FaclairDictionary EnglishGàidhlig

41: Cho carach ris an t-sionnach

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Cho carach ris an t-sionnach

Gaelic Gàidhlig

Tha samhla ann an Gàidhlig a chluinnear bho àm gu àm – cho carach ris a’ mhadadh-ruadh. Neo cho carach ris an t-sionnach. Bidh cuimhn’ agaibh bho Litir eile gu bheil madadh-ruadh agus sionnach a’ ciallachadh na h-aon rud – fox ann am Beurla. Chan eil teagamh nach eil cliù aig an t-sionnach mar bheathach carach. Tha e doirbh an gnothach a dhèanamh air sionnach.

Sin mar a tha e ann am beul-aithris co-dhiù. Tha mòran seann sgeulachdan ann anns a bheil sionnach a’ dèanamh a’ ghnothaich air beathach eile. Agus tha e coltach gu bheil beagan dhen fhìrinn ann an cuid aca. Mar eisimpleir, chaidh innse do dh’fhear a bha a’ cruinneachadh beul-aithris Ghàidhlig anns an naoidheamh linn deug gum faca seann duine sionnach a’ sealg turas ann an loch far an robh lachan gu leòr. Chuir e bad fraoich na bheul, gus nach fhaiceadh na lachan e, agus shnàmh e a-mach gu meadhan an locha. Mar sin, fhuair e am measg nan lach gun fhiosda dhaibh. An uairsin leig e am fraoch às a bheul, agus mharbh e dà lach. B’ esan am balgair!

Agus sin facal eile airson sionnach – balgair. Ach tha e cuideachd a’ ciallachadh duine a tha carach neo ladarna neo mi-onorach neo dìreach gun fheum. Balgair.

Tha stòiridh eile ann mu dheidhinn an t-sionnaich a tha a’ sealltainn cho glic ’s a tha e. Bidh na madaidhean sin a’ faighinn deargannan orra mar a bhios gach beathach eile dhen t-seòrsa. Agus tha deargannan a’ cur dragh mòr air na beathaichean air a bheil iad a’ fuireach. Bhiodh na seann daoine ag ràdh gu robh dòigh shònraichte aig an t-sionnach faighinn cuidhteas iad. Bhiodh an sionnach a’ coimhead timcheall airson pìos clòimhe a thàinig bho chaora. Mar a tha fios agaibh, bidh caoraich a’ fàgail clòimh air creagan is gàrraidhean is feansaichean, is air feadh an àite.

Bhiodh an sionnach a’ cur a’ chlòimh na bheul is a’ dol sìos a dh’abhainn. Bhiodh e a’ dol a-steach don abhainn, agus ga leigeil fhèin sìos anns an uisge gu slaodach, earball an toiseach. Bhiodh na deargannan a’ teicheadh bhon uisge suas a dh’ionnsaigh ceann an t-sionnaich. Chumadh an sionnach a’ dol ga leigeil fhèin na b’ìsle is na b’ìsle gus nach robh càil os cionn an uisge ach a shròn, a bheul agus am pìos clòimhe. Mu dheireadh, fhad ’s a bha sròn an t-sionnaich a’ dol fon uisge, leumadh na deargannan air a’ chlòimh, leigeadh an sionnach a’ chlòimh às a bheul, agus dh’fhalbhadh na deargannan leis an t-sruth, sìos an abhainn. Abair beathach glic!

Agus is toigh leam an sgeulachd mun dòigh anns an d’ fhuair an sionnach làmh an uachdair air a’ mhadadh-allaidh. Bha foghlam aig a’ mhadadh-allaidh ach cha robh foghlam aig an t-sionnach idir. Agus bha am madadh-allaidh na bu mhotha ’s na bu làidire.

Co-dhiù, latha a bha seo, bha iad air chuairt còmhla agus chunnaic iad each mòr. Thuirt an sionnach ris a’ mhadadh-allaidh, “An urrainn dhut an t-ainm air crudha an eich a leughadh?”

“Chan eil fhios a’m,” dh’fhreagair am madadh-allaidh, “a bheil ainm air?”

“O tha,” ars’ an sionnach,” agus leis gu bheil foghlam agad, bidh comas agad a leughadh.”

Chaidh am madadh-allaidh na b’ fhaisge ’s na b’ fhaisg’ air an each. Gach turas a thogadh an t-each cas, dh’fheuchadh am madadh-allaidh ris na bha sgrìobhte air a’ chrudha a leughadh. Mu dheireadh thall, nuair a bha e ro fhaisg, thog an t-each a chas agus bhreab e am madadh-allaidh air a cheann gu cruaidh. “O,” ars’ an sionnach, “chan eil mise nam sgoilear agus cha bu toigh leam a bhith!”

Faclan na Litreach: cliù: reputation; beul-aithris: oral tradition; a’ cruinneachadh: collecting; bad fraoich: a clump of heather; shnàmh: swam; ladarna: impudent; mi-onorach: dishonest; deargannan: fleas; a’ teicheadh: fleeing; làmh an uachdair: the upper hand; bhreab: kicked.

Abairtean na Litreach: tha e doirbh an gnothach a dhèanamh air: it is hard to defeat,take a rise out of; far an robh lachan gu leòr:where there were plenty of ducks; gus nach fhaiceadh na lachan e: so that the ducks wouldn’t see him; gun fhiosda dhaibh: without their knowledge; B’ esan am balgair!: it’s him that was the wily rogue! (but balgair also means fox); airson pìos clòimhe a thàinig bho chaora: for a piece of wool that came from a sheep; ga leigeil fhèin sìos anns an uisge gu slaodach, earball an toiseach: immersing himself slowly in water, tail first; a dh’ionnsaigh ceann an t-sionnaich: towards the fox’s head; dh’fhalbhadh na deargannan leis an t-sruth: the fleas would leave with the current; bha foghlam aig a’ mhadadh-allaidh: the wolf was educated; an urrainn dhut an t-ainm air crudha an eich a leughadh?: can you read the name on the horse’s shoe?; chan eil mise nam sgoilear agus cha bu toigh leam a bhith: I am not a scholar and I wouldn’t like to be.

Puing ghràmair na Litreach: (bha) dòigh shònraichte aig an t-sionnach faighinn cuidhteas iad: the fox had a special way of getting rid of them. The phrase faigh cuidhteasis very useful. Fhuair mi cuidhteas an leabhair (I got rid of the book); cuin’ a gheibh thu cuidhteas e?(when will you get dispose/get rid of it?). In some dialects it is faigh cuidhteas de eg fhuair mi cuidhteas dhen chàr agam (I got rid of my car); ’eil cuimhn’ agad air an t-seann bhàta agam? Fhuair mi cuidhteas dhith (do you remember my old boat. I got rid of her). One grammatical point to be made is that the word order is never reversed, even when the verb should, by normal rules, be terminal. eg Tha mi a’ feuchainn ri faighinn cuidhteas iad (or dhiubh) NOT Tha mi a’ feuchainn ri cuidhteas fhaighinn iad (or dhiubh). Remember that these exceptions to standard rules add richness to the language!

Gnàthas-cainnt na Litreach: cho carach ris a’ mhadadh-ruadh or cho carach ris an t-sionnach: as wily as the fox. Carach means wily, sly, cunning, deceitful. You might say this of somebody. Bha e cho carach ris an t-sionnach (he was as wily as the fox).

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean