FaclairDictionary EnglishGàidhlig

920: Fionn agus Bran

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Fionn agus Bran

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu mar a fhuair Fionn MacCumhail an cù aige, Bran. Bha Bran dìleas agus làidir. Turas a bha seo, bha iad a’ tadhal air Rìgh air eilean air choreigin. Bha uilebheist mara a’ sàrachadh muinntir a rìoghachd. Thuirt Fionn gun cuireadh e às don uilebheist. Ach thug an Rìgh comhairle dha gun a bhith a’ feuchainn oir bha e cho cunnartach. Fhreagair Fionn gun dèanadh e fhèin is Bran an dìcheall co-dhiù.

Chaidh Fionn agus Bran a-bhàn don chladach far am biodh an t-uilebheist a’ tighinn gu tìr. Dh’fhuirich iad ann fad na h-oidhche ach dhen uilebheist, cha robh sgeul.

Sa mhadainn, ge-tà, nochd e air tìr. ‘Cò thus’, a throich?’ thuirt e. ‘Agus cò an abhag a tha seo ri do thaobh?’

‘Is mise Fionn, Rìgh na Fèinne,’ fhreagair Fionn, ‘nach do chuir a chùl ri caraid no nàmhaid riamh. Agus seo mo charaid Bran as urrainn stad a chur air trì batailianan de shaighdearan leis fhèin.’

‘Cuiridh thu do chùl riumsa,’ thuirt an t-uilebheist, ‘no bidh thu fhèin is do chuilean marbh aig mo chasan.’ Leum e air Fionn agus thòisich an dithis air sabaid le chèile. Bha an t-uilebheist a’ faighinn làmh-an-uachdair agus bha Fionn a’ call fuil.

‘A Bhran, a charaid,’ dh’èigh e. ‘Sàbhail mi. Tha mi a’ fàs fann.’ Mu dheireadh, leum Bran air an uilebheist agus reub e a ghruthan agus a chridhe a-mach. Thuit an t-uilebheist marbh sa spot.

Dh’imlich Bran lotan a mhaighstir agus shlànaich iad sa mhionaid. Bha na Gàidheil bhon uair sin a’ creidsinn gum biodh lotan air an slànachadh le uisge-beòil coin. Chaidh Fionn is Bran a dh’innse don Rìgh mu bhàs na h-uilebheist. Bha an Rìgh cho toilichte ʼs gun tuirt e ri Fionn gun toireadh e leth a rìoghachd dha.

‘Chan iarrainn a leithid,’ arsa Fionn. ‘B’ e mo dhuais aodann Bhrain fhaicinn nuair a shàbhail e mi.’ Bha dlùth-chàirdeas eadar Fionn agus a chù.

Nise, a bheil cuimhne agaibh nuair a fhuair Fionn Bran gun robh cuilean eile ann, a bhràthair? Thug a mhàthair air ais dhachaigh e. B’ esan Sgeolan, no an Cù Glas. Uill, bliadhnaichean an dèidh làimhe, thàinig an dà chù còmhla. Seo mar a thachair e.

Latha a bha seo, bha Fionn agus a chompanaich air a’ bheinn-sheilg agus mharbh iad fèidh gu leòr. Nuair a bha iad a’ dèanamh deiseil airson falbh, thàinig Gille Mòr. ‘ʼS e gille a th’ annam a thàinig bhon ear agus bhon iar, a’ lorg maighstir math,’ thuirt e.

‘Uill,’ fhreagair Fionn, ‘dè an duais a dh’iarradh tu an dèidh latha is bliadhna?’

‘O,’ ars an Gille Mòr, ‘chan eil mi ag iarraidh ach gun tig sibh còmhla rium gu lùchairt Rìgh Lochlainn. Bidh sibh leibh fhèin, gun chù no caraid no ball-airm.’ Ghabh Fionn ris a’ chùmhnant.

Airson sgeul fada a dhèanamh goirid, bha an Gille Mòr na sgalaig dhìleas fad bliadhna is latha. Air an latha mu dheireadh, thuirt e ri Fionn, ‘tha mi a’ falbh a-nise agus tha mi ag iarraidh mo dhuais.’

‘Gheibh thu sin,’ arsa Fionn. Chaidh e a bhruidhinn ris an Fhèinn. ‘Tha mi a’ falbh a Lochlann,’ thuirt e. ‘Mura till mi taobh a-staigh latha is bliadhna, thigibh airson dìoghaltas fhaighinn, oir bidh mi marbh.’ Agus eanaidh an sgeulachd anns an ath Litir.

Faclan na Litreach: : sàbhail: save; fann: weak; dlùth-chàirdeas:a close relationship; dìoghaltas: revenge.

Abairtean na Litreach: bha iad a’ tadhal air Rìgh air eilean air choreigin: they were visiting a King on some island or other; bha uilebheist mara a’ sàrachadh muinntir a rìoghachd: a marine monster was harassing the people of his kingdom; gun cuireadh e às don uilebheist: that he would kill the monster; thug an Rìgh comhairle dha gun a bhith a’ feuchainn: the King advised him not to try; gun dèanadh e fhèin is Bran an dìcheall co-dhiù: that he and Bran would do their best anyway; ach dhen uilebheist, cha robh sgeul:but of the monster, there was no sign; cò thus’, a throich?:who are you, dwarf?; cò an abhag a tha seo ri do thaobh?: who is this terrier by your side?; Rìgh na Fèinne, nach do chuir a chùl ri caraid no nàmhaid riamh: the King of the Fingalians who never turned his back on friend or foe ; as urrainn stad a chur air trì batailianan de shaighdearan leis fhèin: who can stop three battalions of soldiers by himself; cuiridh thu do chùl riumsa: you’ll turn your back on me; bha Fionn a’ call fuil: Fionn was losing blood; reub e a ghruthan agus a chridhe a-mach: he ripped his liver and heart out; dh’imlich Bran lotan a mhaighstir: Bran licked his master’s wounds; air an slànachadh le uisge-beòil coin: healed with dog’s saliva; gun toireadh e leth a rìoghachd dha: that he would give him half his kingdom; b’ e mo dhuais aodann Bhrain fhaicinn: my reward was seeing Bran’s face; bliadhnaichean an dèidh làimhe: years later; air a’ bheinn-sheilg:on the hunting mountain; a thàinig bhon ear agus bhon iar: who came from the east and west; dè an duais a dh’iarradh tu an dèidh latha is bliadhna?: what reward would you want after a year and a day; còmhla rium gu lùchairt Rìgh Lochlainn: along with me to the palace of the King of Scandinavia; chaidh e a bhruidhinn ris an Fhèinn: he went to speak to the Fingalians.

Puing-chànain na Litreach: Thuit an t-uilebheist marbh sa spot: the monster fell dead on the spot, immediately. What other ways are there of saying ‘immediately’ in Gaelic? There is another in the Litir – shlànaich iad sa mhionaid ‘they healed immediately’. Here are some other ways: air ball, a dh’aon ruith, an làrach nam bonn.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Bha an uilebheist a’ faighinn làmh-an-uachdair: the monster was getting the upper hand.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 616

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean