FaclairDictionary EnglishGàidhlig

776: Faclan fillte à Faclair Armstrong (2)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Faclan fillte à Faclair Armstrong (2)

Gaelic Gàidhlig

Tha sinn ag obair tron aibidil ann an seann fhaclair Armstrong, a’ lorg fhaclan-fillte a tha iongantach no annasach. Agus seo facal dhuibh – gnùis-nàire. Gnùis-nàire. Bidh fios agaibh dè th’ ann an nàire – shame, embarrassment. Agus gnùis – uill, ’s e sin d’ aodann, no an coltas air d’ aodann. Gnùis-nàire – bashfulness, shamefacedness.

Is gann na faclan againn a tha a’ tòiseachadh le ‘h’. Mar sin, thèid sinn gu ‘i’. Agus seo facal – ion-phòsta. Ion-phòsta. ’S e buadhair a th’ ann. Nuair a tha ion- air beulaibh facal eile, tha e a’ ciallachadh fit for no worthy of. Tha neach a tha ion-phòsta airidh air a bhith pòsta. Tha e marriageable.

Agus lèigh-losgadh. Lèigh-losgadh. Tha lèigh co-cheangailte ri slànachadh, nach eil? Tha e a’ ciallachadh dotair, physician. Bidh sibh eòlach air an fhacal leigheas – rudeigin a bheir feabhas air neach a tha tinn. Agus losgadh – tha sin co-cheangailte ri teas mòr – burning. A bheil sibh a’ tuigsinn lèigh-losgadh a-nise? Cauterization.

Nise, facal a tha a’ tòiseachadh le ‘m’ – mòr-roinneach. Mòr-roinneach. ’S e stàit mhòr-roinneach a th’ ann an Canada – tha i air a roinn ann an diofar mhòr-roinnean. Tha Ontario na mhòr-roinn de Chanada, mar a tha Alba Nuadh. Mòr-roinn – province. Mòr-roinneach– provincial, air a dhèanamh de mhòr-roinnean.

Nuall-ghuthach . Sin facal dhuibh. Chanamaid gu bheil cuideigin nuall-ghuthach ma tha guth aca a tha a’ dèanamh nuallan. Nuall no nuallan – a lament, howl, wail, shriek. Nuall-ghuthach – having a howling voice no howling, roaring.

Bu toigh leam gluasad don treas litir dheug anns an aibidil Ghàidhlig – ‘o’. Agus tha facal-fillte brèagha agam dhuibh. ’S e ainmear a th’ ann – òr-mhadainn. Ma bhios sibh a’ leughadh bàrdachd Ghàidhlig, ’s dòcha gum bi sibh eòlach air. No air fear car coltach – òg-mhadainn. Òr-mhadainn – briseadh an latha, èirigh na grèine, the break of day. An t-àm dhen mhadainn nuair a tha solas le dath an òir ann. Chan eil àm nas brèagha na sin, a bheil?

An ath fhacal – prìomh-sheòl. Ma tha sibh eòlach air bàtaichean, gu h-àraidh bàtaichean-seòlaidh, ’s dòcha gum bi sin follaiseach. ’S e am prìomh-sheòl, an seòl as motha air gheat. The mainsail.

Agus ruadh-thuil. Ruadh-thuil. Gu litreachail tha sin a’ ciallachadh red-brown flood. Tha e a’ ciallachadh tuil air talamh mòintich far a bheil an t-uisge air a ruadhachadh.

Chan eil ach trì litrichean air fhàgail a-nise – ‘s’, ‘t’ agus ‘u’. Seo fear a’ tòiseachadh le ‘s’ – seach-labhairt. Seach-labhairt. Tuigidh sibh labhairt – bruidhinn. Agus seach – uill, air an taobh, seachad air, mar gum bitheadh. Tha seach-labhairt a’ ciallachadh speaking allegorically.

Tuil-dhoras. Sin am facal tuil a-rithist. Tuil-dhoras – a flood door. Dè th’ ann a sin? Uill, dà rud – a floodgate air neo the lock in a canal. Tuil-dhoras.

Agus am facal mu dheireadh – uim-sheòladair. Neach a bhios a’ seòladh uime. Tha uime stèidhichte air an roimhear mu. Tha e a’ ciallachadh about him no about it. Uim-sheòladair – circumnavigator. Saoilidh mi gu bheil sinn fhèin air uim-sheòladh gu leòr a dhèanamh timcheall an fhaclair an-dràsta. Beannachd leibh.

Faclan na Litreach: buadhair: adjective; slànachadh: healing; lèigh-losgadh: cauterization; ainmear: noun; bàtaichean-seòlaidh:sailing boats; gheat: yacht; seach-labhairt: speaking allegorically, allegorising; tuil-dhoras: a floodgate, lock in a canal.

Abairtean na Litreach: ag obair tron aibidil: working through the alphabet; a’ lorg fhaclan-fillte a tha iongantach no annasach:looking for compound words that are noteworthy or unusual; ’s e sin d’ aodann, no an coltas air d’ aodann: that’s your face or the look on your face; is gann na faclan againn a tha a’ tòiseachadh le: there are very few words that start with; airidh air a bhith pòsta: worthy of being married, fit to be married; rudeigin a bheir feabhas air neach a tha tinn:something that improves the condition of a person who is sick; ’s e stàit mhòr-roinneach a th’ ann an Canada:Canada is a provincial country (ie it is a federation of provinces); air a roinn ann an diofar mhòr-roinnean: divided into different provinces; chanamaid gu bheil cuideigin nuall-ghuthach: we’d say that somebody is nuall-ghuthach; ma tha guth aca a tha a’ dèanamh nuallan: if their voice is shrieky; bu toigh leam gluasad don treas litir dheug anns an aibidil Ghàidhlig:I’d like to move to the 13th letter in the Gaelic alphabet; an t-àm dhen mhadainn nuair a tha solas le dath an òir ann:the time of the morning when the light is golden; tuil air talamh mòintich far a bheil an t-uisge air a ruadhachadh: a flood in peaty country where the water is reddened (by tannins); saoilidh mi gu bheil sinn fhèin air uim-sheòladh gu leòr a dhèanamh timcheall an fhaclair an-dràsta: I reckon we have ourselves done enough circumnavigation of the dictionary for now.

Puing-chànain na Litreach: Ion-phòsta: marriageable. In principle, one ought to be able to construct new ion- words that are not in the dictionary. Examples that are well-known are ionmholta ‘worthy of praise, praiseworthy’, ion-roghnaichte ‘worthy of choice, preferable’ and ion-mhiannaichte ‘worthy of desire, desirable’. What about ion-tòisichte ‘worthy of commencement’, ion-chuidichte ‘worthy of help’ and ion-ghlèidhte ‘worthy of keeping’? Would they work for you? Do you have any other examples?

Gnàthas-cainnt na Litreach: Is gann na faclan againn a tha a’ tòiseachadh le ‘h’: few are the words we have which start with ‘h’.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 472

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean