FaclairDictionary EnglishGàidhlig

971: Na Ceiltich (2)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Na Ceiltich (2)

Gaelic Gàidhlig

Tha mi a’ dèanamh sreath Litrichean an-dràsta air na Ceiltich. Bha mi ag innse dhuibh mu mar a chaidh treubhan Ceilteach gu ruige Anatoilia anns an treas linn ro Chrìosd. Thug iad an t-ainm Galatia don sgìre far an do rinn iad tuineachadh. Tha e timcheall far a bheil prìomh bhaile na Tuirc – Ankara – an-diugh. Chan eil cus fianais arceòlach air na Ceiltich an sin, ach rinn feadhainn eile, gu h-àraidh Greugaich, aithris orra. Am measg nam faclan anns a’ chànan aca, a bhiomaid ag aithneachadh an-diugh, bha bardoi airson ‘bàird’ agus marka airson ‘marc’ no ‘each’.

Tro thìde, thathar a’ smaoineachadh gun do dh’ionnsaich mòran de na Galatianaich Greugais cuideachd. Goirid an dèidh linn Chrìosda, sgrìobh Naomh Pòl litir thuca mu dheidhinn Crìosdachd. Bha an litir ann an Greugais. Tha i air a gleidheadh anns a’ Bhìoball. ʼS e an naoidheamh leabhar anns an Tiomnadh Nuadh Litir an Abstoil Phòil chum nan Galatianach.

Ach ghlèidh na Galatianaich an seann chànan cuideachd. Rinn an Naomh Iaròm aithris orra anns a’ cheathramh linn an dèidh Chrìosda. Sgrìobh e gun robh an cànan aca gu math coltach ris an tè a bh’ air a bruidhinn le treubh ris an canar na Treveri. Bha na Treveri a’ fuireach far a bheil Lugsamburg, ceann an earra-dheas na Beilg agus taobh an iar na Gearmailt an-diugh. Bha Iaròm gu math eòlach air an treubh sin, agus bha e na chànanaiche. Gu dearbh, rinn e eadar-theangachadh dhen Bhìoball bhon Eabhrais gu Laideann.

Tha a’ chuid as motha de sgoilearan dhen bheachd gur e cànan Ceilteach a bh’ aig na Treveri. Mar sin, ʼs e cànan Ceilteach a bh’ aig na Galatianaich còrr is sia ceud bliadhna an dèidh dhaibh a dhol a Ghalatia. Agus tha aithris eile ann gun robh an cànan fhathast beò anns an t-siathamh linn an dèidh Chrìosda.

Bha na Ceiltich cuideachd far a bheil an Eadailt an-diugh. Bha iad ann cho fad’ air ais ris an t-siathamh linn ro Chrìosd. Mean air mhean, bhon treas ceud a-mach, thàinig iad fo smachd na Ròimhe agus chaidh an cànan à fianais. Bha iad cuideachd far a bheil an Spàinnt an-diugh. ʼS e an t-ainm a bh’ orra na Ceiltiberianaich, agus thug iad buaidh air na daoine a bha a’ fuireach far a bheil Portagail. Ach cha robh iad air taobh sear na dùthcha no air costa na Mara Meadhan-tìrich.

Anns an treas linn ro Chrìosd, thòisich Carthage air ìmpireachd a chruthachadh far a bheil an Spàinnt. Air sgàth sin, chaidh Ceiltich gu leòr a shabaid às leth Charthage an aghaidh na Ròimhe. An dèidh do na Ròmanaich buannachadh an aghaidh Charthage, fhuair na Ceiltiberianaich an saorsa. Ach, mean air mhean, thug an Ròimh buaidh orra agus timcheall àm beatha Chrìosda bha na Ceiltiberianaich air fad fo smachd na Ròimhe. Fhad ʼs a bha na Ròmanaich a’ riaghladh, dh’fhalbh cànan nan Ceilteach anns na dùthchannan sin.

Gu tuath air Iberia, bha A’ Ghall – dùthaich mhòr ris an canar ann am Beurla ‘Gaul’ agus ann an Laideann ‘Gallia’. ʼS e sin as coireach gum bithear ag ràdh ‘Gallic’ mar bhuadhair, a’ ciallachadh ‘Frangach’, eadhon an-diugh. Bha na Ceiltich an sin o chionn fhada. Anns a’ cheann a deas, thàinig iad fo bhuaidh nan Greugach a bha stèidhichte ann am Massalia – far a bheil Marseille an-diugh. Bheir sinn sùil air Ceiltich na Gaill an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach: Ceiltich: Celts; sreath Litrichean: a series of Litrichean; an Naomh Iaròm: St Jerome; Ceiltiberianaich: Celtiberians; costa na Mara Meadhan-tìrich: the Mediterranean coast; A’ Ghall: Gaul.

Abairtean na Litreach: mu mar a chaidh treubhan Ceilteach gu ruige Anatoilia anns an treas linn ro Chrìosd: about how Celtic tribes went to Anatolia in the third century BC; far an do rinn iad tuineachadh: where they settled, colonized; prìomh bhaile na Tuirc: the capital of Turkey; chan eil cus fianais arceòlach air: there’s not too much archaeological evidence of; a bhiomaid ag aithneachadh: that we would recognize; tro thìde, thathar a’ smaoineachadh gun: through time, it’s thought that; sgrìobh Naomh Pòl litir thuca mu dheidhinn Crìosdachd: Saint Paul wrote them a letter about Christianity; air a gleidheadh anns a’ Bhìoball: retained in the Bible; an naoidheamh leabhar anns an Tiomnadh Nuadh: the ninth book in the New Testament; Litir an Abstoil Phòil chum nan Galatianach: The Letter of the Apostle Paul to the Galatians; Lugsamburg, ceann an earra-dheas na Beilg agus taobh an iar na Gearmailt: Luxembourg, the south-east of Belgium and the west of Germany; bha e na chànanaiche: he was a linguist; bhon Eabhrais gu Laideann: from Hebrew to Latin; còrr is sia ceud bliadhna an dèidh dhaibh a dhol a: more than six hundred years after going to; far a bheil an Eadailt: where Italy is; thàinig iad fo smachd na Ròimhe agus chaidh an cànan à fianais: they came under the control of Rome and their language disappeared; chaidh Ceiltich gu leòr a shabaid às leth Charthage an aghaidh na Ròimhe: many Celts went to fight for Carthage against Rome; an dèidh do na Ròmanaich buannachadh: after the Romans won; timcheall àm beatha Chrìosda: around the time of Christ’s life; ʼs e sin as coireach gum bithear ag ràdh ‘Gallic’ mar bhuadhair, a’ ciallachadh ‘Frangach’: that’s why ‘Gallic’ is used [said] as an adjective meaning ‘French’.

Puing-chànain na Litreach: Mean air mhean, bhon treas ceud a-mach, thàinig iad fo smachd na Ròimhe: little by little, from the third century onwards, they came under the control of Rome. Although we often use ‘ linn ’ for ‘century’, it also has other meanings eg ‘period, era, age’ (rather than the strict meaning of a hundred years). Ceud is a more specific word for ‘century’, although less commonly used than ‘ linn’ in everyday speech.

Gnathas-cainnt na Litreach: Bha iad ann cho fad’ air ais ris an t-siathamh linn ro Chrìosd: they were there as far back as the sixth century BC.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 667

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean