FaclairDictionary EnglishGàidhlig

967: An Sealgair Mòr agus An Grioglachan

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

An Sealgair Mòr agus An Grioglachan

Gaelic Gàidhlig

A bheil sibh eòlach air na reul-bhadan ann an Gàidhlig? A bheil sibh a’ tuigsinn an fhacail ‘reul-bhad’ – constellation – buidheann de reultan no rionnagan. Tha mi airson ur brosnachadh gus eòlas fhaighinn air reul-bhad no dhà ann an Gàidhlig.

Chithear an Sealgair Mòr air feadh an t-saoghail. Tha an reul-bhad seo faisg air crios-meadhan nan speuran agus, ann am mòran chultaran, tha e air fhaicinn mar shealgair. Ann am Beurla, ʼs e Orion a chanar ris. Bha Orion na shealgair ann am faoinsgeulan na Grèige.

Tha dà rionnaig gu math soilleir anns an t-Sealgair Mhòr. Tha an Spor Dearg no Betelgeuse ann an ‘gualainn’ an t-Sealgair. Tha e na fhamhair-rionnag dhearg agus chithear a dhath gu furasta tro phrosbaig. Chan eil e cho teth ris a’ ghrèin againne, ach tha e fada nas motha. Ann an ‘cas’ an t-Sealgair Mhòir, tha an Spor Liath no Rigel. Tha seo na fhamhair-rionnag liath. Tha mi a’ ciallachadh le sin ‘liath-ghorm’. ʼS e an Spor Dearg an ochdamh rionnag as soilleire anns an iarmailt, agus ʼs e an Spor Liath an t-siathamh rionnag as soilleire anns an iarmailt. Tha e cho cumhachdach ri seasgad mìle grian dhen t-seòrsa a th’ againne.

Ann am meadhan an t-Sealgair Mhòir, tha sreath de thrì rionnagan faisg air a chèile ris an canar ann am Beurla Orion’s Belt. Ann an Gàidhlig ʼs e sin An Crios no Crios an t-Sealgair – an aon rud ris a’ Bheurla. Crochte fon Chrios, tha sreath de thrì rionnagan beaga air a bheil Orion’s Sword ann am Beurla. Do na Gàidheil, ʼs e sin A’ Bhiodag, The Dirk.

Cuideachd fon Chrios, ri taobh na Biodaig, tha neul-reultan no nebula. ʼS e sin cruinneachadh de ghasaichean is duslach anns am bi rionnagan ùra air an dèanamh. Ann am Beurla, ʼs e sin an Horsehead Nebula no Orion Nebula. Ach, ann an Gàidhlig, ʼs e An Sporan a th’ againn air. A bheil sibh a’ faicinn mar a bha na seann Ghàidheil a’ samhlachadh an t-Sealgair air gaisgeach Gàidhealach le fèileadh-mòr air?

Taobh a-muigh an Spuir Dheirg, tha rionnagan anns an reul-bhad a th’ air am faicinn, ann an cuid de chultaran, mar bhall-airm – cuaille no rudeigin mar sin – air a thogail os cionn an t-Sealgair. Ach dhuinne, ʼs e sin Am Breacan – pàirt dhen fhèileadh-mhòr aig an t-seann ghaisgeach Gàidhealach.

Nise, tha mi airson ur stiùireadh gu reul-bhad eile. Dhòmhsa, ʼs e an reul-bhad as brèagha san iarmailt – An Grioglachan. Thoiribh sùil air Crios an t-Sealgair. Leanaibh loidhne a’ Chrios suas gu deas agus cumaibh a dol. Ruigidh sibh rionnag mhòr ris an canar Aldebaran. Tha sin anns an reul-bhad ris an canar Taurus no An Tarbh. Cumaibh a dol anns an aon loidhne agus ruigidh sibh dlùth-bhuidheann de rionnagan air a bheil Pleiades no An Grioglachan. Don t-sùil, tha seachd rionnagan rim faicinn còmhla agus uaireannan bidh daoine a’ gabhail ‘ The Seven Sisters’ air an reul-bhad seo no, ann an Gàidhlig, Grioglachan nan Seachd Rionnag.

Mholainn dhuibh nach fhàg sibh aige sin e. Faigh prosbaig àbhaisteach agus thoiribh sùil air a’ Ghrioglachan. Chì sibh na ficheadan de rionnagan ann. Tha reultairean ag innse dhuinn gu bheil mu cheithir cheud dhiubh ann uile-gu-lèir.

Faclan na Litreach: : reul-bhad: constellation; rionnag: star; gualainn: shoulder; liath-ghorm: blue-white; neul-reultan:nebula; Am Breacan: The Plaid; An Grioglachan: Pleaides.

Abairtean na Litreach: Tha mi airson ur brosnachadh gus eòlas fhaighinn air reul-bhad no dhà: I want to encourage you to become familiar with a constellation or two; faisg air crios-meadhan nan speuran: close to the celestial equator; bha Orion na shealgair ann am faoinsgeulan na Grèige: Orion was a hunter in the Greek legends; tha e na fhamhair-rionnag dhearg: it is a red giant; chithear a dhath gu furasta tro phrosbaig: its colour can easily be seen through binoculars; cho teth ris a’ ghrèin againne: as hot as our sun; crochte fon Chrios, tha sreath de thrì rionnagan beaga: hung below the belt, there is a series of three small stars; mar a bha na seann Ghàidheil a’ samhlachadh an t-Sealgair air gaisgeach Gàidhealach le fèileadh-mòr air: how the old Gaels were likening Orion to a Highland hero wearing the fèileadh-mòr (belted plaid); mar bhall-airm – cuaille no rudeigin mar sin – air a thogail os cionn an t-Sealgair: like a weapon – a club or something like that – raised above Orion; tha mi airson ur stiùireadh gu reul-bhad eile: I want to direct you to another constellation; suas gu deas agus cumaibh a dol: up to the right (south) and keep going; dlùth-bhuidheann de rionnagan: a dense group of stars; don t-sùil, tha seachd rionnagan rim faicinn còmhla: to the eye, there are seven stars to be seen together; tha reultairean ag innse dhuinn gu bheil mu cheithir cheud dhiubh ann uile-gu-lèir: astronomers tell us there are about four hundred of them altogether.

Puing-chànain na Litreach: ʼS e an Spor Dearg an ochdamh rionnag as soilleire anns an iarmailt, agus ʼs e an Spor Liath an t-siathamh rionnag as soilleire anns an iarmailt: Betelgeuse is the eight brightest star in the heavens, and Rigel is the sixth brightest star in the heavens. Because rionnag is a feminine noun, the ordinal adjective traditionally behaves in a way that a feminine noun would in terms of its article. As a feminine noun in the nominative case, which starts with a vowel, has the article ‘an’ (eg an ùpraid), we have an ochdamh . However a feminine noun which starts with an ‘s’ would carry the article ‘an t-ʼ (eg an t-seirbheis), thus we have an t-siathamh . For a corresponding masculine noun it would be as follows: an t-ochdamh fear; an siathamh fear.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Chithear an Sealgair Mòr air feadh an t-saoghail: Orion can be seen throughout the world.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 663

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean