FaclairDictionary EnglishGàidhlig

919: Peter of the Gold 919: Pàraig an Òir

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Pàraig an Òir

Gaelic Gàidhlig

Tha sgeul beag agam dhuibh. ʼS e an t-ainm a tha air ‘Pàraig an Òir’. Latha a bha seo, bha Pàraig agus dithis eile ag iasgach aig muir far costa an iar-dheas Mhuile. Chunnaic iad long mhòr fo sheòl. Bha i a’ dèanamh air sgeirean. Dh’fheuch na h-iasgairean ri rabhadh a thoirt don sgiobair.

Chunnaic cuideigin iad agus thàinig an long faisg orra. Dh’iarr an sgiobair gun tigeadh fear de na h-iasgairean air bòrd. Nam faigheadh an long tro na sgeirean gu sàbhailte, bhiodh an t-iasgair a’ faighinn deagh dhuais. Thilg Pàraig ceann ròpa thuca. Shreap e air bòrd. Fhuair an long tro na sgeirean.

Rinn an sgiobair rud olc. Gheàrr e an ròpa don eathar. Thuirt e gun robh iad air an t-slighe a dh’Ameireagaidh agus gu feumadh Pàraig obair a ghabhail air bòrd mar bhall dhen chriutha.

Nuair a ràinig Pàraig Ameireaga, bha glè bheag de dh’airgead aige. Agus cha robh Beurla sam bith aige. Chaidh a thoirt a-steach gu oifis far an do bhruidhinn fear ris ann an Gàidhlig. Cò bha ann ach am fear leis an robh an long! Dh’inns Pàraig dha gur ann à Eilean Ì a bha e. Mhìnich e dha mar a thachair.

Dh’iarr am fear leis an robh an long air an sgiobair thighinn a-steach. Fhuair an sgiobair a throd. ‘Thalla thus,’ thuirt fear an luingeis ris, ‘agus faigh còig ceud punnd Sasannach. Thoir an t-airgead don duine seo. No cuiridh thu seachad an còrr dhed bheatha sa phrìosan!’

Thill an sgiobair le còig ceud punnd ann am buinn òir. ‘A-nise,’ arsa fear an luingeis, ‘tillidh Pàraig dhachaigh còmhla riumsa.’

Ràinig Pàraig Grianaig agus ghabh e soitheach gu ruige Muile. Choisich e gu Fionnphort air an Ros Mhuileach. Chaidh e a-null a dh’Eilean Ì. Bha bliadhna air a dhol seachad agus cha robh dùil aig duine gun tilleadh e.

Bha muinntir Ì eòlach air mar ‘Phàraig an Òir’. Bhiodh e a’ toirt a-mach bonn òir airson a shealltainn do chloinn. Bhiodh e ag innse dhaibh gum b’ e sin an duais a fhuair e bhon latha-iasgaich a b’ fhaide a bha aige riamh.

Peter of the Gold

English Beurla

I have a wee story for you. It’s called ‘Peter of the Gold’. One day, Peter and two others were fishing at sea off the south-west coast of Mull. They saw a large ship under sail. She was heading for skerries. The fishermen tried to give a warning to the captain.

Somebody saw them and the ship came close to them. The captain requested that one of the fishermen come on board. If the ship came through the skerries safely, the fisherman would receive a good reward. Peter threw them the end of a rope. He climbed on board. The ship got through the skerries.

The captain did an evil thing. He cut the rope to the fishing boat. He said they were on the way to America and that Peter would have to take work on board as a member of the crew.

When Peter reached America, he had very little money. And he spoke no English. He was taken into an office where a man spoke to him in Gaelic. Who was it but the man who owned the ship! Peter told him that he was from Iona. He explained to him what happened.

The man who owned the ship asked the captain to come in. The captain was scolded. ‘Go,’ said the shipping man to him, ‘and get five hundred English pounds. Give the money to this man. Or you’ll spend the rest of your life in [the] prison!’

The captain returned with five hundred pounds in gold coins. ‘Now,’ said the shipping man, ‘Peter will return home with me.’

Peter reached Greenock and he took a vessel to Mull. He walked to Fionnphort in the Ross of Mull. He crossed to Iona. A year had gone past, and nobody expected him to return.

The people of Iona knew him as ‘Peter of the Gold’. He would take out a gold coin to show to children. He would tell them that that was the reward he got from the longest fishing day he ever had.

Pàraig an Òir

Gaelic Gàidhlig

Tha sgeul beag agam dhuibh. ʼS e an t-ainm a tha air ‘Pàraig an Òir’. Latha a bha seo, bha Pàraig agus dithis eile ag iasgach aig muir far costa an iar-dheas Mhuile. Chunnaic iad long mhòr fo sheòl. Bha i a’ dèanamh air sgeirean. Dh’fheuch na h-iasgairean ri rabhadh a thoirt don sgiobair.

Chunnaic cuideigin iad agus thàinig an long faisg orra. Dh’iarr an sgiobair gun tigeadh fear de na h-iasgairean air bòrd. Nam faigheadh an long tro na sgeirean gu sàbhailte, bhiodh an t-iasgair a’ faighinn deagh dhuais. Thilg Pàraig ceann ròpa thuca. Shreap e air bòrd. Fhuair an long tro na sgeirean.

Rinn an sgiobair rud olc. Gheàrr e an ròpa don eathar. Thuirt e gun robh iad air an t-slighe a dh’Ameireagaidh agus gu feumadh Pàraig obair a ghabhail air bòrd mar bhall dhen chriutha.

Nuair a ràinig Pàraig Ameireaga, bha glè bheag de dh’airgead aige. Agus cha robh Beurla sam bith aige. Chaidh a thoirt a-steach gu oifis far an do bhruidhinn fear ris ann an Gàidhlig. Cò bha ann ach am fear leis an robh an long! Dh’inns Pàraig dha gur ann à Eilean Ì a bha e. Mhìnich e dha mar a thachair.

Dh’iarr am fear leis an robh an long air an sgiobair thighinn a-steach. Fhuair an sgiobair a throd. ‘Thalla thus,’ thuirt fear an luingeis ris, ‘agus faigh còig ceud punnd Sasannach. Thoir an t-airgead don duine seo. No cuiridh thu seachad an còrr dhed bheatha sa phrìosan!’

Thill an sgiobair le còig ceud punnd ann am buinn òir. ‘A-nise,’ arsa fear an luingeis, ‘tillidh Pàraig dhachaigh còmhla riumsa.’

Ràinig Pàraig Grianaig agus ghabh e soitheach gu ruige Muile. Choisich e gu Fionnphort air an Ros Mhuileach. Chaidh e a-null a dh’Eilean Ì. Bha bliadhna air a dhol seachad agus cha robh dùil aig duine gun tilleadh e.

Bha muinntir Ì eòlach air mar ‘Phàraig an Òir’. Bhiodh e a’ toirt a-mach bonn òir airson a shealltainn do chloinn. Bhiodh e ag innse dhaibh gum b’ e sin an duais a fhuair e bhon latha-iasgaich a b’ fhaide a bha aige riamh.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1223

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile