FaclairDictionary EnglishGàidhlig

958: Litreachas nan Gàidheal agus an Tìr

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Litreachas nan Gàidheal agus an Tìr

Gaelic Gàidhlig

Rinn mi iomradh an t-seachdain sa chaidh air leabhar ùr le Iain Moireach – ‘Literature of the Gaelic Landscape’. Bha Iain uaireigin na Stiùiriche de dh’Ailtireachd Tìre ann an Oilthigh Dhùn Èideann, agus sgrìobh e leabhar eile a tha uabhasach fiosrachail – ‘ Reading the Gaelic Landscape’. Tha an dà leabhar air am foillseachadh le Whittles ann an Dùn Beithe ann an Gallaibh, agus tha sin fhèin brìgheil ann an co-theacsa litreachas muinntir na Gàidhealtachd, mar a chì sinn.

ʼS e cuspair mòr a th’ ann an litreachas co-cheangailte ri aghaidh na tìre. Ach tha an t-ùghdar air cuimseachadh air na h-earrannan as cudromaiche – dualchas na Fèinne, Òran na Comhachaig aig Dòmhnall mac Fhionnla’ nan Dàn, grunn òran aig Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir agus a’ bhàrdachd aig Somhairle MacGill-Eain, gu h-àraidh Hallaig agus An Cuilithionn.

ʼS e an rud a tha fìor mhath gu bheil an t-ùghdar a’ taisbeanadh nan àiteachan a th’ air an ainmeachadh anns an litreachas. Tha dealbhan ann de mhòran dhiubh, agus mapaichean, agus tha nàdar de sgeama aige airson cuid de na dàin ris an can an t-ùghdar ‘songlines’. Car coltach ris na loidhnichean-òrain aig tùsanaich Astràilia.

Mar eisimpleir, seo na h-àiteachan air loidhne-òrain Moladh Beinn Dòbhrain aig Donnchadh Bàn: Coire Daingean, Coire Raineach, Am Bealach, Coire Rèidh, Cònnlon, Lurgainn na Laoidhre, Làrach na Fèinne, Creag Sheileach, Meall Tionail agus Allt na h-Annaid. Tha mapa ann, a’ sealltainn mar a tha na h-àiteachan sin a’ comharrachadh gluasad nam fiadh thar na dùthcha. A bharrachd air sin, tha clàr ann, a’ taisbeanadh a h-uile h-ainm-àite anns an dàn, a’ mìneachadh mar a tha iad cudromach agus a’ sealltainn gu mionaideach (le comharraidhean-clèithe) far a bheil iad.

Tha an leabhar làn fiosrachadh prìseil mar sin. Tha e a’ toirt litreachas, dualchas, cànan is eòlas-tìre còmhla ann an dòigh nach fhaca mi ann an leabhar sam bith eile. Ma tha na sgrìobhaidhean aig Seton Gordon a’ còrdadh ribh, còrdaidh an leabhar seo ribh. Ach tha Iain Moireach air a dhol mòran na bu doimhne a-steach don chuspair na chaidh an Gòrdanach no ùghdar sam bith eile as aithne dhomh. Aig a’ char as lugha, bu chòir don a h-uile duine ann an Alba a bhios an sàs ann an cruinn-eòlas no ann a bhith a’ stiùireadh luchd-coiseachd is luchd-sreap, a bhith a’ gabhail a-steach teachdaireachd an leabhair seo mun chàirdeas eadar na Gàidheil agus an dùthaich.

Chunnaic mi loidhne-òrain Albannach aon turas roimhe seo. Tha i anns an taigh-tasgaidh ann an Dùn Beithe ann an Gallaibh, ann an taisbeanadh mun leabhar Highland River le Niall Gunnach, a bhuineadh don bhaile sin. Tha dealbh dhen abhainn air an ùrlar, le gach àite oirre a th’ anns an stòiridh. Bhon mhàthair-uisge chun na mara. Agus ʼs e an Gunnach an t-ùghdar eile a tha fon phrosbaig anns an leabhar. Ged a sgrìobh e ann am Beurla, tha am Moireach a’ dèanamh dheth gun robh an Gunnach a’ toirt sùil a’ Ghàidheil air a’ Ghàidhealtachd, gu h-àraidh a thaobh àite.

Nuair a tha sinn eòlach air Highland River, tha Iain Moireach a’ cumail a-mach, chan fhaic sinn tuilleadh màthair-uisge na h-aibhne – Loch Bràigh na h-Aibhne – anns an aon dòigh. Tha sin fìor. Tha a leithid fìor mun leabhar aige fhèin. ʼS iomadh duine a leughas ‘ Literature of the Gaelic Landscape’ a chì a’ Ghàidhealtachd le sùilean ùra.

Faclan na Litreach: tùsanaich Astràilia: Australian Aborigines; Niall Gunnach:Neil Gunn; fon phrosbaig: under examination.

Abairtean na Litreach: Rinn mi iomradh air: I made mention of; bha Iain uaireigin na Stiùiriche de dh’Ailtireachd Tìre ann an Oilthigh Dhùn Èideann: John was at one time Director of Landscape Architecture at the University of Edinburgh; Dùn Beithe ann an Gallaibh: Dunbeath in Caithness; brìgheil ann an co-theacsa litreachas muinntir na Gàidhealtachd: meaningful in the context of the literature of the people of the Highlands; mar a chì sinn: as we shall see; co-cheangailte ri aghaidh na tìre: connected to the landscape; tha an t-ùghdar air cuimseachadh air na h-earrannan as cudromaiche: the author has concentrated on the most important elements; a’ taisbeanadh nan àiteachan a th’ air an ainmeachadh: presents the places that are named; tha nàdar de sgeama aige airson cuid de na dàin: he has a sort of scheme for some of the poems; mar a tha na h-àiteachan sin a’ comharrachadh gluasad nam fiadh thar na dùthcha: how those places mark the movement of deer across the land; a’ sealltainn gu mionaideach (le comharraidhean-clèithe) far a bheil iad: showing exactly where they are (with grid references); ann an dòigh nach fhaca mi ann an leabhar sam bith eile: in a way I haven’t seen in any other book; mòran na bu doimhne a-steach don chuspair: more deeply into the subject; ùghdar sam bith eile as aithne dhomh: any other author I know; a bhuineadh don bhaile sin: who belonged to that village; bhon mhàthair-uisge chun na mara: from the [water] source to the sea; tha a leithid fìor mu X: the same is true of X; le sùilean ùra: with new eyes.

Puing-chànain na Litreach: For anyone with an interest in the Gaelic heritage of Scotland and the landscape of the Highlands, I would thoroughly recommend ‘Literature of the Gaelic Landscape’ by John Murray (Whittles Publishing, Caithness, 2017). Murray deals with a subject which is rich, rewarding and inspirational in an analytical way, but not coldly. He asks the reader to engage closely and intimately with Gaelic literature and the Highland landscape in order to understand how our ancestors saw and understood their land – with translations of text into English to help non Gaelic-readers along. It’s a fine blend of art and science, and a ‘must’ for the Christmas stocking!

Gnàthas-cainnt na Litreach: Aig a’ char as lugha: at the very least.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 654

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean