FaclairDictionary EnglishGàidhlig

112: Uiseag bheag dhearg (1) 112: Uiseag bheag dhearg (1)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Uiseag bheag dhearg (1)

Gaelic Gàidhlig

Nuair a bha a’ chlann agam òg bha mi a’ dol don chròileagan còmhla riutha. Bha sin anns an Eilean Sgitheanach. Dh’ionnsaich sinn òrain aig a’ chròileagan. Tha beagan cuimhne agam air fear de na h-òrain. Seo agaibh am pìos a tha mi a’ cuimhneachadh:

Uiseag bheag dhearg na mòna duibh, na mòna duibh, na mòna duibh, Uiseag bheag dhearg na mòna duibh, càite na chaidil thu raoir san “ì”. ’S e a’ Bheurla a th’ air uiseag – skylark. Bha an t-òran snog ach bha aon rud a’ cur dragh orm. ’S e sin deireadh na loidhne mu dheireadh.

Seo an t-òran a-rithist: Uiseag bheag dhearg na mòna duibh, na mòna duibh, na mòna duibh, Uiseag bheag dhearg na mòna duibh, càite na chaidil thu raoir san “ì”. Nise, dè tha am facal “i” a’ ciallachadh? Cha robh fios agam. Chuir mi ceist air tè le Gàidhlig.

“Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil e a’ ciallachadh ‘oidhche’,” thuirt i. Bha sin a’ dèanamh ciall – càite na chaidil thu raoir san oidhche? Ach carson nach e “oidhche” a bh’ anns an òran, seach “ì”? An robh àite ann an Alba far an robh daoine ag ràdh “ì” airson “oidhche”? Tha mi a’ smaoineachadh nach robh.

Am-bliadhna fhuair mi fuasgladh don cheist. Thug e toileachas dhomh. Bha mi ann an Eilean Mhanainn. Dh’ionnsaich mi beagan dhen Ghàidhlig aca. Tha i gu math coltach ri Gàidhlig na h-Alba.

Seo agaibh trì abairtean ann an Gàidhlig Eilean Mhanainn. Tha moghrey mie a’ ciallachadh “madainn mhath”. Thuirt cuideigin rium gu bheil moghrey a’ tighinn bho moch-thràth (“early time”). Co-dhiù, sin moghrey mie. Tha fastyr mie a’ ciallachadh “feasgar math”. Agus airson “oidhche mhath”, canaidh iad oie vie. Oie vie. Uh-uh, thuirt mi rium fhìn, càite na chaidil thu raoir san oie! Thàinig an t-òran à Eilean Mhanainn!

Thuirt tè Mhanainneach rium gun robh an t-òran sin aca. Agus thuirt fear eile rudeigin inntinneach. Chan eil ushag ann an Gàidhlig Eilean Mhanainn a’ ciallachadh skylark. Tha e a’ ciallachadh eun sam bith. An dèidh sia bliadhn’ deug, fhuair mi fuasgladh don cheist agam.

Faclan is abairtean: bha mi a’ dol don chròileagan còmhla riutha: I was going to the Gaelic playgroup with them; dh’ionnsaich sinn òrain: we learned songs; seo agaibh am pìos a tha mi a’ cuimhneachadh: here [for you] is the bit I remember; uiseag bheag dhearg na mòna duibh:little red skylark of the black peat; càite na [an do] chaidil thu raoir?: where did you sleep last night; bha aon rud a’ cur dragh orm: one thing was annoying me; deireadh na loidhne mu dheireadh: the end of the last line; chuir mi ceist air tè le Gàidhlig: I asked a woman who spoke Gaelic; bha sin a’ dèanamh ciall: that was making sense; an robh àite ann an Alba far an robh daoine ag ràdh “ì” airson “oidhche”?: was there a place in Scotland where people said “ì” for “oidhche” (night)?; fhuair mi fuasgladh don cheist: I got a solution for the question/problem; thug e toileachas dhomh: it made me happy; Eilean Mhanainn: Isle of Man; thuirt cuideigin rium: somebody said to me; thuirt mi rium fhìn: I said to myself; thàinig an t-òran à X: the song came from X; thuirt tè Mhanainneach rium: a Manxwoman said to me; thuirt fear eile rudeigin inntinneach: another guy said an interesting thing; eun sam bith: any [type of] bird; an dèidh sia bliadhn’ deug: after 16 years.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 416

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile