FaclairDictionary EnglishGàidhlig

961: Alexander III, King of Scotland (2) 961: Alasdair III, Rìgh na h-Alba (2)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Alasdair III, Rìgh na h-Alba (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mun bhanais aig Alasdair III, Rìgh na h-Alba. Bha sin ann an dà cheud deug, caogad ʼs a h-aon (1251). Cha robh e ach deich bliadhna a dh’aois.

Naoi bliadhna an dèidh sin, chaidh Alasdair agus a bhean, Mairead, air turas a Shasainn airson tadhal air a’ chùirt rìoghail. Bhiodh cothrom aig Mairead tadhal air a pàrantan – an Rìgh agus a’ Bhanrigh. Bha Mairead an dùil leanabh mus do dh’fhàg i Alba. Sgrìobh Eanraig litir gu Alasdair, a’ gealltainn gum biodh iad uile saor a dhol dhachaigh.

An dèidh greis, dh’fhalbh Alasdair dhachaigh, a’ fàgail a mhnà ann am Windsor. Rugadh leanabh-nighinne an sin air an ochdamh latha fichead dhen Ghearran, dà cheud deug, seasgad ʼs a h-aon (1261). Bha Mairead oirre mar ainm.

Nuair a ràinig Alasdair aois bliadhna air fhichead, thuirt e gun robh e a’ dol a leantainn air obair athar ann a bhith a’ toirt nan Eilean Siar air ais fo smachd na h-Alba. Na aghaidh bha Rìgh Nirribhidh, Hákon IV, a bha airson na h-Eileanan a chumail fo a smachd fhèin. Bha sin a bharrachd air Eilean Mhanainn agus dùthchannan eile ann an ceann an iar-thuath na h-Alba.

Bha Hákon am measg nan rìghrean a bu chumhachdaiche a bha riamh aig Nirribhidh. Ach cha robh Alasdair gann de mhisneachd. Chuir e fios gu Hákon gun robh e ag iarraidh eileanan taobh siar na h-Alba a bhith fo smachd Rìgh na h-Alba. Dhiùlt Hákon an tagradh. Thug Iarla Rois ionnsaigh mharbhtach, às leth Rìgh Alasdair, air coimhearsnachd anns an Eilean Sgitheanach. Bha feadhainn eile ag obair às leth Alasdair ann an Earra-Ghàidheal cuideachd. Bha na h-Albannaich a’ toirt dùbhlan mòr do Hákon. Dh’òrdaich Hákon gum biodh cabhlach mòr, cumhachdach air a chur ri chèile. Bha iad a’ dol a thoirt ionnsaigh air Cabhlach na h-Alba.

Thairis air a’ gheamhradh ann an dà cheud deug, seasgad ʼs a dhà agus seasgad ʼs a trì (1262-3), chaidh an cabhlach Lochlannach a chur ri chèile. Bhiodh e a’ coinneachadh ri cabhlach na h-Alba an ceann grunn mhìosan faisg air an Leargaidh Ghallda.

Alexander III, King of Scotland (2)

English Beurla

was telling you about the wedding of Alexander III, King of Scotland. That was in 1251. He was only ten years of age.

Nine years after that, Alexander and his wife, margaret, journeyed to England to visit the royal court. Margaret would have an opportunity to visit her parents – the King and Queen. Margaret was expecting a child before she left Scotland. Henry wrote a letter to Alexander, promising that they would all be free to go home.

After a while, Alexander went home, leaving his wife at Windsor. A daughter was born there on the 28th of February 1261. She was called Margaret.

When Alexander reached the age of 21, he said that he was going to follow his father’s work in bringing the Western Isles under the control of Scotland. Against him was the King of Norway, Hákon IV, who wanted to keep the islands under his own control. That was in addition to the Isle of Man and other lands in the north-west of Scotland.

Hákon was among the most powerful kings that Norway ever had. But Alexander wasn’t short of self-confidence. He sent information to Hákon that he wanted the islands on the west of Scotland to be under the control of the Scottish King. Hákon refused the appeal. The Earl of Ross made a bloody attack, on behalf of King Alexander, on a community on Skye. Others were working on Alexander’s behalf in Argyll as well. The Scots were posing a severe challenge to Hákon. Hákon ordered a large powerful fleet to be assembled. They were going to attack the Scottish Fleet.

Over the winter of 1262-3, the Scandinavian fleet was assembled. It would be meeting the Scottish fleet in a few months’ time near Largs.

Alasdair III, Rìgh na h-Alba (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mun bhanais aig Alasdair III, Rìgh na h-Alba. Bha sin ann an dà cheud deug, caogad ʼs a h-aon (1251). Cha robh e ach deich bliadhna a dh’aois.

Naoi bliadhna an dèidh sin, chaidh Alasdair agus a bhean, Mairead, air turas a Shasainn airson tadhal air a’ chùirt rìoghail. Bhiodh cothrom aig Mairead tadhal air a pàrantan – an Rìgh agus a’ Bhanrigh. Bha Mairead an dùil leanabh mus do dh’fhàg i Alba. Sgrìobh Eanraig litir gu Alasdair, a’ gealltainn gum biodh iad uile saor a dhol dhachaigh.

An dèidh greis, dh’fhalbh Alasdair dhachaigh, a’ fàgail a mhnà ann am Windsor. Rugadh leanabh-nighinne an sin air an ochdamh latha fichead dhen Ghearran, dà cheud deug, seasgad ʼs a h-aon (1261). Bha Mairead oirre mar ainm.

Nuair a ràinig Alasdair aois bliadhna air fhichead, thuirt e gun robh e a’ dol a leantainn air obair athar ann a bhith a’ toirt nan Eilean Siar air ais fo smachd na h-Alba. Na aghaidh bha Rìgh Nirribhidh, Hákon IV, a bha airson na h-Eileanan a chumail fo a smachd fhèin. Bha sin a bharrachd air Eilean Mhanainn agus dùthchannan eile ann an ceann an iar-thuath na h-Alba.

Bha Hákon am measg nan rìghrean a bu chumhachdaiche a bha riamh aig Nirribhidh. Ach cha robh Alasdair gann de mhisneachd. Chuir e fios gu Hákon gun robh e ag iarraidh eileanan taobh siar na h-Alba a bhith fo smachd Rìgh na h-Alba. Dhiùlt Hákon an tagradh. Thug Iarla Rois ionnsaigh mharbhtach, às leth Rìgh Alasdair, air coimhearsnachd anns an Eilean Sgitheanach. Bha feadhainn eile ag obair às leth Alasdair ann an Earra-Ghàidheal cuideachd. Bha na h-Albannaich a’ toirt dùbhlan mòr do Hákon. Dh’òrdaich Hákon gum biodh cabhlach mòr, cumhachdach air a chur ri chèile. Bha iad a’ dol a thoirt ionnsaigh air Cabhlach na h-Alba.

Thairis air a’ gheamhradh ann an dà cheud deug, seasgad ʼs a dhà agus seasgad ʼs a trì (1262-3), chaidh an cabhlach Lochlannach a chur ri chèile. Bhiodh e a’ coinneachadh ri cabhlach na h-Alba an ceann grunn mhìosan faisg air an Leargaidh Ghallda.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1265

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile