FaclairDictionary EnglishGàidhlig

763: Tubaist-mhara aig Uilleam Mac an t-Sagairt

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Tubaist-mhara aig Uilleam Mac an t-Sagairt

Gaelic Gàidhlig

Bha mi a’ bruidhinn an t-seachdain sa chaidh mun mheas a th’ agam air obair an neach-ealain ainmeil, Uilleam Mac an t-Sagairt. Bha Uilleam, a bhuineadh do Cheann Tìre, am measg ginealach de pheantairean Albannach a bha cianail tàlantach. ’S iad na seallaidhean mara aige as motha a tha a’ còrdadh rium.

Bhiodh Uilleam a’ tilleadh a Cheann Tìre gu tric. Bhiodh e uaireannan a’ falbh a-mach ann an eathar – an seòrsa, tha mi cinnteach, a chithear anns na dealbhan aige. Aon turas, anns an Lùnastal ann an ochd ceud deug, ochdad ’s a naoi (1889), bha e ann an cunnart a bheatha a chall.

Bha Uilleam agus a bhean Marsaili ag iasgach ann an eathar ann an Loch Chille Chiarain. Cuide riutha, bha an dithis mhac agus caraid dhaibh, Tòmas Young. ’S e latha brèagha brèagha a bh’ ann. Ged nach robh e ag obair, tha mi an dùil gun robh Uilleam a’ cuimhneachadh gach nì le sùil an neach-ealain.

Thàinig bàta-smùide a-mach à cala Cheann Locha – mar a chanadh na Gàidheil ri Ceann Loch Chille Chiarain. ’S e am Meteor an t-ainm a bh’ oirre. Bhuineadh i do Lìte. Bha eathar Mhic an t-Sagairt air acair faisg air beul an locha agus bha bàt’-iasgaich meadhanach faisg oirre. Ach bha pailteas rùim ann airson a’ Mheteor a bhith a’ faighinn seachad oirre.

Bha Uilleam agus a chompanaich air an dòigh ’s air an socair, ag iasgach. Ach mhothaich iad gun robh am Meteor a’ dèanamh gu dìreach orra agus nach do dh’atharraich i a cùrsa. Nuair a bha i mu shia fichead slat bhuapa, sheas Uilleam agus Tòmas an-àirde. Smèid iad agus dh’èigh iad gu h-àrd. Chunnaic iad dithis fhear air bòrd a’ Mheteor. Bha iad ag obair aig a’ bheul-mhòr. Bha Mac an t-Sagairt cinnteach mar sin gun robh cuideigin air bòrd a’ Mheteor air am faicinn.

Ach fhathast lean am bàta-smùide air a cùrsa. Bha a-nise an t-eagal air Uilleam agus a chompanaich. Chunnaic iad treas fear air bòrd a’ Mheteor. Bha iad ag èigheachd ach cha do rinn e diofar sam bith. Bhuail am Meteor gu cruaidh anns an eathar, ga sgàineadh ann an dà leth. Thuit a h-uile duine air an eathar don mhuir, agus lean am Meteor thairis orra.

’S ann an uair sin a chunnaic sgioba a’ Mheteor gun robh rudeigin ceàrr. Stad iad am bàta agus chunnaic iad còignear anns an uisge. Chuir iad geòla thar a’ chliathaich agus thog iad a h-uile duine gu sgiobalta. Gu fortanach cha robh duine aca air a ghoirteachadh. Bha iad fliuch, fuar is rudeigin feargach, ach cha robh cùisean na bu mhiosa na sin.

‘Carson fon ghrèin a rinn thu sin?’ dh’fhaighnich Mac an t-Sagairt dhen sgiobair, Gilleasbaig Grassam. Dh’aidich Grassam nach robh neach-faire air a bhith aige.

Thàinig a’ chùis gu cùirt as t-Sultain. Bha na h-iasgairean a bha faisg air làimh air a h-uile càil fhaicinn. Thug iad fianais seachad gun robh sgioba a’ Mheteor air an soitheach a làimhseachadh ann an dòigh chunnartach. Fhuair Gilleasbaig Grassam trì mìosan sa phrìosan agus fhuair a mheit dà mhìos. Agus, gu fortanach, bha Uilleam Mac an t-Sagairt beò airson còrr is fichead bliadhna eile airson leantainn leis an obair a tha ga fhàgail am measg nam peantairean Gàidhealach a b’ ainmeile a bh’ ann riamh.

Faclan na Litreach: Uilleam Mac an t-Sagairt: William MacTaggart; eathar: boat; a chithear: which can be [are] seen; Loch Chille Chiarain:Campbeltown Loch; Ceann Loch Chille Chiarain: Campbeltown; Lìte: Leith; fianais: evidence.

Abairtean na Litreach: mun mheas a th’ agam air obair an neach-ealain ainmeil: about the admiration I have for the work of the well-known artist; a bhuineadh do Cheann Tìre: who belonged to Kintyre; am measg ginealach de pheantairean Albannach a bha cianail tàlantach:among a generation of Scottish painters who were incredibly talented; ’s iad na seallaidhean mara aige as motha a tha a’ còrdadh rium:I like his seascapes the best; ann an cunnart a bheatha a chall: in danger of losing his life; bha bàt’-iasgaich meadhanach faisg oirre:a fishing boat was in reasonable proximity to them; bha pailteas rùim ann airson X a bhith a’ faighinn seachad oirre: there was plenty of room for X to get past her; air an dòigh ’s air an socair, ag iasgach: fishing in a happy and relaxed manner; nach do dh’atharraich i a cùrsa: she didn’t change her course; smèid iad agus dh’èigh iad gu h-àrd: they waved and shouted loudly; ag obair aig a’ bheul-mhòr: working at the gunwale; gun robh cuideigin air am faicinn: that somebody had seen them; bhuail X gu cruaidh anns an eathar, ga sgàineadh ann an dà leth: X hit the boat hard, cutting it in two; chuir iad geòla thar a’ chliathaich agus thog iad a h-uile duine gu sgiobalta: they put a dinghy over the side and they quickly picked up everybody; dh’aidich X nach robh neach-faire air a bhith aige: X admitted he hadn’t had anybody on lookout; bha na h-iasgairean air a h-uile càil fhaicinn: the fishermen had seen everything; gun robh X air an soitheach a làimhseachadh ann an dòigh chunnartach: that X had handled the vessel in a dangerous manner; fhuair a mheit dà mhìos: his mate received two months.

Puing-chànain na Litreach: mu shia fichead slat bhuapa: about a hundred and twenty yards away from her. We still use slat, in addition to meatair, for measurements of distance, but notice that after fichead, or multiples of fichead , that the noun goes in the singular case. And note that we can, traditionally, continue to count in twenties between 100 and 200. So 140 is seachd fichead (an alternative to ceud is dà fhichead or ceud is ceathrad).

Gnàthas-cainnt na Litreach: lean am bàta-smùide air a cùrsa: the steamship continued on its [her] course.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 459

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean