FaclairDictionary EnglishGàidhlig

392: Belonging 392: Dùthchas

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Dùthchas

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu leabhar beag ùr mu dhà eilean Ghàidhealach. ’S iad sin Árainn Mhór ann an Èirinn agus Barraigh ann an Alba. Tha an leabhar trì-chànanach. ’S e a thiotal ann an Gàidhlig Dùthchas na Mara. ’S e a thiotal ann an Gaeilge Dúchas na Mara. Tha am facal dùthchas beò fhathast anns an dà Ghàidhlig.

Ach dè a’ Bheurla a tha air Dùthchas na Mara? ’S e an tiotal Beurla a thagh na h-ùghdaran Belonging to the Sea.

Tha na h-ùghdaran, Iain MacFhionghain agus Ruth Ní Bhraonáin a’ mìneachadh gun tàinig dùthchas on fhacal dùth. Tha dùth a’ ciallachadh ‘talamh’ no ‘fearann’. Ach tha iad ag ràdh gu bheil dùthchas a’ buntainn ris a’ mhuir, a cheart cho math ris an tìr.

Ach dè dìreach a tha ann an dùthchas? Airson a mhìneachadh, tha iad a’ tionndadh don sgoilear Ghàidhlig, Iain MacAonghuis. ’S e na tha ann an dùthchas raon-tuigse làn anns a bheil,’ tha e ag ràdh, ‘barrachd na uachdar na dùthcha no cruinn-eòlas leotha fhèin, no faireachdainn dìreach mun eachdraidh, ach rian-fiosrachaidh foirmeil san tig iad seo uile còmhla.’

Tha e a’ leantainn le bhith ag ràdh gu bheil sealladh sònraichte aig dùthchasaich air an dùthaich aca. Bidh coigrich uaireannan a’ tomhas na Gàidhealtachd mar fhàsach falamh. Don dùthchasach, ’s e fearann beothail a tha ann. Tha e eadhon gaisgeil agus a’ cur thairis le pearsaichean eachdraidheil.

Bidh mi a’ dèanamh tòrr bhùthan-obrach le muinntir na Beurla. Chan eil càirdeas aig a’ chuid mhòir dhiubh don tìr mar luchd-dùthchais. Ach nuair a chluinneas iad mu dhùthchas nan Gàidheal, tha farmad orra.

Ach ’s e rud duilich a tha ann nach eil dùthchas nan Gàidheal fhèin cho làidir ’s a bha. Feumaidh sinn a neartachadh. Bu chòir dhuinn a bhith moiteil gur e luchd-dùthchais a tha annainn.

Tha MacFhionghain agus Ní Bhraonáin ag ràdh gu bheil dùthchas mara fhathast beò ann an Árainn Mhór agus Barraigh. Tha sin fìor air sgàth ’s gu bheil a’ Ghàidhlig fhathast beò anns na h-eileanan sin. Guma fada beò a mhaireas i, agus a dùthchas leatha.

Belonging

English Beurla

I was telling you about a small new book about two Gaelic islands. Those are Aranmore in Ireland and Barra in Scotland. The book is trilingual. Its title in Scottish Gaelic is Dùthchas na Mara. Its title in Irish Gaelic is Dúchas na Mara. The word dùthchas is still alive in both Gaelic languages.

But what is the English for Dùthchas na Mara? The English title the authors chose is Belonging to the Sea.

The authors, Iain Mackinnon and Ruth Brennan, explain that the word dùthchas came from dùth. Dùth means ‘land’. But they say that dùthchas is just as meaningful in relation to the sea as it is to the land.

But what exactly is dùthchas? To explain it, they turn to the Gaelic scholar, John MacInnes. Dùthchas is a total field of understanding encompassing,’ he says, ‘not so much a landscape, not a sense of geography alone, nor of history alone, but a formal order of experience in which all these are merged.’

He continues by saying that indigenous people have a unique view of their country. Strangers sometimes characterize the Highlands as an empty wilderness. To the person with a native sensibility, it is a dynamic land. It is even heroic, heavily populated by historical figures.

I do many workshops with English speaking people. Most of them do not relate to the land as native people. But when they hear about the dùthchas of the Gael, they are envious.

But it is a sorry thing that the dùthchas of the Gael is not as strong as it was. We must strengthen it. We should be proud that we are an indigenous people.

Mackinnon and Brennan say that dùthchas of the sea is still alive in Aranmore and Barra. That is the case because the Gaelic language is still alive in those islands. May she survive a long time, and her dùthchas along with her.

Dùthchas

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu leabhar beag ùr mu dhà eilean Ghàidhealach. ’S iad sin Árainn Mhór ann an Èirinn agus Barraigh ann an Alba. Tha an leabhar trì-chànanach. ’S e a thiotal ann an Gàidhlig Dùthchas na Mara. ’S e a thiotal ann an Gaeilge Dúchas na Mara. Tha am facal dùthchas beò fhathast anns an dà Ghàidhlig.

Ach dè a’ Bheurla a tha air Dùthchas na Mara? ’S e an tiotal Beurla a thagh na h-ùghdaran Belonging to the Sea.

Tha na h-ùghdaran, Iain MacFhionghain agus Ruth Ní Bhraonáin a’ mìneachadh gun tàinig dùthchas on fhacal dùth. Tha dùth a’ ciallachadh ‘talamh’ no ‘fearann’. Ach tha iad ag ràdh gu bheil dùthchas a’ buntainn ris a’ mhuir, a cheart cho math ris an tìr.

Ach dè dìreach a tha ann an dùthchas? Airson a mhìneachadh, tha iad a’ tionndadh don sgoilear Ghàidhlig, Iain MacAonghuis. ’S e na tha ann an dùthchas raon-tuigse làn anns a bheil,’ tha e ag ràdh, ‘barrachd na uachdar na dùthcha no cruinn-eòlas leotha fhèin, no faireachdainn dìreach mun eachdraidh, ach rian-fiosrachaidh foirmeil san tig iad seo uile còmhla.’

Tha e a’ leantainn le bhith ag ràdh gu bheil sealladh sònraichte aig dùthchasaich air an dùthaich aca. Bidh coigrich uaireannan a’ tomhas na Gàidhealtachd mar fhàsach falamh. Don dùthchasach, ’s e fearann beothail a tha ann. Tha e eadhon gaisgeil agus a’ cur thairis le pearsaichean eachdraidheil.

Bidh mi a’ dèanamh tòrr bhùthan-obrach le muinntir na Beurla. Chan eil càirdeas aig a’ chuid mhòir dhiubh don tìr mar luchd-dùthchais. Ach nuair a chluinneas iad mu dhùthchas nan Gàidheal, tha farmad orra.

Ach ’s e rud duilich a tha ann nach eil dùthchas nan Gàidheal fhèin cho làidir ’s a bha. Feumaidh sinn a neartachadh. Bu chòir dhuinn a bhith moiteil gur e luchd-dùthchais a tha annainn.

Tha MacFhionghain agus Ní Bhraonáin ag ràdh gu bheil dùthchas mara fhathast beò ann an Árainn Mhór agus Barraigh. Tha sin fìor air sgàth ’s gu bheil a’ Ghàidhlig fhathast beò anns na h-eileanan sin. Guma fada beò a mhaireas i, agus a dùthchas leatha.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 696

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile