FaclairDictionary EnglishGàidhlig

2: Kate Helen (2) 2: Ceit Eilidh (2)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Ceit Eilidh (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha Iain Dubh Mac Dhòmhnaill ’ic Iain a’ fuireach ann an Astràilia. Bha e a’ fuireach ann am Brisbane. Ach chaidh e fhèin is a bhean air turas a dh’Alba. Chaidh iad gu sgìre Gheàrrloch. Bha buinteanas aca do sgìre Gheàrrloch.

Nuair a bha iad ann an Geàrrloch, fhuair iad cuireadh fuireach còmhla ri càraid anns an sgìre. B’ iad sin Coinneach Cemp agus a bhean, Ceit Eilidh.

Air a’ chiad oidhche ann an taigh Mhic Chemp, ge-tà, dh’fhàs Iain tinn. Thàinig fuachd air. Droch fhuachd. Cha robh e gu math idir. Cha robh an t-acras air. Cha robh càil aige airson bracaist. Cha robh e sona. Chuir Ceit Eilidh gu leabaidh e. Chuir i plangaidean air, agus thug i brochan dha. Bobhla mòr de bhrochan.

A bheil fios agaibh dè tha ann am brochan? Ann an cuid de dh’àiteachan tha e a’ ciallachadh “porridge”. Ach, anns a’ cheann a tuath, mar as trice, ’s e lite no lit’ a chanas daoine ri porridge. Ann an Geàrrloch, canaidh iad lit’. Tha brochan a’ ciallachadh dìreach min-choirce le uisge teth ann. No thin gruel ann am Beurla.

Ach ’s e brochan math a bh’ ann. Oir, an ath-mhadainn, bha Iain slàn fallain a-rithist. Thuirt e gur e am brochan a rinn an leigheas air. Agus sgrìobh e òran mu dheidhinn. Seo an t-sèist:

Brochan bean Mhic Chemp, a’ bhean àlainn chòir,

Chuir e fuachd gun dàil dhìom, ’s tha mi slàn gu leòr,

Brochan bean Mhic Chemp, a’ bhean àlainn chòir.

Canaidh mi a-rithist e,

Brochan bean Mhic Chemp, a’ bhean àlainn chòir,

Chuir e fuachd gun dàil dhìom, ’s tha mi slàn gu leòr,

Brochan bean Mhic Chemp, a’ bhean àlainn chòir.

Ged a tha brochan a’ ciallachadh gruel, no porridge, tha e cuideachd a’ ciallachadh rudeigin nach bi sibh ag ithe. Tha brochan cuideachd a’ ciallachadh “mess”. Canaidh daoine “rinn e brochan dheth” airson “he made a mess of it”. Ach cha do rinn bean Mhic Chemp brochan dhen bhrochan! Agus cha do rinn Iain Dubh brochan dhen òran!

Ann an Geàrrloch ma tha talamh uabhasach fliuch, canaidh na daoine,“tha e cho fliuch, tha e coltach ri poit lit’.” Tha e cho fliuch, tha e coltach ri poit lit’. ’S e stuth math a th’ ann an lite, nach e? Ach feumaidh e a bhith fliuch. Feumaidh sibh uisge gu leòr a chur ann. Feumaidh sibh salann gu leòr a chur ann. Agus feumaidh sibh a chur mun cuairt le spàin fiodha. Mura dèan sibh sin, ’s dòcha gun dèan sibh brochan dheth!

Faclan is abairtean: Iain Dubh Mac Dhòmhnaill ’ic Iain: black (haired) John, son of Donald, son of John; bha X a’ fuireach ann an Astràilia: X was living in Australia; chaidh e fhèin is a bhean air turas: he and his wife went on a journey; bha buinteanas aca do sgìre Gheàrrloch: they belonged to the Gairloch area; fhuair iad cuireadh: they got an invitation; fuireach còmhla ri càraid: to stay with a couple; Coinneach Cemp agus a bhean, Ceit Eilidh: Kenneth Kemp and his wife Kate Eilidh; dh’fhàs Iain tinn: John got (grew) sick; thàinig fuachd air: he developed a cold; cha robh càil aige airson bracaist:he had nothing for breakfast; chuir X gu leabaidh e: X put him to bed; plangaidean: blankets; bobhla mòr de bhrochan: a big bowl of thin gruel; anns a’ cheann a tuath, mar as trice: in the north, usually; ann an Geàrrloch, canaidh iad: in Gairloch, they say; min-choirce le uisge teth: oatmeal with hot water; an ath-mhadainn, bha Iain slàn fallain a-rithist: the next morning, John was fit and healthy again; a’ bhean àlainn chòir: the beautiful and generous woman; chuir e fuachd gun dàil dhìom: it put the cold from me without delay (dhìom is the prepositional pronoun formed from de and mi); canaidh mi a-rithist e: I will say it again; tha e cuideachd a’ ciallachadh: it also means; rudeigin nach bi sibh ag ithe: something you will not [be] eat[ing]; cha do rinn X brochan dhen bhrochan: X didn’t make a mess of the brochan; tha e coltach ri poit lit’: it is like a pot of porridge; ’s e stuth math a th’ ann an lite: porridge is good stuff; feumaidh sibh uisge gu leòr a chur ann: you must put enough water in it; feumaidh sibh a chur mun cuairt le spàin fiodha: you must stir [put around] it with a wooden spoon; ’s dòcha gun dèan sibh brochan dheth: perhaps you will make a mess of it.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 306

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile