FaclairDictionary EnglishGàidhlig

48: Charles MacKay (1) 48: Teàrlach MacAoidh (1)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Teàrlach MacAoidh (1)

Gaelic Gàidhlig

Leugh mi seann leabhar o chionn ghoirid. Tha e air a sgrìobhadh ann am Beurla. Ach tha e mu dheidhinn na Gàidhlig. ’S e an tiotal a th’ air The Gaelic Etymology of the Languages of Western Europe and more especially of the English and Lowland Scotch and of their slang, cant and colloquial dialects. Abair tiotal!

B’ e an t-ùghdar Teàrlach MacAoidh. Bha ùidh mhòr aige sa Ghàidhlig. Bha e a’ smaoineachadh gu robh buaidh aig a’ Ghàidhlig air mòran chànanan Eòrpach. Tha mi a’ dol a thoirt sùil air faclan bhon leabhar a tha a’ tòiseachadh le “b”.

An toiseach am facal baste. Tha sin a’ ciallachadh mar a chuireas còcaire lionn thairis air feòil. Sgrìobh MacAoidh gun tàinig sin à baist – facal Gàidhlig. Baist, baisteadh – immersing in water, baptizing. Às dèidh sin tha Bastille aige – an seann phrìosan ann am Paris. Bha am prìosan sin ainmeil. Thòisich an Rìgh Teàrlach V an obair-togail air ann an trì cheud deug is seachdad (1370). Ach cò às a thàinig an t-ainm? Tha na sgoilearan ag ràdh gun tàinig e bho fhreumh Gearmailteach. Tha iad ag ràdh gu robh e a’ ciallachadh “togail”. Ach bha beachd eile aig Teàrlach MacAoidh. Sgrìobh esan gu robh e a’ tighinn bho dhà fhacal Gàidhlig – bàs no “death” agus tiodhlaic no “bury”– bàs-tiodhlaic. Anns a’ phrìosan bha mòran a’ faighinn bàs. Agus bha iad air an tiodhlacadh. Bàs-tiodhlaic – bastile…Mmm…

A-nise bauble. San latha an-diugh, bidh daoine ag ràdh gur e bauble dèideag bheag. Rud nach eil luachmhor. Ach o shean bha e a’ ciallachadh “maide aig amadan cùirte”. Air a’ mhaide bha dosan is clagan. Thàinig bauble don Bheurla bhon Fhraingis. Ach ciamar a fhuair e a-steach don Fhraingis?

Tha MacAoidh ag ràdh gun tàinig e bhon Ghàidhlig , “a fool”, agus ball, “an instrument”. Bà-ball – bauble. Uill, chan eil mi fhìn cho cinnteach. Dè do bheachd fhèin?

Faclan is abairtean: leugh mi seann leabhar o chionn ghoirid: I read an old book recently; air a sgrìobhadh ann am Beurla: written in English; tiotal: title; abair tiotal!: what a title!; b’ e an t-ùghdar Teàrlach MacAoidh: the author was Charles Mackay; gu robh buaidh aig a’ Ghàidhlig air mòran chànanan Eòrpach: that Gaelic had an influence on many European languages; tha mi a’ dol a thoirt sùil air:I’m going to look at; mar a chuireas còcaire lionn thairis air feòil: how a cook puts a liquid over meat; an seann phrìosan:the old prison; thòisich an Rìgh Teàrlach V an obair-togail: King Charles started the building work; cò às a thàinig an t-ainm?:where did the name come from?; bho fhreumh Gearmailteach: from a Germanic root; bha beachd eile aig X: X had a different opinion; bha mòran a’ faighinn bàs: many were dying; bha iad air an tiodhlacadh: they were buried: san latha an-diugh: these days; dèideag bheag: a little toy; rud nach eil luachmhor: a thing that is not valuable; o shean: in olden times; maide aig amadan cùirte: a court fool’s (jester’s) stick; dosan is clagan: tassels and bells; ciamar a fhuair e a-steach don Fhraingis?: how did it get into [the] French [language]?; chan eil mi fhìn cho cinnteach: I’m not too sure myself; dè do bheachd fhèin?: what’s your own opinion?

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 352

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile