FaclairDictionary EnglishGàidhlig

263: Kebnekaise 263: Kebnekaise

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Kebnekaise

Gaelic Gàidhlig

’S i Kebnekaise a’ bheinn as àirde anns an t-Suain. Tha i ann an sgìre bhrèagha. Tha i anns a’ cheann a tuath, anns an Artaig. Bha mi anns an sgìre sin aig àm na Càisge. Bha mi a’ sgitheadh thar na dùthcha.

Is e sin dùthaich nan Sàmi. Air an tìr agus air a’ mhapa, tha a’ mhòr-chuid de na h-ainmean-àite ann an Sàmais. Thog mi facal no dhà dhen chànan; tha jávri a’ ciallachadh “loch”. Tha vággi a’ ciallachadh “gleann”; tha čohkka a’ ciallachadh “mullach beinne”. Tha mi an dòchas gun tuirt mi ceart iad.

Tha rud inntinneach mu na mapaichean anns an t-Suain, co-dhiù anns a’ cheann a tuath. Tha dà ainm air gach tè de na beanntan àrda ainmeil. Mar eisimpleir tha Kebnekaise ann. Cuideachd, fon ainm sin, tha Giebmegáisi ann. ’S e Kebnekaise an riochd Suaineis air an ainm (ged as e ainm Sàmais a tha ann). ’S e Giebmegáisi an riochd Sàmais. Tha e coltach ri Ben Nevis agus Beinn Nibheis. Tha an dà chuid a’ tighinn bhon Ghàidhlig. Ach tha dreach Beurla air fear dhiubh.

Gu trithead bliadhna air ais, bha Sàmais air a sgrìobhadh a rèir nòsan Suaineis. A-nise tha dòigh sgrìobhaidh aca fhèin. Tha sin eadar-dhealaichte bho dhòigh-sgrìobhaidh Suaineis.

Ach seo agaibh rud cudromach. Tha e a’ bualadh oirnn ann an Alba. Tha na Suainich a’ cur riochdan Sàmais an latha an-diugh air na mapaichean a-nise. Tha sin a bharrachd air seann riochd stèidhichte air Suaineis (far a bheil an seann riochd ainmeil). Tha na Suainich a’ leantainn aonta a rinn na Dùthchannan Aonaichte. ’S e sin, far a bheil mion-chànan ann, gum bi an litreachadh acasan air mapaichean na dùthcha.

Nise, coimheadaibh air mapa na h-Alba. Dèanaibh coimeas mapaichean na Suain. Air mapaichean an t-Suirbhidh Òrdanais far a bheil am mullach as àirde ann an Alba, chan eil ann ach “Ben Nevis”. Dreach na Beurla a-mhàin. Chan eil sgeul air dreach na Gàidhlig. Tha an t-àm againn sin atharrachadh. Bu chòir “Beinn Nibheis” a bhith ann cuideachd.

Kebnekaise

English Beurla

Kebnekaise is the highest mountain in Sweden. It’s in a beautiful area. It’s in the north, in the Arctic. I was in that area at Easter time. I was skiing across [the] country.

That is the country of the Sámi. On the land and on the map, most of the place names are in Sámi. I picked up a word or two of the language. Jávri means “loch”. Vággi means “glen”; Čohkka means “mountain top”. I hope I said them correctly.

There is an interesting thing about the maps in Sweden, at least in the north. There are two names on each of the famous high mountains. For example, there is Kebnekaise. Also, under that name, there is Giebmegáisi. Kebnekaise is the Swedish language form of the name (although it is a Sámi name). It’s like Ben Nevis and Beinn Nibheis. Both come from Gaelic. But one of them has an anglicised form.

Until thirty years ago, Sámi was written according to Swedish language norms. Now they have their own way of writing. That is different from the Swedish writing system.

But here’s an important thing. It affects us in Scotland. The Swedes now put modern Sámi forms on their maps. That’s in addition to an old form based on Swedish (where the old form is well known). The Swedes are following an agreement the United Nations made. That is, where there is a minority language, that their spelling will be on the maps.

Now, look at the map of Scotland. Compare [it] with the maps of Sweden. On the Ordnance Survey maps, where there is the highest summit in Scotland, there is only “Ben Nevis”. The anglicised form only. There’s no sign of the Gaelic form. It’s time we changed that. “Beinn Nibheis” should also be there.

Kebnekaise

Gaelic Gàidhlig

’S i Kebnekaise a’ bheinn as àirde anns an t-Suain. Tha i ann an sgìre bhrèagha. Tha i anns a’ cheann a tuath, anns an Artaig. Bha mi anns an sgìre sin aig àm na Càisge. Bha mi a’ sgitheadh thar na dùthcha.

Is e sin dùthaich nan Sàmi. Air an tìr agus air a’ mhapa, tha a’ mhòr-chuid de na h-ainmean-àite ann an Sàmais. Thog mi facal no dhà dhen chànan; tha jávri a’ ciallachadh “loch”. Tha vággi a’ ciallachadh “gleann”; tha čohkka a’ ciallachadh “mullach beinne”. Tha mi an dòchas gun tuirt mi ceart iad.

Tha rud inntinneach mu na mapaichean anns an t-Suain, co-dhiù anns a’ cheann a tuath. Tha dà ainm air gach tè de na beanntan àrda ainmeil. Mar eisimpleir tha Kebnekaise ann. Cuideachd, fon ainm sin, tha Giebmegáisi ann. ’S e Kebnekaise an riochd Suaineis air an ainm (ged as e ainm Sàmais a tha ann). ’S e Giebmegáisi an riochd Sàmais. Tha e coltach ri Ben Nevis agus Beinn Nibheis. Tha an dà chuid a’ tighinn bhon Ghàidhlig. Ach tha dreach Beurla air fear dhiubh.

Gu trithead bliadhna air ais, bha Sàmais air a sgrìobhadh a rèir nòsan Suaineis. A-nise tha dòigh sgrìobhaidh aca fhèin. Tha sin eadar-dhealaichte bho dhòigh-sgrìobhaidh Suaineis.

Ach seo agaibh rud cudromach. Tha e a’ bualadh oirnn ann an Alba. Tha na Suainich a’ cur riochdan Sàmais an latha an-diugh air na mapaichean a-nise. Tha sin a bharrachd air seann riochd stèidhichte air Suaineis (far a bheil an seann riochd ainmeil). Tha na Suainich a’ leantainn aonta a rinn na Dùthchannan Aonaichte. ’S e sin, far a bheil mion-chànan ann, gum bi an litreachadh acasan air mapaichean na dùthcha.

Nise, coimheadaibh air mapa na h-Alba. Dèanaibh coimeas mapaichean na Suain. Air mapaichean an t-Suirbhidh Òrdanais far a bheil am mullach as àirde ann an Alba, chan eil ann ach “Ben Nevis”. Dreach na Beurla a-mhàin. Chan eil sgeul air dreach na Gàidhlig. Tha an t-àm againn sin atharrachadh. Bu chòir “Beinn Nibheis” a bhith ann cuideachd.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 567

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile