FaclairDictionary EnglishGàidhlig

953: Ainmean-àite Thiriodh

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Ainmean-àite Thiriodh

Gaelic Gàidhlig

An-diugh tha sinn a’ dol a Thiriodh. No Tiridhe, mar a chanas cuid. Am measg nam bailtean anns an eilean, tha Baile Mhàrtainn. Bha mi riamh an amharas gum b’ e am Màrtainn anns an ainm Naomh Màrtainn à Tours anns an Fhraing. Ach chan eil na sgoilearan cinnteach cò bh’ ann. Tha an t-ainm a’ nochdadh an toiseach anns an riochd Balmartin air mapa Bhlaeu ann an sia ceud deug, caogad ʼs a ceithir (1654). ʼS dòcha gur e ainm-àite car ùr a th’ ann. Air an làimh eile, leis gu bheil e a’ nochdadh mar Balmartin, seach Balvartin, thathar a’ smaoineachadh gun robh an t-ainm air a chruthachadh fada roimhe sin nuair nach robh sèimheachadh ann de dh’ainmean pearsanta anns an tuiseal ghinideach .

ʼS dòcha gur e Màrtainn dìreach ainm pearsanta aig fear de mhuinntir an àite. Tha taigh anns a’ bhaile air a bheil Taigh Mhàrtainn. Thathar ag ràdh gun robh fear Màrtainn a’ fuireach ann. An latha a chaochail a bhean, fhuair e fhèin bàs obann le cridhe briste. Roimhe sin, bha e air dà chiste fhaicinn, agus iad a’ fàgail an taigh aige aig an aon àm. Bha an dà-shealladh aige.

Fhuair mi am fiosrachadh mu Bhaile Mhàrtainn à leabhar air leth a thàinig a-mach na bu tràithe dhen bhliadhna seo. Bha an t-ùghdar, John Holliday, na dhotair-teaghlaich ann an Tiriodh fad trithead bliadhna. Roimhe sin bha e ag obair leis na Pintupi, treubh de thùsanaich ann am meadhan Astràilia. Bha ùidh aig John sa chànan anns gach àite, agus tha e a-nise fileanta ann an Gàidhlig. Bruidhnidh e i le blas Thiriodh air a theangaidh.

ʼS e ainm an leabhair Longships on the Sand, agus tha e mu dheidhinn mar a rinn na Lochlannaich agus muinntir nam meadhan-aoisean tuineachadh san eilean, agus na h-ainmean-àite a chruthaich iad. ʼS e fìor obair sgoilearach a th’ innte agus chanainn gum bu chòir lethbhreac a bhith anns a h-uile taigh san eilean!

ʼS e àite math a th’ ann an Tiriodh airson a bhith ag obair air ainmean-àite oir tha e air a bhith ann an làmhan an aon teaghlaich airson faisg air trì cheud gu leth bliadhna. Tha na clàran oighreachd aig Diùc Earra-Ghàidheal a’ dol air ais an ìre mhath cho fada sin. Agus, o chionn ghoirid, chaidh tòrr obair cruinneachaidh de bheul-aithris a dhèanamh ann le Sgoil Eòlais na h-Alba.

Bu mhath leam puing a thogail às an leabhar. ʼS e sin am fuaim grian mar a tha e a’ nochdadh ann an ainmean-àite Lochlannach. Tha ceithir àiteachan ann an Tiriodh air a bheil Grianal mar ainm. Tha John Holliday dhen bheachd gu bheil sin a’ riochdachadh buaidh na Gàidhlig air na h-eileamaidean Lochlannach groenn ‘uaine’ agus hóll ‘cnoc cruinn’. Tha sin a’ fàgail ceist mu bhaile Ghrianaig siar air Glaschu. Dè tha nas coltaiche – àite na grèine (mar a tha cuid a’ cumail a-mach) – no groenn-vik ‘bàgh uaine’?

B’ e seann ainm Bhaile Mhàrtainn Sòrabaidh. Tha sin glèidhte fhathast ann an ainm a’ chladh – Cladh Shòrabaidh – agus ainm na tràghad – Tràigh Shòrabaidh. Tha Sòrabaidh na ainm Lochlannach, a’ ciallachadh ‘baile air talamh bog’. Tha Longships on the Sand làn fiosrachadh inntinneach mar sin, a bharrachd air eachdraidh shòisealta Thiriodh. Mo bheannachd aig John Holliday airson a chuid saothrach.

Faclan na Litreach: : Baile Mhàrtainn: Balemartine; an dà-shealladh:second sight; tùsanaich: aborigines; clàran oighreachd: estate records; Diùc Earra-Ghàidheal: the Duke of Argyll; Grianaig: Greenock; eachdraidh shòisealta: social history.

Abairtean na Litreach: Bha mi riamh an amharas gum b’ e am Màrtainn anns an ainm Naomh Màrtainn à Tours: I alway suspected that the Martin in the name was Saint Martin of Tours; ʼs dòcha gur e ainm-àite car ùr a th’ ann: perhaps it is a relatively modern place name; gun robh an t-ainm air a chruthachadh fada roimhe sin: that the name was created a long time before that; an latha a chaochail a bhean: the day his wife died; fhuair e fhèin bàs obann le cridhe briste: he himself died suddenly of a broken heart; bha e air dà chiste fhaicinn, agus iad a’ fàgail an taigh aige aig an aon àm: he had seen two coffins leaving his house at the same time; à leabhar air leth a thàinig a-mach na bu tràithe dhen bhliadhna seo: from a great book that came out earlier this year; bha X na dhotair-teaghlaich ann an Tiriodh fad trithead bliadhna: X was a GP in Tiree for thirty years; bruidhnidh e i le blas Thiriodh air a theangaidh: he speaks it with a Tiree ‘blas’ on his tongue; mar a rinn na Lochlannaich agus muinntir nam meadhan-aoisean tuineachadh san eilean: how the Vikings and the people of the middle ages settled on the island; chanainn gum bu chòir lethbhreac a bhith anns a h-uile taigh: I’d say that a copy should be in every house; chaidh tòrr obair cruinneachaidh de bheul-aithris a dhèanamh ann le Sgoil Eòlais na h-Alba: a lot of collecting of oral tradition was done there by the School of Scottish Studies; a’ riochdachadh buaidh na Gàidhlig air na h-eileamaidean Lochlannach: representing the effect of Gaelic on the Norse elements.

Puing-chànain na Litreach: : nach robh sèimheachadh ann de dh’ainmean pearsanta anns an tuiseal ghinideach : that there was not lenition of personal names in the genitive case. While today we generally lenite masculine names in the gentive case eg taigh Dhonnchaidh ‘Duncanʼs house’, leabhar Chaluim ‘Malcolmʼs book, this was not always the case as is seen with the saints’ holy dates which, being very old, follow the old grammatical model eg Fèill Mìcheil ‘Michaelmas’ and Fèill Pàdraig ‘St Patrickʼs Day.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Mo bheannachd aig X airson a chuid saothrach:my thanks [blessing] to X for his labours.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 649

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean