FaclairDictionary EnglishGàidhlig

979: Na Ceiltich (10)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Na Ceiltich (10)

Gaelic Gàidhlig

Cuin nach eil seanchaidh na sheanchaidh? Nuair a tha e na neach-brathaidh! Carson a tha mi ag ràdh sin? Uill, fo Reachdan Cill Chainnigh, cha robh cead aig seanchaidhean Èireannach a dhol a-steach a thìrean nan Sasannach ann an Èirinn, eagal ʼs gun robh iad ann airson brathadh a dhèanamh! An t-seachdain seo, tha mi a’ cur crìoch air an t-sreath phrògraman agam air na Ceiltich le bhith a’ toirt sùil bheag air Èirinn.

An dèidh gun do stèidhich na Normanaich iad fhèin ann an Sasainn agus sa Chuimrigh, chaidh feadhainn dhiubh a dh’Èirinn. Ghabh iad grèim air mòran sgìrean. Am measg nan teaghlaichean bha feadhainn a tha a-nise gu math Èireannach – Burke, FitzGerald, Butler, Walsh ... Cho tràth ris a’ cheathramh linn deug, bha dragh air na h-ùghdarrasan Sasannach gun robh mòran aig an robh sinnsireachd Normanach gan giùlan fhèin mar Èireannaich. Bha iad eadhon a’ trèigsinn na Beurla ʼs na Fraingis agus a’ bruidhinn Gaeilge!

Ann an trì cheud deug, seasgad ʼs a sia (1366), ghairm Diùc Chlarence pàrlamaid Èireannach ann an Cill Chainnigh. Bha e ag obair às leth rìgh Shasainn, Eideard III. Dh’aontaich a’ phàrlamaid Reachdan Cill Chainnigh. Fo na reachdan, bha pòsadh eadar Èireannaich agus Sasannaich an aghaidh an lagh. Cha robh cead aig Sasannaich ainm-baistidh Èireannach a chleachdadh.

Bha aca ri Beurla ionnsachadh no chailleadh iad an cuid fearainn. Bhiodh na Sasannaich fo lagh Shasainn seach lagh na h-Èireann. Agus cha robh e ceadaichte idir seanchaidhean Gàidhealach a leigeil a-steach gu sgìrean Sasannach, eagal ʼs gum biodh iad ri brathadh!

Cha do dh’obraich na Reachdan. Tro thìde dh’fhàs na seann ‘Sasannaich’ na bu Ghàidhealaiche. ʼS ann nuair a thàinig Sasannaich ùra a-steach ri linn nan Tudoran, agus nuair a thug Rìgh Seumas VI luchd-tuineachaidh ùra a-steach a dh’Ulaidh, a dh’èirich an sgaradh a chithear an-diugh ann an Èirinn.

Ceithir bliadhna an dèidh do Sheumas rìgh-chathair Shasainn a ghabhail thairis, bha tachartas ann an Èirinn a bha na bhuille chruaidh do dhualchas nan Ceilteach. Roimhe sin, bha cuid dhen fhearann, gu h-àraidh anns a’ cheann a tuath, fhathast fo smachd seann teaghlaichean Gàidhealach.

Ach, ann an sia ceud deug ʼs a seachd (1607), thachair Imeachd nan Iarlan – nuair a theich an dithis thighearnan Gàidhealach a bu chumhachdaiche. Sheòl Aodh Mòr O Nèill, Iarla Thìr Eòghainn, agus Aodh Ruadh O Dòmhnaill, Iarla Thìr Chonaill, gu tìr-mòr na Roinn Eòrpa. Bha iad an dòchas tilleadh a dh’Èirinn le taic nan Spàinnteach ach cha do thill.

Bha Imeachd nan Iarlan na buille chruaidh do Ghàidheil na h-Alba cuideachd. Cha bhiodh an seann chàirdeas eadar Gàidheil an dà dhùthaich a-chaoidh tuilleadh mar a bha e roimhe. Le tuineachadh Ghall, dh’atharraich Ulaidh gu tur. Taobh a-staigh beagan ghinealach, bha a’ mhòr-roinn a bu Ghàidhealaiche ann an Èirinn, a bha làimh ri Alba, air a dhol na mòr-roinn a bu Ghallta.

Tha e inntinneach a bhith a’ meòrachadh – nam biodh ceann a deas Bhreatainn air fuireach Ceilteach, dè an coltas a bhiodh air Breatainn is Èirinn an-diugh? Am biodh Èirinn na rìoghachd aonaichte, agus Gaeilge mar chainnt an t-sluaigh? Am biodh a’ Chuimrigh ann idir? Am biodh na Còrnaich a’ bruidhinn Breatannais seach a’ Bheurla Shasannach? Am biodh a’ Ghàidhlig air a h-àite a chumail mar phrìomh chànan na h-Alba? Ach, uill, mar a tha fios againn, chan eil ann ach bruadar!

Faclan na Litreach : Reachdan Cill Chainnigh: The Statutes of Kilkenny; ainm-baistidh: given [baptismal] name; Imeachd nan Iarlan:The Flight of the Earls; Iarla Thìr Eòghainn: The Earl of Tyrone.

Abairtean na Litreach : Nuair a tha e na neach-brathaidh: when he is a spy; eagal ʼs gun robh iad ann airson brathadh a dhèanamh: for fear that they wanted to engage in spying; le bhith a’ toirt sùil bheag air Èirinn: by taking a quick look at Ireland; an dèidh gun do stèidhich na Normanaich iad fhèin: after the Normans established themselves; cho tràth ris a’ cheathramh linn deug: as early as the fourteenth century; gan giùlan fhèin mar Èireannaich: behaving like Irish; bha iad eadhon a’ trèigsinn na Beurla ʼs na Fraingis: they were even abandoning the English and French languages; bha pòsadh eadar Èireannaich agus Sasannaich an aghaidh an lagh: a marriage between Irish and English was against the law; bha aca ri Beurla ionnsachadh no chailleadh iad an cuid fearainn: they had to learn English or they would lose their land; ri linn nan Tudoran: at the time of the Tudors; nuair a thug Rìgh Seumas VI luchd-tuineachaidh ùra a-steach a dh’Ulaidh: when King James VI put new settlers into Ulster; an sgaradh a chithear an-diugh ann an Èirinn: the division which is seen today; a bha na bhuille chruaidh: which was a bad blow; fhathast fo smachd seann teaghlaichean Gàidhealach: still under the control of old Gaelic families; Iarla Thìr Chonaill: The Earl of Tyrconnell; bha iad an dòchas tilleadh a dh’Èirinn le taic nan Spàinnteach ach cha do thill: they were hoping to return to Ireland with the help of the Spanish but they didn’t; le tuineachadh Ghall, dh’atharraich Ulaidh gu tur: with the plantation of non-Gaels, Ulster completely changed; air a dhol na mòr-roinn a bu Ghallta: had become the most non-Gaelic province; am biodh a’ Chuimrigh ann?: would Wales exist?; am biodh na Còrnaich a’ bruidhinn Breatannais seach a’ Bheurla Shasannach?:would the Cornish be speaking British rather than English?

Puing-chànain na Litreach: Cuin nach eil seanchaidh na sheanchaidh?: when is a storyteller not a storyteller? Seanchaidh is a masculine word so in this dative construction we have to say ‘when is a storyteller not in his storyteller’. The article ‘na’ contains the third person singular masculine possessive pronoun ‘a’ and the second ‘ seanchaidh’ is therefore lenited.

Gnathas-cainnt na Litreach: chan eil ann ach bruadar: it is but a dream.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 675

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean