FaclairDictionary EnglishGàidhlig

706: Beathaichean, a chaidh à bith, air mapaichean na h-Alba (4)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Beathaichean, a chaidh à bith, air mapaichean na h-Alba (4)

Gaelic Gàidhlig

An-uiridh, dh’fhoillsich luchd-rannsachaidh eun pàipear air an fhianais ann an ainmean-àite air eachdraidh is sgaoileadh iolairean ann am Breatainn agus Èirinn. Tha trì seòrsaichean iolaire ann – an iolaire-bhuidhe, an iolaire-mhara agus an iolair-uisge. Tha an iolaire-bhuidhe air a bhith ann bho shean. Chaidh an iolaire-mhara agus an iolair-uisge à bith ann an Alba. Thàinig an iolair-uisge air ais le a toil fhèin. Ach ’s e mac-an-duine a thug an iolaire-mhara air ais.

Choimhead an luchd-rannsachaidh air ainmean mar iolaire is fìor-eun ann an Gàidhlig, eryr ann an Cuimris, er ann an Còrnais, erne ann am Beurla is Albais, ørn ann an Lochlannais agus eagle ann am Beurla. Ach feumar a bhith faiceallach. Tha a leithid Eaglesfield a’ tighinn bho eglwys no eccles, faclan ann an Cuimris agus san t-Seann Bheurla airson ‘eaglais’. Agus chan eil Gleneagles co-cheangailte idir ri iolairean – tha e a’ tighinn bhon Ghàidhlig Gleann Eagas.

Bha an luchd-rannsachaidh a’ coimhead a-mhàin air an iolaire-mhara is iolaire-bhuidhe. Ach, mas e dìreach eagle no erne no iolaire a th’ anns an ainm, ciamar a bhios fios againn dè an seòrsa a bhathar a’ ciallachadh? Sin far an robh na h-eag-eòlaichean a’ cuideachadh. Bidh iolairean-mara a’ neadachadh nas fhaisge air a’ chladach air talamh nas ìsle nan tèile.

Rinn iad co-dhùnadh mar seo: Nam biodh an t-ainm aig àirde os cionn na mara na b’ ìsle na dà cheud meatair, taobh a-staigh deich cilemeatair bho uisge, ’s e an iolaire-mhara a bha e ag ainmeachadh. Nam biodh an t-àite còrr is ceud gu leth meatair os cionn na mara, le talamh àrd faisg air làimh, ’s e iolaire-bhuidhe a bhiodh ann – coma gun robh uisge faisg no nach robh. Eadar ceud gu leth is dà cheud meatair, cha robh e soilleir dè an seòrsa a bh’ ann.

Lorgadh còrr is seachd ceud ainm. B’ e a’ Ghàidhlig an cànan a bu mhotha san robh iad – aig dà cheud, seachdad ’s a sia (276). Ann an Gàidhlig bha an iolaire-bhuidhe na bu phailte sna h-ainmean, le còrr is an dà thrian dhiubh. Ach nuair a bha a h-uile cànan air a thoirt a-steach, bha an iolaire-mhara beagan na bu phailte na ’n iolaire-bhuidhe.

Leis an fhiosrachadh gu lèir mu na h-eòin, rinn an luchd-rannsachaidh tomhas air an àireimh de gach seòrsa ann am Breatainn is Èirinn anns a’ bhliadhna còig ceud AC – eadar mìle is mìle gu leth paidhir dhen iolaire-bhuidhe agus eadar ochd ceud is mìle ’s ceithir cheud dhen iolaire-mhara. Bha iad mòran na bu phailte an uair sin na tha iad a-nise.

Gheall mi an t-seachdain sa chaidh gun cuirinn iongnadh oirbh le ainm-àite anns a bheil beathach, a chaidh à bith, air ainmeachadh. Agus seo e. Ann an ceann a deas Eilean Bhòid, tha àite ann air a bheil Beaver Wood. Seadh, Beaver. ’S e an t-aon àite as aithne dhòmhsa ann an Alba far a bheil am bìobhair air ainmeachadh air a’ mhapa.

An robh bìobhairean uaireigin beò ann? Bha! Ach … bha iad air an toirt a-steach le Marcuis Bhòid anns na seachdadan dhen naoidheamh linn deug. Bha iad soirbheachail airson co-dhiù co-dhiù deich bliadhna agus an uair sin chaidh iad à bith. Chan eil e soilleir idir dè thachair dhaibh. Ach tha an gnothach air a chuimhneachadh air mapa Eilean Bhòid chun an latha an-diugh.

Faclan na Litreach: an-uiridh: last year; iolaire-bhuidhe: golden eagle; iolaire-mhara: [white-tailed] sea eagle; iolair-uisge: osprey; Eilean Bhòid: Isle of Bute.

Abairtean na Litreach: dh’fhoillsich luchd-rannsachaidh eun pàipear: ornithological researchers published a paper; fianais ann an ainmean-àite air eachdraidh is sgaoileadh iolairean: evidence in place names on the history and spread of eagles; air ais le a toil fhèin: back under its own devices; feumar a bhith faiceallach: one must be careful; a’ coimhead a-mhàin: only looking at; dè an seòrsa a bhathar a’ ciallachadh?: what type was meant?; sin far an robh na h-eag-eòlaichean a’ cuideachadh: that’s where the ecologists helped; a’ neadachadh nas fhaisge air a’ chladach: nesting closer to the shore; air talamh nas ìsle nan tèile:on lower ground than the other one; na b’ ìsle na dà cheud meatair: lower than 200 metres; le talamh àrd faisg air làimh:with high ground close by; lorgadh seachd ceud ainm: 700 names were found; còrr is an dà thrian dhiubh: more than two-thirds of them; eadar mìle is mìle gu leth paidhir dhen iolaire-bhuidhe: between 1,000 and 1,500 pairs of golden eagles; mòran na bu phailte an uair sin: much more numerous then; gheall mi gun cuirinn iongnadh oirbh: I promised that I would surprise you; an t-aon àite as aithne dhòmhsa far a bheil am bìobhair air ainmeachadh: the one place I know where the beaver is named; air an toirt a-steach le Marcuis Bhòid: introduced by the Marquis of Bute; soirbheachail airson co-dhiù co-dhiù deich bliadhna: successful for a decade at the very least; chan eil e soilleir idir dè thachair dhaibh: it’s not at all clear what happened to them.

Puing-chànain na Litreach: coma gun robh uisge faisg no nach robh: regardless of whether water was close by or not. Comais a great word – it can mean ‘unconcerned, indifferent, uncaring’ and is used in a variety of idiomatic constructions. Tha mi coma – I couldn’t care less. Tha e coma dè thachras – he doesn’t care what happens. Tha i coma dheth – she doesn’t like it. Coma leat – don’t worry about it, never mind. Is coma leinn – it makes no odds to us. In the example in the Litir the assertive verb ‘is’ is understood but not expressed. Being strictly grammatical, I might have said bu choma gun robh uisge faisg no nach robh but I was being idiomatic (and slightly lazy!)

Gnàthas-cainnt na Litreach: rinn an luchd-rannsachaidh tomhas air an àireimh de gach seòrsa ann am Breatainn is Èirinn: the researchers estimated the number of each type in Britain and Ireland.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 402

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean