FaclairDictionary EnglishGàidhlig

785: An Fheòrag ann an Ainmean-àite

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

An Fheòrag ann an Ainmean-àite

Gaelic Gàidhlig

Bha e riamh inntinneach dhomh cho gann ’s a tha ainmean-àite air a’ Ghàidhealtachd anns a bheil an fheòrag a’ nochdadh. Anns an leabhar ùr aigeReading the Gaelic Landscape, tha Iain Moireach a’ dèanamh dheth gur dòcha gur e as coireach ri sin gun robh a’ Ghàidhealtachd a’ sìor chall a cuid chraobhan nuair a bha na Gàidheil ag ainmeachadh na tìre. Ach tha e a’ soilleireachadh aon àite far an nochd an fheòrag. Chan e ‘feòrag’ a th’ oirre ge-tà, ach rudeigin eile. Thig mi gu sin an-ceartuair.

Tha cuimhne agam air còmhradh a bh’ agam le tè à Uibhist a Deas o chionn grunn bhliadhnaichean. Dh’fhaighnich i dhìom, ‘A Ruairidh, dè a’ Ghàidhlig air pheasant?’ ‘Easag,’ fhreagair mise. ‘’S e sin a chuala mi co-dhiù.’

‘O, chan eil fhios a’m mu dheidhinn sin,’ thuirt i. ‘’S e sin a chanamaid fhèin airson squirrel.’ Bha sin inntinneach dhomh, gu h-àraidh leis gu bheil Uibhist a Deas gu math gann de chraobhan – agus, mar sin, de dh’fheòragan. Cò às a thàinig easag airson squirrel? Ma dh’fhaodte gun robh e a’ dol air ais fada ann an eachdraidh a’ chànain.

Agus ’s e easag a tha a’ riochdachadh na feòraig anns an ainm-àite a tha Iain Moireach ag ainmeachadh. ’S e an t-àite – Kintessack faisg air Farrais ann am Moireibh. ’S e sin Ceann na h-Easaig ann an Gàidhlig. Tha Iain a’ dèanamh dheth gur e an fheòrag a th’ air a riochdachadh anns an ainm.

Bu chòir don a h-uile duine aig a bheil ùidh ann an àrainneachd na Gàidhealtachd lethbhreac fhaighinn de Reading the Gaelic Landscape. Tha an t-uabhas fiosrachaidh ann a bhios na chuideachadh ann a bhith a’ tuigsinn ainmean-àite Gàidhlig. Agus tha fiosrachadh ann mu eachdraidh a’ chànain fhèin.

Aig deireadh an leabhair, tha Iain a’ toirt tar-shealladh air a’ ghnothach. Thug e sùil air ceathrad s a sia (46) dhen t-seachdad s a dhà (72) mapaichean Landranger de dh’Alba, far a bheil ainmean-àite Gàidhlig cumanta, gun a bhith air an atharrachadh le cànan eile. Rinn e sgrùdadh air na h-eileamaidean annta. Tha e a’ dèanamh dheth gu bheil còrr is sia ceud dhiubh uile-gu-lèir. Tha ainmean ainmhidhean a’ dèanamh deich às a’ cheud dhen bhriathrachas.

Nas cumanta na sin, tha na h-ainmean co-cheangailte ri uisge is sàl, lochan, aibhnichean, uillt is cladaichean. ’S docha nach eil sin na iongnadh, nuair a thathar a’ coimhead air Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha Iain na iasgair slaite agus tha e a’ toirt seachad fiosrachadh a bhios feumail do dh’iasgairean. Chan eil fhios a’m dè cho glic ’s a tha sin, agus e fhèin ceum air thoiseach air mòran dhiubh an-dràsta leis an eòlas a th’ aige! Ach tha e math gu bheil e a’ faicinn gur e buidheann a th’ annta a bu chòir Gàidhlig ionnsachadh.

’S e a chomhairle gum bu chòir ‘Lochan Dubha’ a sheachnadh, co-dhiù ro mheadhan an t-samhraidh. Tha iad fuar, searbhagach is mòineach. Bidh feadhainn le ainmean eunach orra, leithid Loch nan Eun no Lochan nan Gèadh, nas fheàrr airson iasgach oir bidh eòin a’ todhradh an uisge. Agus bidh fios aig a h-uile duine a leughas an leabhar gur e lochan iasgaich fìor mhath a th’ ann an Loch nam Breac Mòra agus Loch nam Breac Reamhar!

Faclan na Litreach: Iain Moireach: John Murray; Uibhist a Deas: South Uist; easag: pheasant, squirrel; àrainneachd: environment; tar-shealladh: overview; eileamaidean: elements; sàl: saltwater; iasgair slaite: rod-and-line fisherman; searbhagach:acidic; mòineach: peaty; eunach: avian; Lochan nan Gèadh: the lochan of the geese; Loch nam Breac Reamhar: the loch of the fat trout [pl.].

Abairtean na Litreach: Bha e riamh inntinneach dhomh: it was always interesting to me; cho gann ’s a tha ainmean-àite anns a bheil an fheòrag a’ nochdadh:how few place-names there are in which the squirrel appears; nuair a bha na Gàidheil ag ainmeachadh na tìre:when the Gaels were naming the landscape; tha e a’ soilleireachadh aon àite: he highlights one place; thig mi gu sin an-ceartuair:I’ll come to that presently; ’s e sin a chuala mi co-dhiù: that’s what I heard anyway; ’s e sin a chanamaid fhèin airson: that’s what we would say for; gann de chraobhan: lacking in trees; ma dh’fhaodte gun robh e a’ dol air ais fada ann an eachdraidh a’ chànain: perhaps it was going back a long way in the history of the language; a tha a’ riochdachadh na feòraig: that represents the squirrel; a bhios na chuideachadh ann a bhith a’ tuigsinn: which is a help in understanding; tha ainmean ainmhidhean a’ dèanamh deich às a’ cheud dhen bhriathrachas: names of animals make up ten percent of the vocabulary; chan eil fhios a’m dè cho glic ’s a tha sin: I’m not sure how wise that is; ceum air thoiseach air mòran dhiubh: a step ahead of many of them; gum bu chòir X a sheachnadh: that X should be avoided; bidh eòin a’ todhradh an uisge: birds fertilize the water.

Puing-chànain na Litreach: far a bheil ainmean-àite Gàidhlig cumanta, gun a bhith air an atharrachadh le cànan eile:where Gaelic place-names are common, without being modified by another language. Gun a bhith air is a useful phrase, but remember to use the appropriate possessive pronoun before the verbal noun eg bha mi sìtheil, socrach gun a bhith air mo chur thuige leis an dol a-mach aige ‘I was peaceful and relaxed, not being angered by his behaviour’; bha i na laighe air grunnd na mara, gun a bhith air a togail ‘she was lying on the seabed, without being raised’; bha sinn ann gun fhiosta, gun a bhith air ar clàradh air an rathad a-steach ‘we were there secretly, not having been recorded on entry’.

Gnàthas-cainnt na Litreach: a’ sìor chall a cuid chraobhan : rapidly losing its trees.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 481

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean