneachd na h-aon oidhche ‘as white as the one-night snow’ – ’s e sin sneachd nach eil air a bhith a’ laighe fada gu leòr airson a bhith a’ fàs salach.

Mu dheireadh, seo ceist dhuibh – dè na h-eòin a tha ag innse gu bheil sneachd air an rathad nuair a nochdas iad ann an achaidhean anns a’ gheamhraidh? Bheir mi am fuasgladh dhuibh an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach: boglach: bog; fliuch-shneachd: sleet; clach-shneachd: hail; crann-shneachd: dry snow; ball-sneachda: snowball (normal size); muc-shneachda: very large snowball; Srath Spè: Strathspey.

Abairtean na Litreach: airson beinn, cnoc no talamh àrd de sheòrs’ air choreigin: for a mountain, hill or elevated land of some nature; bidh daoine a’ dèanamh muc-aitidh le bhith a’ roiligeadh sneachd bog aig àm an àiteimh: people make a muc-aitidh by rolling soft snow at a time of thaw; canaidh sinn gu bheil an cur ann, no gu bheil i a’ cur an t-sneachda: we say it’s snowing (two different ways); dh’fhaodamaid a ràdh: we might say; ma tha e cho bog ’s gun canamaid ‘sleet’ ris: if it’s so soft that we’d call it ‘sleet’; ma tha sneachd a’ leaghadh nuair a bhuaileas na bleideagan an talamh: if the snow melts when the flakes hit the ground; ma tha gu leòr ann airson lorgan-coise a shealltainn: if there’s enough to show footprints; airson an talamh a dhèanamh liath: to make the ground grey; Glasadh na Cuthaig: lit. the greying of the cuckoo; Sneachd Beag nan Uan: lit the little snow of the lambs; a chanas sinn ri sneachd trom a thig le gailleann: that we call heavy snow that comes with a storm; air cliathaich beinne as t-Earrach: on a mountainside in Spring; air a’ Chàrn Ghorm: on Cairn Gorm; feumaidh sgithearan nach eil air a’ phiste a bhith cianail faiceallach mu mhaoimean-sneachda: skiers who are not on the piste must be careful about avalanches; nach eil air a bhith a’ laighe fada gu leòr airson a bhith a’ fàs salach: that hasn’t been lying long enough to grow dirty; dè na h-eòin a tha ag innse gu bheil sneachd air an rathad:what are the birds that tell that snow is on the way; nuair a nochdas iad ann an achaidhean anns a’ gheamhraidh: when they appear in fields in winter.

Puing-chànain na Litreach: I didn’t mention the Gaelic for ‘hail’ in the Litir. It’s generally clach-mheallain in the singular and clachan-meallain in the plural, although the singular can be used collectively. The name means ‘the stone that comes in clusters’. A heavy hailstorm might be described thus: ‘tha na clachan-meallain a’ cur deann às an talamh’ (the hailstones are spattering lit. ‘putting mist out of the ground’).

Gnàthas-cainnt na Litreach: cho geal ris an t-sneachd ‘as white as the snow’; cho geal ri sneachd na h-aon oidhche ‘as white as the one-night snow’.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 419

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean