FaclairDictionary EnglishGàidhlig

984: Gràinne agus am Buidseach Glas (2)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Gràinne agus am Buidseach Glas (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu mar a thug am Buidseach Glas Gràinne am bruid. Bha Fionn air an rathad gu Tìr an Dorchadais, feuch Gràinne fhaighinn air ais. Bha e a’ bruidhinn ri luchag nuair a thàinig iolaire às na speuran. Thug an iolaire grèim air an luchaig na spuirean. Ach mus do dh’èirich i, bha grèim aig Fionn oirre. ‘Leig leis an luchaig falbh,’ thuirt e.

Leig an iolaire a grèim air a’ chreutair bheag agus dh’fhalbh i air sgèith. ‘Tapadh leibh, Fhinn,’ thuirt an luchag. ‘Thoir leibh mi gu Tìr an Dorchadais agus bheir mi taic dhuibh.’

‘Chan eil fhios agam ciamar a bheir creutair cho beag taic dhomh, ach thig cuide rium co-dhiù.’ Thog Fionn an luchag agus chuir e i am measg filltean an fhèilidh aige.

An ceann greis, ràinig e ceann a’ chreachainn. Air a bheulaibh, bha caolas mara. Bha sruth air leth làidir ann agus cha robh dòigh aig Fionn faighinn a-null. An uair sin nochd an ròn mòr glas. ‘Leum orm agus bheir mi a-null thu,’ ars an ròn.

Air an taobh thall, bha clachan briste coltach ri cuartan. Cha robh e follaiseach an robh rathad ann tromhpa, agus cha robh fios aig Fionn dè dhèanadh e. An uair sin chuala e gràgail os a chionn. Bha am fitheach ann. ‘Coimhead suas, Fhinn,’ thuirt am fitheach, ‘agus lean orm.’ Le taic an fhithich, fhuair Fionn tron chuartan agus, air an taobh thall dheth, chunnaic e caisteal a’ Bhuidsich Ghlais.

Cha robh dòigh aig Fionn faighinn a-steach gun fhiosta do dhaoine. ‘Thèid mise ann,’ thuirt an luchag, ‘agus chì mi dè tha a’ dol.’

Thill an luchag le deagh naidheachd. ‘Bidh cuirm mhòr is ho-ro-gheallaidh ann a-nochd,’ thuirt i. ‘Tha Gràinne air a ceangal ri colbh le ròp. Cagnaidh mi tron ròp agus stiùiridh mi Gràinne a-mach.’

Dh’obraich am plana gu math agus rinn Gràinne is Fionn air a’ chladach. Thug an ròn taic dhaibh faighinn a-null. Bha iad air ais air a’ chreachann, agus chunnaic iad gun robh am Buidseach Glas an tòir orra. Chuimhnich Fionn na rudan a thug Cailleach Ruadh nan Sìthichean dha. Dh’fhosgail e a sporan agus thug e a-mach am bioran giuthais. Chuir e ann an sgoltadh sna creagan e, agus dh’èirich coille mhòr thiugh eadar iad fhèin ʼs am Buidseach Glas. Chuir i stad air an nàmhaid airson greis.

An ath latha, chunnaic Fionn gun robh am Buidseach Glas fhathast a’ leantainn orra. A-nise bha e air a dhol na shluagh. Bha iad ag iarraidh Gràinne fhaighinn air ais, agus Fionn a mharbhadh. Chuir Fionn a làmh na sporan agus thug e a-mach èiteag ghleansach. Chuir e air an talamh i agus nochd loch mòr gleansach eadar iad fhèin is an sluagh. Chuir sin stad air an nàimhdean airson greis.

Air an làrna-mhàireach, thug Fionn sùil air ais. Bha am Buidseach Glas air a dhol air ais na riochd fhèin, agus bha e a’ dèanamh orra gu luath. Thug Fionn a-mach a’ chlach gharbh dhubh agus chuir e air an talamh i. Dh’èirich monadh mòr gu h-obann agus mullaichean biorach air, a’ cur dàil air a’ Bhuidseach. Ràinig Fionn agus Gràinne an Abhainn Dearg. Nise, an t-seachdain sa chaidh, thuirt mi gun robh sinn a’ dol a thoirt sùil air Oisean. Cumaidh mi ri mo ghealltanas – an-ath-sheachdain!

Faclan na Litreach: Tìr an Dorchadais: The Land of Darkness; caolas mara:a sea-strait; sruth: current; ròn:seal; gràgail: croaking; cagnaidh mi: I will chew; èiteag: white pebble.

Abairtean na Litreach: mar a thug am Buidseach Glas Gràinne am bruid: how the Grey Magician took Gràinne into captivity; thug an iolaire grèim air an luchaig na spuirean: the eagle grabbed the mouse in its claws; bha grèim aig Fionn oirre: Fionn had hold of it; bheir mi taic dhuibh:I’ll help you; ciamar a bheir creutair cho beag taic dhomh: how such a small creature can help me; am measg filltean an fhèilidh aige: among the folds of his kilt; ràinig e ceann a’ chreachainn: he reached the end of the rocky place; leum orm agus bheir mi a-null thu: jump on me and I’ll take you over; an robh rathad ann tromhpa: if there was a route through them; le taic an fhithich: with the assistance of the raven; air an taobh thall dheth: on the far side of it; gun fhiosta do dhaoine:without anybody knowing; air a ceangal ri colbh le ròp:tied to a column with a rope; an tòir orra:in pursuit of them; thug e a-mach am bioran giuthais:he took out the pine needle; dh’èirich coille mhòr:a forest rose up; chuir i stad air an nàmhaid airson greis:it stopped their enemy for a while; bha e air a dhol na shluagh: he had become a host; air an làrna-mhàireach, thug Fionn sùil air ais: the next day, Fionn looked back; bha X air a dhol air ais na riochd fhèin, agus bha e a’ dèanamh orra gu luath: X had gone back to his own form, and he was making for them at speed; dh’èirich monadh mòr gu h-obann agus mullaichean biorach air: suddenly a mountain range with sharp summits arose; a’ cur dàil air: delaying; cumaidh mi ri mo ghealltanas: I’ll keep to my promise.

Puing-chànain na Litreach: Bidh cuirm mhòr is ho-ro-gheallaidh ann a-nochd : there will be a big feast and knees-up tonight. Ho-ro-gheallaidh is a very unusual Gaelic word. Why? It starts with an ‘h’. Largely the ‘h’ in Gaelic is employed as an agent of lenition and very few words start with an ‘h’ (in the Essential Gaelic Dictionary there are only 13 headwords beginning with ‘h’) – and most originate in other languages.

Gnathas-cainnt na Litreach: dh’fhalbh i air sgèith: she left on the wing [flew away].

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 680

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean