FaclairDictionary EnglishGàidhlig

875: Saint Finan 875: Naomh Fìonan

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Naomh Fìonan

Gaelic Gàidhlig

O chionn ghoirid, thug mi cunntas dhuibh air Naomh Drostan. Anns an Litir seo, tha mi airson innse dhuibh mu naomh eile. ʼS e sin Naomh Fìonan.

ʼS e Gàidheal a bha ann am Fìonan. ʼS ann à Èirinn a bha e. Bha e aithnichte mar dhuine naomh nuair a bha e òg.

Chan eil e soilleir an robh Fìonan ann an Eilean Ì. Ach bha ceanglaichean ann eadar Ì agus eilean Lindisfarne ann an Northumbria. Agus bha Fìonan ann an Lindisfarne.

Bha Aodhan, no Aidan, na easbaig ann an Lindisfarne roimhe. ʼS e Gàidheal a bh’ ann an Aodhan cuideachd. Tha Leabhar Ùrnaighean Obar Dheathain ag innse dhuinn gun tàinig beatha Aodhain gu ceann anns a’ bhliadhna sia ceud, caogad ʼs a h-aon (651).

Nuair a chaochail Aodhan, chaidh Fìonan a thaghadh mar Easbaig Lindisfarne. Anns a’ choitheanal a thagh e, bha fir is boireannaich agus pearsaichean-eaglais. Dh’obraich Fìonan am measg nan Sasannach. Bhaistich e Peada, Rìgh nan Anglach Meadhanach.

Chaochail e air an t-seachdamh latha deug dhen Ghearran, sia ceud, seasgad ʼs a h-aon (661). ʼS e a latha-fèille an seachdamh latha deug dhen Ghearran.

Dìreach trì bhliadhna an dèidh a bhàis, thàinig eas-aonta anns an Eaglais gu ceann. Bha sin aig Seanadh Whitby. Bha dòigh ùr Ròmanach ann airson ceann-latha na Càisge obrachadh a-mach. Bha na Gàidheil, Fìonan nam measg, a’ leantainn leis an t-seann dòigh. Ach dh’aontaich na pearsaichean-eaglais Sasannach gabhail ris an t-siostam ùr.

Tha Fìonan a’ nochdadh an siud ʼs an seo ann an ainmean-àite na h-Alba. Tha Eilean Fhìonain, far an robh seann chill, ann an Loch Seile. Ann an Siorrachd Obar Dheathain, tha Lumphanan. Tha beachd ann gur e sin Lann Fhìonain, no Lann Fìonain o shean.

Tha co-dhiù trì àiteachan air a bheil Cill Fhìonain mar ainm. Tha fear dhiubh faisg air Obar Itheachan, taobh Loch Nis. Ann an Srath Narann, thathar ag ràdh gun robh Naomh Fìonan a’ searmonachadh uaireigin ann an Dùn Fhlichididh. Bha ìomhaigh dheth ann ach chaidh a sgrios an dèidh an Ath Leasachaidh. Bha sin cha mhòr mìle bliadhna an dèidh bàs an naoimh.

Saint Finan

English Beurla

A short while ago, I gave you an account of Saint Drostan. In this Litir, I want to tell you about another saint. That is Saint Finan.

Finan was a Gael. He was from Ireland. He was recognised as a holy man when he was young.

It’s not certain if Finan was on Iona. But there were links between Iona and the island of Lindisfarne in Northumbria. And Finan was in Lindisfarne.

Aodhan, or Aidan, was a bishop in Lindisfarne previously. Aidan was also a Gael. The Aberdeen Breviary tells us that Aidan’s life came to end in the year 651.

When Aidan died, Finan was chosen as Bishop of Lindisfarne. In the congregation that chose him were men, women and church officials. Finan worked among the English. He baptised Peada, the King of the Middle Angles.

He died on the 17th of February 661. His feast-day is the 17th of February.

Just three years after his death, a disagreement in the Church came to a head. That was at the Synod of Whitby. There was a new Roman method for working out the date of Easter. The Gaels, including Finan, were continuing with the old method. But the English church officials agreed to accept the new system.

Finan appears here and there in Scottish place-names. St Finans Isle, where there was an old cell, is in Loch Shiel. In Aberdeenshire, there is Lumphanan. That’s thought by some to be Lann Fhìonain, or Lann Fìonain in olden times.

There are at least three places called Kilfin(n)an/Killianan. One of them is near Abriachan on Loch Ness-side. In Strathnairn, it’s said that Saint Finan was at one time preaching in Dunlichity. There was an image of him there but it was destroyed following the Reformation. That was almost a thousand years after the saint’s death.

Naomh Fìonan

Gaelic Gàidhlig

O chionn ghoirid, thug mi cunntas dhuibh air Naomh Drostan. Anns an Litir seo, tha mi airson innse dhuibh mu naomh eile. ʼS e sin Naomh Fìonan.

ʼS e Gàidheal a bha ann am Fìonan. ʼS ann à Èirinn a bha e. Bha e aithnichte mar dhuine naomh nuair a bha e òg.

Chan eil e soilleir an robh Fìonan ann an Eilean Ì. Ach bha ceanglaichean ann eadar Ì agus eilean Lindisfarne ann an Northumbria. Agus bha Fìonan ann an Lindisfarne.

Bha Aodhan, no Aidan, na easbaig ann an Lindisfarne roimhe. ʼS e Gàidheal a bh’ ann an Aodhan cuideachd. Tha Leabhar Ùrnaighean Obar Dheathain ag innse dhuinn gun tàinig beatha Aodhain gu ceann anns a’ bhliadhna sia ceud, caogad ʼs a h-aon (651).

Nuair a chaochail Aodhan, chaidh Fìonan a thaghadh mar Easbaig Lindisfarne. Anns a’ choitheanal a thagh e, bha fir is boireannaich agus pearsaichean-eaglais. Dh’obraich Fìonan am measg nan Sasannach. Bhaistich e Peada, Rìgh nan Anglach Meadhanach.

Chaochail e air an t-seachdamh latha deug dhen Ghearran, sia ceud, seasgad ʼs a h-aon (661). ʼS e a latha-fèille an seachdamh latha deug dhen Ghearran.

Dìreach trì bhliadhna an dèidh a bhàis, thàinig eas-aonta anns an Eaglais gu ceann. Bha sin aig Seanadh Whitby. Bha dòigh ùr Ròmanach ann airson ceann-latha na Càisge obrachadh a-mach. Bha na Gàidheil, Fìonan nam measg, a’ leantainn leis an t-seann dòigh. Ach dh’aontaich na pearsaichean-eaglais Sasannach gabhail ris an t-siostam ùr.

Tha Fìonan a’ nochdadh an siud ʼs an seo ann an ainmean-àite na h-Alba. Tha Eilean Fhìonain, far an robh seann chill, ann an Loch Seile. Ann an Siorrachd Obar Dheathain, tha Lumphanan. Tha beachd ann gur e sin Lann Fhìonain, no Lann Fìonain o shean.

Tha co-dhiù trì àiteachan air a bheil Cill Fhìonain mar ainm. Tha fear dhiubh faisg air Obar Itheachan, taobh Loch Nis. Ann an Srath Narann, thathar ag ràdh gun robh Naomh Fìonan a’ searmonachadh uaireigin ann an Dùn Fhlichididh. Bha ìomhaigh dheth ann ach chaidh a sgrios an dèidh an Ath Leasachaidh. Bha sin cha mhòr mìle bliadhna an dèidh bàs an naoimh.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1179

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile