146: White Stone Curling 146: Èiteag
Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.
Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Èiteag
An t-seachdain sa chaidh, thug sinn sùil air An Sguabag Bhealaidh – òran Gàidhlig à Blàr Athall. ’S e Pòl Camshron a sgrìobh e. Tha e mu chròladh, no curling. Chuir sinn crìoch air le Siud air falbh, an èiteag bhinneach/ ’S i air chrith na gluasad.
Tha èiteag a’ ciallachadh clach gheal. Tha mi a’ smaoineachadh gur e an “èiteag bhinneach” the apex stone – an tè as fhaisge air a’ chròlach. Tha i a’ dìon nan clachan eile.
Tha an t-siathamh rann a’ dol mar seo: Eadar “togail” agus “dìonadh”/ “Sgram an geàrd” no “sgailc a cliathaich”/ Chan eil sean no òg nach miannaich/ Bhith fo riar do bhuaireis.
Tha sin a’ toirt dhuinn briathrachas a bharrachd. Tha sgram an geàrd a’ ciallachadh “take out the guard stone”. Tha sgailc a cliathaich a’ ciallachadh “give her side a sharp blow”.
Anns an rainn mu dheireadh, tha sinn a’ cluinntinn mu mar a bhiodh na cròlaich a’ gabhail tlachd aig deireadh an latha: ’S lìonar cuach de dh’fhuarag Athall/ Nithear òl do Bhròd Dhùn Chailleann/ Buaidh ’s cliù don Diùc tha againn/ Sàr chùl-taic na sguabaig.
’S e “fuarag Athall” Atholl Brose. Airson a dhèanamh, bidh daoine a’ cur mel, uisge-beatha, min-choirce agus uisge còmhla. Tha an t-òran ag ràdh Nithear òl do Bhròd Dhùn Chailleann – “a toast is made for the Dunkeld crowd”. Bha farpaisean cròlaidh eadar muinntir Bhlàr Athall agus muinntir Dhùn Chailleann.
Agus tha sèist ann. Seo i: ’S i mo luaidh an sguabag bhealaidh/ Chuireas snuadh an gruaidh nam fearaibh/ ’S i mo luaidh an sguabag bhealaidh/ ’S alag mhear nan cuairteag. The broom brush is my love, it puts colour in the mens’ cheeks, the broom brush is my love, as is the joyful task of the curling circles.
O chionn ghoirid, lorg mi seann dealbh de chròlaich air a’ Ghàidhealtachd. Bha sin anns na seasgadan dhen naoidheamh linn deug. ’S e fear Alasdair Urchardan à Baile nan Granndach a rinn an dealbh. Bha iad a’ cleachdadh bhotal airson na tees a chomharrachadh. Tha botail anns an dealbh. Bha na botail air an dèanamh de fhiodh. Agus bha na daoine a rinn iad a’ dòrtadh luaidh annta gus am biodh iad trom gu leòr. ’S e deagh dhealbh a tha ann.
Faclan is abairtean: thug sinn sùil air: we looked at; An Sguabag Bhealaidh: the broom brush; Blàr Athall: Blair Atholl; Pòl Camshron: Paul Cameron; cròladh: curling; chuir sinn crìoch air le: we finished it with; èiteag: white stone; siud air falbh, an èiteag bhinneach: there she goes [away], the apex stone; air chrith na gluasad: vibrating as she moves; an tè as fhaisge air a’ chròlach:the one closest to the curler; tha i a’ dìon nan clachan eile: she protects the other stones; an t-siathamh rann:the sixth verse; eadar “togail” agus “dìonadh”: between “taking out” and “protecting”; sgram an geàrd:take out the guard [stone]; sgailc a cliathaich: give her a sharp blow on the side; mar a bhiodh na cròlaich a’ gabhail tlachd:how the curlers would take their pleasure/relax; aig deireadh an latha: at the end of the day; lìonar cuach de dh’fhuarag Athall: a quaich will be filled with Atholl Brose; Nithear òl do Bhròd Dhùn Chailleann: A toast will be drunk to the Dunkeld crowd; Buaidh ’s cliù don Diùc tha againn: A tribute to our Duke; Sàr chùl-taic na sguabaig: A great supporter of the brush [ie the sport];bidh daoine a’ cur mel, uisge-beatha, min-choirce agus uisge còmhla: people mix honey, whisky, oatmeal and water; tha sèist ann: there is a chorus; ’S i mo luaidh an sguabag bhealaidh: The broom brush is my love; Chuireas snuadh an gruaidh nam fearaibh: It puts colour in the mens’ cheeks; ’S alag mhear nan cuairteag: As is the joyful task of the curling circles; na seasgadan dhen naoidheamh linn deug: the 1860s; Alasdair Urchardan à Baile nan Granndach: Alexander Urquhart of Grantown-on-Spey; bha iad a’ cleachdadh bhotal airson na tees a chomharrachadh:they were using bottles to mark the tees; tha botail anns an dealbh: there are bottles in the picture; air an dèanamh de fhiodh: made of wood; bha na daoine a rinn iad a’ dòrtadh luaidh annta: the people who made them poured [were pouring] lead into them; gus am biodh iad trom gu leòr: so that they would be heavy enough; ’s e deagh dhealbh a tha ann: it’s a good picture.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 450
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn