FaclairDictionary EnglishGàidhlig

774: Dòmhnall MacRath agus Creach Mhòr nam Fiadh (2)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Dòmhnall MacRath agus Creach Mhòr nam Fiadh (2)

Gaelic Gàidhlig

Nuair a chuala an riaghaltas gun robh croitearan air na Lochan ann an Leòdhas a’ dol air adhart le ‘Creach Mhòr nam Fiadh’, chuir iad poilis agus saighdearan a dh’ionnsaigh an eilein. Bha sin anns an t-Samhain ochd ceud deug, ochdad ’s a seachd (1887). Bha mar a làimhsich an riaghaltas a’ chùis a’ dearbhadh nach do thuig iad gur e ana-ceartas a bha a’ gluasad nan croitearan, seach gràin no miann a bhith ri fòirneart.

Air an treas latha dhen ghnothach, thachair an siorram, Mgr Friseal, agus ceannard nam poileas ann an Steòrnabhagh, an Superintendent Gòrdan, ri buidheann de luchd-togail na creiche ann am meadhan oighreachd na Pàirce. Mhìnich an siorram ann an Gàidhlig gun robh poilis agus saighdearan a’ tighinn don eilean agus nach robh dòigh ann aig na croitearan buaidh a thoirt air ùghdarrasan na stàite.

Thug na croitearan am bonaidean dheth airson sealltainn don t-siorram gun robh spèis aca dha, agus mhìnich iad dha na thug orra creach a thogail. Leugh an Siorram Achd na h-Aimhreit ann am Beurla, agus mhìnich e ann an Gàidhlig i. Thòisich na croitearan air tilleadh do na bailtean aca, agus iad a’ meòrachadh air a’ ‘cheartas Bhreatannach’ fon robh iad a’ tighinn beò air Gàidhealtachd na h-Alba.

Thàinig a’ chreach gu ceann gu sìtheil. Bha sianar air an cur an grèim – Ruairidh Sheòrais, Iain ’an Mhurchaidh, Murchadh an Tàilleir, Calum Alasdair Ruaidh agus Dòmhnall Aonghais Iain. Bha iad à Bail’ Ailein, Grabhair agus Crosabost.

Agus bha siathamh duine ann – am maighstir-sgoile, Dòmhnall MacRath à Bail’ Ailein. Bha a h-uile duine aca air an tarraing air beulaibh cùirte aig an Àrd-chùirt ann an Dùn Èideann. Bha triùir bhritheamhan ann, agus diùraidh.

Ged a bha cumhachd na stàite nan aghaidh, fhuair na croitearan taic mhòr bho dhaoine air feadh an t-saoghail. Chaidh mìltean notaichean a-steach gu ionmhas a chumadh taic ri teaghlaichean nan cailleadh iad am fear a bha a’ cumail airgead riutha, agus e sa phrìosan.

Thuirt Àrd-neach Lagha na h-Alba gum bu chòir don t-sianar a bhith air an dìteadh de dh’aimhreit. Thuirt e gur e Dòmhnall MacRath a bh’ air a’ chreach eagrachadh agus, ged a bha co-fhaireachdainn aige do na croitearan, nach robh co-fhaireachdainn aige do MhacRath. Bha an tidsear, thuirt e, a’ dèanamh mì-chleachdadh dhen t-suidheachadh aige, a’ brosnachadh dhaoine gus an lagh a bhriseadh.

Ach thug an diùraidh taic do MhacRath agus a chompanaich. Taobh a-staigh leth-uair a thìde, thug iad breith – ‘neoichiontach’. Bha Dòmhnall MacRath air a thogail air guailnean luchd-taice a-mach às an taigh-chùirte agus sìos an Àrd-shràid ann am meadhan Dhùn Èideann. Ach, fhad ’s a thill a’ chòignear eile a bha fo chasaid a Leòdhas, far an robh na ceudan a’ feitheamh riutha aig Cidhe Steòrnabhaigh, chaidh Dòmhnall a Lunnainn.

Cha robh Dòmhnall cho soirbheachail ann am poilitigs ’s a bha e mar neach-coiteachaidh aig ìre coimhearsnachd. Sheas e airson na Pàrlamaid às leth Lìog an Fhearainn ann an Siorrachd Inbhir Nis. Chaill e, ge-tà, don tagraiche Thòraidheach. Bha na Tòraidhean a’ gealltainn ath-leasachadh air laghan fearainn na h-Alba. Ach tha Dòmhnall MacRath air a chuimhneachadh ann an Leòdhas fhathast, agus gu dearbh air feadh na Gàidhealtachd, airson na rinn e às leth nan daoine.

Faclan na Litreach: air na Lochan: in the parish of Lochs; Creach Mhòr nam Fiadh: The Great Deer Raid (of Park); siorram: sheriff; An Àrd-chùirt:The High Court; Àrd-neach Lagha na h-Alba: Solicitor General of Scotland; co-fhaireachdainn: sympathy; Lìog an Fhearainn: Land League.

Abairtean na Litreach: chuir iad poilis agus saighdearan a dh’ionnsaigh an eilein: they sent police and soldiers to the island; gur e ana-ceartas a bha a’ gluasad nan croitearan: that it was injustice that was motivating the crofters; seach gràin no miann a bhith ri fòirneart:rather than hatred or a desire to be violent; nach robh dòigh ann aig na croitearan buaidh a thoirt air ùghdarrasan na stàite:that the crofters had no way of defeating the state’s authorities; thug na croitearan am bonaidean dheth:the crofters removed their bonnets; airson sealltainn don t-siorram gun robh spèis aca dha:to demonstrate to the sheriff that they respected him; mhìnich iad dha na thug orra creach a thogail: they explained to him what caused them to raid the deer; fon robh iad a’ tighinn beò: under which they lived; air an cur an grèim: arrested; triùir bhritheamhan agus diùraidh: three judges and a jury; cumhachd na stàite: the power of the state; ionmhas a chumadh taic ri teaghlaichean: a fund that would support families; nan cailleadh iad am fear a bha a’ cumail airgead riutha, agus e sa phrìosan: if they lost the breadwinner because he was in prison; a bh’ air a’ chreach eagrachadh: who had organised the raid; a’ brosnachadh dhaoine gus an lagh a bhriseadh: encouraging people to break the law; thug iad breith – ‘neoichiontach’: they came to a judgement – ‘not guilty’; air a thogail air guailnean luchd-taice: lifted on supporters’ shoulders; fhad ’s a thill a’ chòignear eile a bha fo chasaid a Leòdhas: while the other five who had been accused; na ceudan a’ feitheamh riutha aig Cidhe Steòrnabhaigh:hundreds waiting for them at Stornoway Pier; ath-leasachadh air laghan fearainn: a shake-up of land laws; na rinn e às leth nan daoine: what he did on behalf of the people.

Puing-chànain na Litreach: Bha mar a làimhsich an riaghaltas a’ chùis a’ dearbhadh…: how the government handled the matter proved… A clause such as ‘mar a làimhsich an riaghaltas’ can play the role of a subject in the sentence, coming immediately after the verb. Another example is ‘ bha mar a thuit e far a bhaidhsagal na dheagh eisimpleir dhen dol a-mach aige’.

Gnàthas-cainnt na Litreach: air an dìteadh de dh’aimhreit: convicted of rioting.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 470

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean