FaclairDictionary EnglishGàidhlig

477: Allan the Ridge (1) 477: Ailean an Rids (1)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Ailean an Rids (1)

Gaelic Gàidhlig

Nuair a bha mi ann an Alba Nuaidh o chionn ghoirid, thachair mi ri Oighrig NicFhraing. Thug i lethbhreac dhomh dhen leabhar aice Às a’ Bhràighe. Mo bheannachd oirre.

Tha an leabhar mu dheidhinn bàrd ann an Alba Nuaidh anns an naoidheamh linn deug. B’ esan Ailean Dòmhnallach no Ailean an Rids. Tha e a’ dearbhadh beartas na Gàidhlig ann an Alba Nuaidh.

Rugadh Ailean ann am Bràigh Loch Abar ann an seachd ceud deug, naochad s a ceithir (1794). Bhuineadh e do Dhòmhnallaich Bhoth Fhionndain. Fhuair e sgoil mhath ann an Gàidhlig is Beurla – anns an taigh-chèilidh, a cheart cho math ris an sgoil.

Bha cùisean a’ fàs doirbh do Dhòmhnallaich Bhoth Fhionndain aig toiseach an naoidheamh linn deug. Ann an ochd ceud deug ’s sia-deug (1816), sheòl an teaghlach a Phictou ann an Alba Nuaidh. Chùm iad a dol gu ruige Màbu ann an Eilean Cheap Bhreatainn, far an d’ fhuair iad fearann air druim no ‘rids’. ’S ann an uair sin a fhuair iad am far-ainm Rids.

Ann am Màbu bha iad am measg Ghàidheal Caitligeach. Bha mòran aca à Loch Abar. Bha a’ choimhearsnachd gu math Gàidhealach. Tha Gàidhlig air a bruidhinn ann am Màbu chun an latha an-diugh.

Tha Oighrig a’ dèanamh coimeas eadar bàrdachd Ailein agus sgrìobhaidhean aig a’ Bhàrd MacIlleathain. Bha esan, ge-tà, a’ fuireach air tìr-mòr na h-Alba Nuaidhe ann an suidheachadh aonaranach. Anns ‘A’ Choille Ghruamach’, sgrìobh e:

Mun dèan mi àiteach, ’s mun tog mi bàrr ann

’S a’ choille ghàbhaidh chur às a bonn

Le neart mo ghàirdean, gum bi mi sàraicht’

Is treis air fàilinn mu ’m fàs a’ chlann.

Tha a’ bhàrdachd aig Ailean an Rids a’ sealltainn beachd eadar-dhealaichte. Bha e a’ moladh na h-Alba Nuaidhe:

Nis o ’n thàinig thu thar sàile

Chum an àite ghrinn,

Cha bhi fàilinn ort ri d’ latha

’S gach aon nì fàs dhuinn fhìn:

Gheibh thu mil air bhàrr nan lusan,

Siùcar agus tì,

’S fheàrr dhut siud na ’n tìr a dh’fhàg thu

Aig a’ ghràisg na frìth.

Bheir sinn sùil a bharrachd air Ailean an Rids an-ath-sheachdain.

Allan the Ridge (1)

English Beurla

When I was in Nova Scotia recently, I met Effie Rankin. She gave me a copy of her book Às a’ Bhràighe. My compliments to her.

The book is about a poet in Nova Scotia in the nineteenth century. He was Allan MacDonald or Allan the Ridge. He shows the wealth of Gaelic in Nova Scotia.

Allan was born in Lochaber in 1794. He belonged to the MacDonalds of Bohuntin. He received a good education in Gaelic and English – in the ceilidh-house as much as at school.

Matters were getting difficult for the MacDonalds of Bohuntin at the start of the nineteenth century. In 1816, the family sailed to Pictou in Nova Scotia. They continued on to Mabou on Cape Breton Island, where they got land on a ridge. That was when they got the nickname Ridge.

In Mabou they were among Catholic Gaels. Many of them were from Lochaber. The community was very Gaelic. The Gaelic language is spoken in Mabou to this day.

Effie compares Allan’s poetry to the writings of the Maclean bard. He, however, was living on the Nova Scotian mainland in a lonely situation. In ‘The Gloomy Forest’ he wrote:

Before I cultivate the land, before I raise a crop

And uproot the forest

With the strength of my arms, that I’ll be wearied

And exhausted before the children are grown up.

Allan the Ridge’s poetry demonstrates an alternative viewpoint. He was praising Nova Scotia:

Now that you have come overseas

To the fine place,

You will lack for nothing all your days

As all things fare well for us:

You’ll get honey on the plant-tops

Sugar and tea,

Better for you than the land you left

To the rabble as a deer-forest.

We’ll take a further look at Allan the Ridge next week .

Ailean an Rids (1)

Gaelic Gàidhlig

Nuair a bha mi ann an Alba Nuaidh o chionn ghoirid, thachair mi ri Oighrig NicFhraing. Thug i lethbhreac dhomh dhen leabhar aice Às a’ Bhràighe. Mo bheannachd oirre.

Tha an leabhar mu dheidhinn bàrd ann an Alba Nuaidh anns an naoidheamh linn deug. B’ esan Ailean Dòmhnallach no Ailean an Rids. Tha e a’ dearbhadh beartas na Gàidhlig ann an Alba Nuaidh.

Rugadh Ailean ann am Bràigh Loch Abar ann an seachd ceud deug, naochad s a ceithir (1794). Bhuineadh e do Dhòmhnallaich Bhoth Fhionndain. Fhuair e sgoil mhath ann an Gàidhlig is Beurla – anns an taigh-chèilidh, a cheart cho math ris an sgoil.

Bha cùisean a’ fàs doirbh do Dhòmhnallaich Bhoth Fhionndain aig toiseach an naoidheamh linn deug. Ann an ochd ceud deug ’s sia-deug (1816), sheòl an teaghlach a Phictou ann an Alba Nuaidh. Chùm iad a dol gu ruige Màbu ann an Eilean Cheap Bhreatainn, far an d’ fhuair iad fearann air druim no ‘rids’. ’S ann an uair sin a fhuair iad am far-ainm Rids.

Ann am Màbu bha iad am measg Ghàidheal Caitligeach. Bha mòran aca à Loch Abar. Bha a’ choimhearsnachd gu math Gàidhealach. Tha Gàidhlig air a bruidhinn ann am Màbu chun an latha an-diugh.

Tha Oighrig a’ dèanamh coimeas eadar bàrdachd Ailein agus sgrìobhaidhean aig a’ Bhàrd MacIlleathain. Bha esan, ge-tà, a’ fuireach air tìr-mòr na h-Alba Nuaidhe ann an suidheachadh aonaranach. Anns ‘A’ Choille Ghruamach’, sgrìobh e:

Mun dèan mi àiteach, ’s mun tog mi bàrr ann

’S a’ choille ghàbhaidh chur às a bonn

Le neart mo ghàirdean, gum bi mi sàraicht’

Is treis air fàilinn mu ’m fàs a’ chlann.

Tha a’ bhàrdachd aig Ailean an Rids a’ sealltainn beachd eadar-dhealaichte. Bha e a’ moladh na h-Alba Nuaidhe:

Nis o ’n thàinig thu thar sàile

Chum an àite ghrinn,

Cha bhi fàilinn ort ri d’ latha

’S gach aon nì fàs dhuinn fhìn:

Gheibh thu mil air bhàrr nan lusan,

Siùcar agus tì,

’S fheàrr dhut siud na ’n tìr a dh’fhàg thu

Aig a’ ghràisg na frìth.

Bheir sinn sùil a bharrachd air Ailean an Rids an-ath-sheachdain.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 781

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile