694: Árainn Mhór (1)
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Árainn Mhór (1)
An latha eile, chunnaic mi tachartas iongantach ann an sùil mo chuimhne. Bha mi ann an Èirinn ann am meadhan nan naochadan, air Árainn Mhór, eilean beag far costa Thìr Chonaill.
Bha mi fhìn ’s a’ bhean agam agus ar dithis chloinne air làithean-saora campachaich air taobh an iar na h-Èireann. Agus abair samhradh. Bha i teth fad a’ cheala-deug. Bha sinn a’ snàmh a h-uile latha – sa mhuir, ann an lochan agus ann an aibhnichean.
’S iomadh cuimhne mhath a th’ agam dhen chuairt sin. Ach ’s i an oidhche ann an Árainn Mhór an tè as motha a sheasas a-mach. Lorg sinn bàgh le mol. Bha àite math ann airson teanta agus cha robh ach aon taigh nar sealladh. Airson a bhith modhail, chaidh sinn suas bruthach don taigh – fear beag traidiseanta le a bhallachan air an aoladh, agus asal taobh a-muigh an dorais. Bha Gaeilge aig an fhear a bha a’ fuireach ann. Bha e toilichte gu leòr gum biomaid a’ campachadh na h-oidhche air cùl a’ chladaich.
Chuir sinn an teanta an-àirde. Bha tuinn mhòra a’ briseadh air a’ chladach. An dèidh greis, thachair rud iongantach. Thòisich am bàgh air lìonadh le èisg. Agus tha mi a’ ciallachadh lìonadh’!
Bha an fheadhainn bheaga airgid ann an toiseach – milleanan dhiubh. Chanainn gur e garbhagan a bh’ annta. Bha iad ann an sgaothan mòra. Bha feadhainn dhiubh a’ briseadh uachdar na mara mar gun robh èisg na bu mhotha an tòir orra. Agus bha!
Às an dèidh thàinig sgaothan mòra de rionnaich agus saoidheanan. Bha na milleanan dhiubhsan ann cuideachd. Thug sinn na slatan-iasgaich a-mach – oir dhèanadh rionnach no dhà deagh dhinnear. Ach, aig amannan, chuir sinn na slatan an dàrna taobh. Bha e dìreach mìorbhaileach a bhith a’ coimhead na mara. Chunnaic sinn èisg a’ snàmh aig astar ann am bilean nan tonn. Ann an solas grèine an fheasgair, bha na dathan iongantach. Bha Daibhidh Attenborough air a bhith toilichte a bhith nar brògan!
Bha sinn a’ glacadh èisg gu leòr. Rionnaich an toiseach; an uair sin dh’fhalbh iad. Às dèidh nan rionnach, ’s e saoidheanan a bha sinn a’ glacadh. Leis cho teth ’s a bha e, bha fios againn nach cumamaid iad fada. Agus, feumaidh mi aideachadh nach eil mi cus ro dhèidheil air blas an t-saoidhein co-dhiù. ’S fheàrr leam an ìre mhath iasg sam bith eile seach saoidhean!
Cha robh fios agam am bu chòir dhuinn dìreach an tilgeil air ais don mhuir no an cumail airson a’ bhodaich air a’ chnoc. Dh’iarr mi air a’ chloinn, ma-thà, a dhol suas don taigh aige agus innse dhà mun ghnothach. Thuirt mi riutha, Inns dha gu bheil cus èisg gu bhith againn ach gum biomaid toilichte feadhainn a thoirt dha. Inns dha gur e saoidhean a chanas sinn riutha anns a’ Ghàidhlig againn fhèin, gur e saithe a chanas muinntir na h-Alba ann am Beurla, agus gur e coalfish an t-ainm orra anns a’ Bheurla Shasannaich.’ Bha mi an dùil gun tuigeadh am bodach Èireannach fear de na h-ainmean sin. Ach cha do thuig, mar a chì sinn an-ath-sheachdain.
Faclan na Litreach: Árainn Mhór: Aranmore (Island, Co. Donegal); a’ snàmh: swimming; bruthach: slope; garbhagan: sprats; sgaothan: shoals.
Abairtean na Litreach: meadhan nan naochadan: the mid nineties; far costa Thìr Chonaill: off the coast of Donegal; làithean-saora campachaich: a camping holiday; abair samhradh: what a summer; fad a’ cheala-deug: for the entire fortnight; an tè as motha a sheasas a-mach: the one that stands out most; bàgh le mol: a bay with a shingle beach; le a bhallachan air an aoladh: with its walls limed; asal taobh a-muigh an dorais: a donkey outside the door; gum biomaid a’ campachadh na h-oidhche air cùl a’ chladaich: that we would be camping the night behind the beach; chuir sinn an teanta an-àirde: we erected the tent; bha tuinn mhòra a’ briseadh air a’ chladach: big waves were breaking on the shore; thòisich am bàgh air lìonadh le èisg: the bay began to fill with fish; a’ briseadh uachdar na mara mar gun robh èisg na bu mhotha an tòir orra: breaking the surface of the sea as if larger fish were chasing them; rionnaich agus saoidheanan: mackerel and saithe; chuir sinn na slatan an dàrna taobh: we put the rods aside; ann am bilean nan tonn: in the crests of the waves; nach cumamaid iad fada: that we wouldn’t keep them long; feumaidh mi aideachadh: I must admit; cus ro dhèidheil air blas an t-saoidhein: too keen on the flavour of the saithe; gum biomaid toilichte feadhainn a thoirt dha: that we’d be pleased to give him some.
Puing-chànain na Litreach: Cha robh fios agam am bu chòir dhuinn dìreach an tilgeil air ais don mhuir no an cumail airson a’ bhodaich air a’ chnoc: I didn’t know if I should just throw them back into the sea or keep them for the old man on the hill. Do you notice the use of the possessive pronoun an’ (third person plural) before the verbal noun in this construction ie an tilgeil and an cumail ? Here is an example using the first person singular mo’. Bu chòir dhut mo chur sa chiad àite (you should put me in first place); bu chòir dhi mo chumail anns an sgioba (she should keep me in the team).
Gnàthasan -cainnt na Litreach: chunnaic mi tachartas iongantach ann an sùil mo chuimhne: I saw an amazing event in my memory’s eye. ’S iomadh cuimhne mhath a th’ agam dhen chuairt sin: I have many good memories [it is many good memories I have] of that journey.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 390
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn