Bha mi ag innse dhuibh mu leabhar a thàinig a-mach am-bliadhna ann an Alba Nuaidh –     The Naughty Little Book of Gaelic: All the Scottish Gaelic You Need to Curse, Swear, Drink, Smoke and Fool Around. Tuigidh sibh nach eil an Litir
    idir a’ brosnachadh dhaoine a dh’ionnsaigh droch ghiùlan no droch chainnt. ’S ann air briathrachas a tha sinn a’ coimhead. Briathrachas a tha cudromach ann
    an cànan a tha beò is beòthail, agus a th’ air a cleachdadh le daoine òga.
    Bidh sibh eòlach air deoch an dorais, tha mi cinnteach – nuair a bhiodh daoine a’ faighinn deoch air an rathad a-mach à taigh. Leis gum bi daoine
    a’ dràibheadh an-diugh, chan eil e cho cumanta. Seo rann a tha ga chomharrachadh:
    Deoch an dorais, deoch an t-sonais,
    Deoch an deagh thurais, nì dona, chan eil againn,
    Nì math, bu mhath leinn;
    Air ghaol sìthe, is air eagal conais,
    Thoiribh deoch an dorais dhuinn.
    Agus tha deoch làidir cudromach uaireannan airson càirdeas a dhèanamh no a dhaingneachadh. Tha deoch-eòlais a’ ciallachadh deoch a ghabhas daoine
    airson eòlas fhaighinn air a chèile.
Ach bha daoine riamh mothachail gu bheil cunnart an cois na dibhe cuideachd. Tha seanfhacal ag innse dhuinn – nuair a bhios deoch a-staigh, bidh ciall a-muigh. Agus tha seanfhacal comhairleachaidh ann:    aon ghlainne – chan fheàirrde ’s cha mhiste i, dà ghlainne – is fheàirrde ’s cha mhiste i, trì glainneachan – is miste ’s chan fheàirrde i.
Tha abairtean anns an leabhar co-cheangailte ri ìrean de mhisg. Mar eisimpleir tha smùid air ‘he is happily drunk’ agus    bha e air smùid mhòr a ghabhail ‘he went on a big drinking binge’.
    Tha a’ chaibideil mu dheireadh mu dheidhinn feise agus briathrachas na Gàidhlig airson sin. Ged a bhios cuid mì-chofhurtail le sin ’s dòcha, seo a’
    chaibideil as cudromaiche anns an leabhar ann an dòigh. Carson? Uill, ’s e briathrachas a th’ ann nach fhaighear ann am faclair, agus nach fhaighear ann an
    clas no cùrsa Gàidhlig. Uill, cha robh a leithid ann an gin de na clasaichean agamsa, co-dhiù!
    Bha mi ag innse dhuibh gun do sgrìobh Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair bàrdachd dhrabasta nach robhar a’ foillseachadh ri linn Bhictoria. Ach nochd dàin de
    a leithid anns a’ chruinneachadh aige ann an seachd ceud deug, caogad ’s a h-aon (1751) a dh’fhoillsich e fhèin. Agus tha fear dhiubh anns an leabhar seo.
    Chan e seo an dàn Gàidhlig as sine anns a bheil bàrd a’ moladh ball-bodhaig a bhuineas do dh’fhir a-mhàin – tha eisimpleirean a’ dol air ais gu linn nam
    bàrd clasaigeach.
     
    Ma tha sibh ag iarraidh faclan ionnsachadh airson nam ball-gineamhainn ann am fir is mnathan, seo an leabhar dhuibh. Agus tha briathrachas ann airson feise
    cuideachd. Tha Gàidhlig ann airson ‘pòg Fhrangach’ mar a chanadh daoine anns a’ chànan eile. Ach, an àite an Fhraing ainmeachadh, tha i ag ainmeachadh
    eilean beag Gàidhealach ann an Alba. Cò fear? Cuiridh e iongnadh oirbh ’s dòcha, agus chan eil mi a’ dol a dh’innse dhuibh. Feumaidh sibh an leabhar a
    cheannach!
    Agus tha ciall eile, nach robh agam roimhe, feumaidh mi aideachadh, air ‘seinn na clàrsaich’. Bho seo a-mach, bidh mi gu math faiceallach de bhith a’
    faighneachd de bhoireannach an seinn i a clàrsach dhomh, eagal ’s gum faigh mi sgailc air mo bhus!