79: Beside Loch Ness 79: Ri taobh Loch Nis
Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.
Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Ri taobh Loch Nis
An t-seachdain sa chaidh bha sinn aig Dùn Dearduil faisg air Loch Nis. Bho Inbhir Nis bidh cuid a’ dràibheadh a dh’ionnsaigh Dhùn Dearduil air rathad beag. Tha an rathad a’ tòiseachadh faisg air Tòrr an Eas. Cuideachd faisg air Tòrr an Eas tha loch. Tha ainm neònach air an loch. Loch Ceò Glais. Loch Ceò Glais. Loch of Grey Mist.
Bha mi a’ leughadh beagan mun àite. Bha an t-ùghdar ag ràdh nach e Ceò a bh’ anns an ainm, ach Cè. Tha Cè a’ ciallachadh “of Cia”. ’S e Cia ainm air seann dia pàganach Ceilteach. Mar sin, ’s e an t-ainm ceart air an loch – Loch Cè Glais. Tha sin a’ ciallachadh the loch of grey Cia.
Tha an rathad beag a Dhùn Dearduil cumhang. Tha e sàmhach sìtheil. Ach anns an t-seann aimsir cha robh an t-àite cho sìtheil. ’S e Baile Cheatharnach an t-ainm a bh’ air. The place of caterans, or freebooters. Baile Cheatharnach.
Air an rathad tha drochaid. Tha sin far a bheil an rathad a’ dol thairis air allt. Bha ainm-àite an sin co-cheangailte ris na ceatharnaich. Aig an drochaid bha muileann ann. ’S e Muileann nam Biodag an t-ainm a bh’ air. The Mill of the Dirks. Muileann nam Biodag. Bha na ceatharnaich a’ cur faobhar air na biodagan aca an sin. An uair sin bha iad a’ falbh airson droch rudan a dhèanamh.
Tha fiosrachadh sònraichte againn air aon bhaile-fearainn san sgìre. Tha sin nas fhaide sìos an rathad. ’S e Balchraggan no Bail’ a’ Chreagain an t-ainm a th’ air. Tha fios againn air na h-ainmean a bh’ air na h-achaidhean ann am Bail’ a’ Chreagain nuair a bha grunn teaghlaichean a’ fuireach ann. Bha na teaghlaichean a’ fuireach ri taobh a chèile. Bha achadh aig gach teaghlach. Seo agaibh na h-ainmean: Cùl Arachain, Bail’ an Fhraoich, Baile na Feadaige, Bail’ a’ Chreagain fhèin agus Bail’ an t-Sìthein. Gu mì-fhortanach, chaill sinn fiosrachadh mionaideach mar sin ann am mòran bhailtean air a’ Ghàidhealtachd.
Agus cò às a thàinig am fiosrachadh mionaideach sin air Bail’ a’ Chreagain? Thàinig bho bhodach – Seumas Gobha. Chaochail e ann an naoi ceud deug ’s a trì (1903). Rugadh e ann an ochd ceud deug ’s a trì (1803). Mar sin, bha e ceud bliadhna a dh’aois nuair a chaochail e. Innsidh mi dhuibh mu dheidhinn an ath-sheachdain.
Faclan is abairtean: bidh cuid a’ dràibheadh a dh’ionnsaigh Dhùn Dearduil: some people drive to [towards] Dùn Dearduil; Tòrr an Eas: Torness (a hamlet south of Inverness); tha ainm neònach air an loch: the loch has a strange name; ùghdar: author; seann dia pàganach Ceilteach: an old pagan Celtic god; cumhang: narrow; sàmhach sìtheil: quiet and peaceful; anns an t-seann aimsir: in olden times; far a bheil an rathad a’ dol thairis air allt: where the road crosses a burn; bha na ceatharnaich a’ cur faobhar air na biodagan aca: the freebooters were sharpening their dirks there; tha fiosrachadh sònraichte againn air aon bhaile-fearainn: we have special knowledge of one farm; nas fhaide sìos an rathad: further down the road; na h-ainmean a bh’ air na h-achaidhean: the names of the fields; nuair a bha grunn teaghlaichean a’ fuireach ann: when several families lived there; ri taobh a chèile:next to each other; bha achadh aig gach teaghlach: each family had a field; Cùl Arachain:given as “the back of the little height”; Bail’ an Fhraoich: the township of the heather; Baile na Feadaige: the township of the plover; Bail’ an t-Sìthein: the township of the fairy hillock; gu mì-fhortanach: unfortunately; chaill sinn fiosrachadh mionaideach mar sin: we [have] lost detailed information like that; mòran bhailtean air a’ Ghàidhealtachd:many villages in the Highlands; cò às a thàinig am fiosrachadh?: where did the information come from?; bho bhodach – Seumas Gobha:from an old man – James Gow; chaochail e: he died; rugadh e: he was born; ceud bliadhna a dh’aois: a hundred years of age; innsidh mi dhuibh mu dheidhinn; I’ll tell you about him.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 383
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn