25: Gaelic classes 25: Clasaichean Gàidhlig
Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.
Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Clasaichean Gàidhlig
Bha mi uaireigin a’ teagasg Gàidhlig ann an clasaichean feasgair. Bha mi a’ teagasg fo sgeama nàiseanta. Bha mi a’ cumail ri curraicealam. Bha deuchainnean aig na h-oileanaich.
Bha liosta agam de na sgilean a dh’fheumadh a bhith aig na h-oileanaich. Dh’fheumadh iad a bhith comasach air ticead rèile a cheannach ann an Gàidhlig. Ach dè cho tric ’s a cheannaich mise ticead rèile ann an Gàidhlig? Cha do cheannaich a-riamh.
Chan eil mion-chànan mar a’ Ghàidhlig coltach ri cànan mòr mar Spàinntis. Tha e feumail do dhuine an sgil a bhith aige airson ticead rèile a cheannach ann an Spàinntis. Anns an Spàinnt bidh daoine a’ ceannach thiceadan ann an Spàinntis.
Chan eil cùrsaichean Gàidhlig stèidhichte air cànan mòr cèin freagarrach. Agus ’s dòcha nach eil leabhraichean de dh’abairtean Gàidhlig stèidhichte air cànan mòr cèin freagarrach. Nochd fear an-uiridh. ’S e an tiotal a th’ air Gaelic Phrasebook (le Geddes and Grosset). Tha dà rud math mun leabhar. Tha e saor. Tha e a’ cosg trì not’ ach sgillinn. Agus tha fìor dheagh Ghàidhlig aig an ùghdar – Màrtainn Dòmhnallach.
Tha mòran rudan ann a tha sìmplidh agus feumail do luchd-ionnsachaidh. Mar eisimpleir Càite bheil iuchar an dorais seo? Nach brèagha an là a th’ ann? Dè chanas sibh ri seo?
Ach bha teamplaid eadar-nàiseanta ann airson an leabhair. Tha an aon dreach air ann an iomadach cànan. Agus, leis a sin, tha rudan annasach ann. Rudan mar chòrdadh bòrd rinn air a’ bharraid. Ann an Steòrnabhagh? No dè th’ ann am marag dhubh? Nach eil fios aig a h-uile duine dè th’ ann am marag dhubh?!
Agus bha aig Màrtainn ri ceist annasach dha-rìreabh a chur ann: bheil neach-treòir le Beurla ann? Cò chanadh sin ann an Gàidhlig ann an Alba? Agus dè mu dheidhinn seo: Tha mi uabhasach duilich –’s e coigreach a th’ annam...!
Ach tha rudan feumail anns an earrainn – “getting around by car ferry”, oir tha Gàidhlig aig mòran de luchd-obrach Chaledonian Mhic a’ Bhriuthainn. Mar sin bhiodh iad seo feumail: dè an coltas a th’ air an t-sìde? no càite am faigh sinn bilichean son tinneas-mara?
Agus tha an abairt seo ann (airson stèisean rèile) – bileag shingilte gu Glaschu, ler toil. Bidh na h-ùghdarrasan foghlaim toilichte le sin!
Faclan is abairtean: bha mi uaireigin a’ teagasg Gàidhlig: I was at one time teaching Gaelic; fo sgeama nàiseanta: under a national scheme; bha mi a’ cumail ri curraicealam: I was keeping to a curriculum; deuchainnean: tests; na sgilean a dh’fheumadh a bhith aig na h-oileanaich:the skills the students would need to have; comasach air ticead rèile a cheannach: capable of buying a rail ticket; dè cho tric?: how often?; mion-chànan: minority language ; tha e feumail do dhuine an sgil a bhith aige: it is useful to a person to have the skill; leabhraichean de dh’abairtean Gàidhlig: books of Gaelic phrases; stèidhichte air cànan mòr cèin freagarrach: based on a major foreign language; tha e a’ cosg trì not’ ach sgillinn: it costs £2.99 [three pounds but a penny]; càite bheil iuchar an dorais seo?: where is the key to this door?; nach brèagha an là a th’ ann?: isn’t it a beautiful day; dè chanas sibh ri seo? : what do you call this?; teamplaid eadar-nàiseanta: an international template; chòrdadh bòrd rinn air a’ bharraid: we would like a table on the terrace; dè th’ ann am marag dhubh?: what is a black pudding?; bha aig Màrtainn ri ceist annasach dha-rìreabh a chur ann: Martin had to include a really strange question; bheil neach-treòir le Beurla ann?: is there an English-speaking guide?; cò chanadh sin ann an Gàidhlig ann an Alba?: who would say that in Gaelic in Scotland?; tha mi uabhasach duilich –’s e coigreach a th’ annam...!: I’m very sorry – I’m a foreigner!; luchd-obrach Chaledonian Mhic a’ Bhriuthainn: Caledonian MacBrayne staff; dè an coltas a th’ air an t-sìde?: what’s the weather likely to be?; càite am faigh sinn bilichean son tinneas-mara?: where can we get anti-seasickness pills; mar a bhiodh dùil: as would be expected; bileag shingilte gu Glaschu, ler toil: a single ticket to Glasgow, please; bidh na h-ùghdarrasan foghlaim toilichte: the education authorities will be pleased.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 329
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn