12: Beathaichean a’ bruidhinn
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Beathaichean a’ bruidhinn
Thachair mi ri fear turas, air taobh siar na Gàidhealtachd, aig nach robh Gàidhlig ged a bha i aig a dhithis phàrant. Cha robh fios agam air a sin agus, leis gu robh blas Gàidhealach aige ann am Beurla, dh’fhaighnich mi dheth – “A bheil Gàidhlig agaibh?” “No,” ars’ esan rium, “I got put off it as a young man – by a Gaelic-speaker.”
Dh’fhaighnich mi dheth gu dè bha e a’ ciallachadh. “Uill,” ars’ esan, ann am Beurla, “chuir an duine sin an dearbh cheist orm, agus thuirt mi ris gun robh mi a’ tuigsinn na Gàidhlig ach nach robh comas agam labhairt innte. Agus thuirt esan riumsa gu robh mi coltach ris a’ chù aige. Bha an cù a’ tuigsinn na Gàidhlig ged nach robh comas aigesan labhairt innte nas motha. Bhon uairsin thrèig mi a’ Ghàidhlig.”
’S e sgeul duilich a th’ ann agus tha mi ’n dòchas nach eil Gàidheal sam bith an-diugh a’ dèanamh di-meas mar sin air duine de a leithid. Thàinig an còmhradh sin gu mo chuimhne an t-seachdainn-sa as dèidh na thachair an t-seachdainn ’s a chaidh anns na Stàitean Aonaichte. Chuala mi aithris gu bheil siompansaidh air Beurla ionnsachadh. Chan e dìreach tuigse a th’ aige, ach comas-labhairt.
Uill, ’s e sin a tha an luchd-rannsachaidh a’ cumail a-mach co-dhiù. Nuair a chanas an siompansaidh “aaaaugh” (neo rudeigin mar sin), tha e coltach gu bheil e a’ ciallachadh “uisge”. Bu toigh leam cluinntinn dè chanadh e airson “uisge-beatha”!
Ach cha chreid mise nach do rinn an luchd-rannsachaidh mearachd, agus iad a’ teagasg Beurla don t-siompansaidh. ’S e Gàidhlig a bu chòir a bhith aige. Bhiodh e fada na b’ fhasa dha. Tha beagan Gàidhlig aig a h-uile siompansaidh, co-dhiù bha e ann an “sgoil” neo nach robh. Tha cuimhn’ agam air turas a bha mi ann an Sutha Lunnainn faisg air cèidse nan siompansaidhean. Thàinig fear de na beathaichean thugam agus dh’iarr e orm biadh a thoirt dha – an seòrsa a gheibh sinn bho chearcan. “Ugh, ugh, ugh,” thuirt e. Ach gu mi-fhortanach, cha robh ugh agam dha.
Agus nach eil e inntinneach mar a bhruidhneas na beathaichean ann an dòigh eadar-dhealaichte far a bheil cànan eadar-dhealaichte aig na daoine. Mar eisimpleir, canaidh cearcan ann an dùthaich na Beurla “chook, chook”, ach ann an dùthaich na Gàidhlig, canaidh iad “gog, gog.” Agus seallaibh air caoraich. Ann an Sasainn, ’s e “Baa, baa” a chanas iad. Ach cha chuala mi caora ann an Alba a ràdh “baa, baa” a-riamh. Nuair a bhios iad a’ mèilich ann an Alba, canaidh iad, “mè, mè.” Tha mi a’ dèanamh dheth gur e sin buaidh na Gàidhlig orra.
Agus thachair mi ri fear turas aig an robh beathach a bha comasach air ceistean poilitigeach – seadh, poilitigeach - a fhreagairt. Chan e siompansaidh a bh’ ann, ach cat. Chaidh mi a chèilidh air an duine agus thuirt e rium, “seall air a’ chat seo. Cuiridh mi ceist air mu phoileataigs Àisia agus bheir e freagairt chiallach dhomh.”
Uill, cha robh mi ga chreidsinn agus dh’innis mi sin dha. “Ceart, ma tha,” ars’ esan, “seall air seo.” Agus chuir e an cat air uchd. “Cò,” thuirt e ris a’ chat (ged a bha e a’ bruidhinn ann am Beurla),“cò an duine a bha os cionn arm nan Coimiunach air a’ Mhàrsadh Fhada ann an Sìna ann an naoi ceud deug, dà fhichead ’s a naoi (1949). Shlaod e earball a’ chait, agus thug an cat an fhreagairt cheart. Choimhead e suas agus thuirt e “Mao!”
Bhuamsa, Ruairidh MacIlleathain, dùrachdan an t-samhraidh dhuibh uile…
Faclan na na Litreach: dh’fhaighnich: asked; thrèig: forsook, abandoned; siompansaidh: chimpanzee; luchd-rannsachaidh: researchers; Sutha Lunnainn: London Zoo; a’ mèilich: bleating; ceistean poilitigeach: political questions; Àisia: Asia; arm nan Coimiunach: the Communist army; Sìna: China.
Abairtean na na Litreach: thachair mi ri fear: I met a man; ars’ esan: he said; nach robh comas agam labhairt innte:that I did not have the ability to speak in her (“Gàidhlig” is feminine); sgeul duilich: a sad story; a’ dèanamh di-meas air:showing disrespect, contempt for; co-dhiù bha e ann an sgoil neo nach robh: whether it (he) was in school or not; tha cuimhn’ agam air: I remember; tha mi a’ dèanamh dheth gur e sin buaidh na Gàidhlig orra: I reckon that is the effect of Gaelic on them; bheir e freagairt chiallach dhomh: it (he) will give me a sensible answer; dh’innis mi sin dha: I told him that; chuir e an cat air uchd: he put the cat on his lap; air a’ Mhàrsadh Fhada: on the Long March.
Puing ghràmair na na Litreach: Bhiodh e fada na b’ fhasa dha: it would be much easier for it (him). The comparative form of furasda (fearasda, farasda) is “fasa” but it never sounds like “fasa” because the “f” is lenited and becomes soundless. In the present and future tenses of the indicative mood of the verb it is “nas fhasa” which sounds like “nuh sassuh”. If the verb is in the past tense or in the subjunctive mood (which it is in the letter) it is “na b’ fhasa” which sounds like “nuh bassuh”. Tha leughadh nas fhasa na sgrìobhadh: reading is easier than writing (present, indicative). Bidh sin nas fhasa:that will be easier (future, indicative). Bha e na b’ fhasa dha ruith nuair a bha e òg: it was easier for him to run when he was young (past, indicative). Bhiodh e na b’ fhasa dhaibh an taigh a pheantadh nan robh an turadh ann: it would be easier for them to paint the house if the weather were dry (subjunctive).
Gnàthas-cainnt na na Litreach: Cha chreid mise nach do rinn an luchd-rannsachaidh mearachd: I reckon the researchers made a mistake. This phraseology is used extensively in informal conversation and often confuses the learner because of its apparent double negative. Cha chreid mi gu bheil e deiseil fhathast: I don’t think it is ready yet. Cha chreid mi nach eil e deiseil a-nis: I think it is ready now. Q: An e siud an duine thall? (is that the man over there?) A: Cha chreid mi nach e (I think so). Try to master this and then attempt it on your Gaelic teacher. He/she will be impressed!
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn