961: A’ Bhan-Lunnainneach Bhuidhe
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
A’ Bhan-Lunnainneach Bhuidhe
Cia mheud fidheall ann an Alba air a bheil ainm sònraichte? Tha mi a’ ciallachadh le sin ainm pearsanta. Chan eil fhios agam, ach tha mi eòlach air aon tè. Tha i ann an Taigh-tasgaidh Clann Donnchaidh ann am Bruthar ann an Siorrachd Pheairt. ʼS e an t-ainm a th’ oirre ‘A’ Bhan-Lunnainneach Bhuidhe’. Tha i co-cheangailte ris an eachdraidh a bha mi ag innse dhuibh mun deuchainn mhòr shaidheansail air Sìth Chailleann ann an seachd ceud deug, seachdad ʼs a ceithir (1774).
An dèidh seachd seachdainean deug air a’ bheinn, bha an deuchainn – airson cuideam na cruinne a thomhas – deiseil. Air an oidhche mu dheireadh, chùm an luchd-saidheans pàrtaidh ann am bothan air a’ bheinn. Bha cuid de mhuinntir an àite an làthair oir bha iad air a bhith an sàs anns a’ phròiseact mar luchd-obrach. Nam measg, bha fear Donnchadh MacDhonnchaidh. Bha e na fhìdhlear air leth. Gu tric bhiodh e a’ toirt na fìdhle aige don bhothan a chluich rìdhlichean is sigichean.
Aig a’ phàrtaidh, ge-tà, thachair rudeigin. Chaidh am bothan na smàl. Fhad ʼs as aithne dhomh, cha deach duine a ghoirteachadh, ach dh’fhalbh an fhidheall anns an teine. Agus dh’fhàg sin Donnchadh troimhe-chèile. Cha robh e beartach. Ciamar fon ghrèin a bha e a’ dol a cheannach fidheall ùr?
Uill, gu fortanach, cha robh aige ri fidheall a cheannach. Nuair a thill e a Lunnainn, lorg ceannard na deuchainne saidheansail, Nevil Maskelyne – an Reultair Rìoghail – fidheall ùr. Chuir e gu Donnchadh i. Bha Donnchadh cho sona ris an rìgh agus sgrìobh e port, a’ comharrachadh na h-ionnsramaid ùir aige. Agus chuir e an t-ainm oirre ‘A’ Bhan-Lunnainneach Bhuidhe’ no ann am Beurla ‘The Yellow London Lady’. Feumaidh gun robh i car buidhe ann an dath. Chunnaic mi dealbh dhith agus chan eil i a’ coimhead cho buidhe an-diugh. Ach tha i dà cheud gu leth bliadhna a dh’aois – no barrachd.
Nuair a bha Donnchadh suas ann am bliadhnaichean, thug e a’ Bhan-Lunnainneach Bhuidhe do charaid dha air an robh Cuimeanach mar chinneadh. Ach chuir e cùmhnant air – gu feumadh an Cuimeanach an fhidheall fhàgail aig fear eile air an robh Donnchadh MacDhonnchaidh mar ainm. Bhon uair sin, tha i air a dhol bho Dhonnchadh MacDhonnchaidh gu fear eile dhen aon ainm.
Chaidh fear de na daoine sin a dh’fhuireach ann an Astràilia. Dh’fhàg e a’ Bhan-Lunnainneach Bhuidhe aig a mhàthair ann an Raineach. Thug ise air iasad i gu fear Alasdair a’ Phìobaire a bha ainmeil mar fhìdhlear agus pìobaire. Bha Alasdair a’ gabhail pàirt ann an fharpais-chiùil ann an Liverpool.
Bhuannaich e an fharpais ach dh’òl e cus an dèidh làimhe. Chosg e an t-airgead gu lèir aige agus cha robh càil na sporan airson faighinn dhachaigh. Thug e an fhidheall gu geall-cheannaiche no pawnbroker airson an t-airgead fhaighinn. Bha muinntir Raineach feargach nuair a chuala iad an naidheachd. Chuir iad airgead ri chèile agus chuir iad Alasdair air ais a Liverpool airson a’ Bhan-Lunnainneach Bhuidhe fhaighinn. Chaidh e ann, ach a-rithist dh’òl e cus agus thuit e, a’ briseadh amhaich na fìdhle. Obh obh.
Chaidh obair càraidh a dhèanamh oirre agus an-diugh tha i ann an staid mhath. Thig i a-mach bho àm gu àm airson cuirm-chiùil. Saoil an tig an latha nuair a chluicheas cuideigin i air cliathaich Sìth Chailleann? Beannachd leibh.
Faclan na Litreach: Sìth Chailleann: Schiehallion; an làthair: present; Donnchadh MacDhonnchaidh: Duncan Robertson; geall-cheannaiche: pawnbroker.
Abairtean na Litreach: Tha i ann an Taigh-tasgaidh Clann Donnchaidh ann am Bruthar ann an Siorrachd Pheairt: it’s in the Clan Donnachaidh museum in Bruar in Perthshire; bha an deuchainn – airson cuideam na cruinne a thomhas – deiseil: the experiment – to measure the mass of the Earth – was over; chùm an luchd-saidheans pàrtaidh ann am bothan air a’ bheinn: the scientists held a party in a bothy on the mountain; bha e na fhìdhlear air leth: he was a superb fiddler; a chluich rìdhlichean is sigichean: to play reels and jigs; chaidh am bothan na smàl: the bothy went up in flames; sgrìobh e port, a’ comharrachadh na h-ionnsramaid ùir aige: he wrote a tune, commemorating his new instrument; chunnaic mi dealbh dhith agus chan eil i a’ coimhead cho buidhe an-diugh: I saw a picture of it and it doesn’t look so yellow today; chuir e cùmhnant air – gu feumadh an Cuimeanach an fhidheall fhàgail aig fear eile air an robh Donnchadh MacDhonnchaidh mar ainm: he made a condition – that Cumming would have to leave the fiddle to another man called Duncan Robertson; a’ gabhail pàirt ann an fharpais-chiùil:taking part in a music competition; dh’òl e cus an dèidh làimhe:he drank too much after; thuit e, a’ briseadh amhaich na fìdhle: he fell, breaking the neck of the fiddle; chaidh obair càraidh a dhèanamh oirre agus an-diugh tha i ann an staid mhath: it was mended and today it is in good condition; thig i a-mach bho àm gu àm airson cuirm-chiùil: it comes out from time to time for a concert; saoil an tig an latha nuair a chluicheas cuideigin i air cliathaich Sìth Chailleann?: I wonder if the day will come when somebody plays it on the side of Schiehallion.
Puing-chànain na Litreach: do charaid dha air an robh Cuimeanach mar chinneadh:to a friend of his with the surname Cumming. You might have expected me to say caraid aige, but the preposition do/dha can stand in for aig in this type of expression. ʼS e caraid dhomh a th’ ann ‘he is a friend of mine’; Bha e na chomhairleach dhaibh ‘he was an adviser to them’.
Gnàthas-cainnt na Litreach: Nuair a bha Donnchadh suas ann am bliadhnaichean:when Duncan was in his later years.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 657
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn