FaclairDictionary EnglishGàidhlig

419: Words for snow 419: Faclan airson ‘sneachd’

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Faclan airson ‘sneachd’

Gaelic Gàidhlig

Cia mheud facal Gàidhlig a tha againn airson ‘sneachd’? Chan eil iad idir cho pailt ris na faclan airson talamh àrd no talamh bog. Ach, tha feadhainn ann.

An toiseach, tha sneachd ann. Tha fliuch-shneachd ‘sleet’, clach-shneachd ‘hail’ agus crann-shneachd ‘dry snow’ againn. Tha ball-sneachda againn airson ‘snowball’ agus muc-shneachda nuair a tha e uabhasach mòr. Bidh daoine a’ dèanamh muc-aitidh le bhith a’ roiligeadh sneachd bog ann am ball mòr aig àm an àiteimh.

Dè mu dheidhinn‘snowflake’? Tha bleideag ann. Ach cuideachd – clòimhneag, lòine, clàdan, cleit is cleiteag. ’S e spìontag ‘a small drop of rain or flake of snow preceding a shower’. Agus, ann an Arainn, ’s e cuileaga-sneachda a bha aca airson ‘snowflakes’. Tha sin snog, nach eil?

Agus ‘a snow shower’? Fras-sneachda. Cuideachd, canaidh sinn gu bheil an cur ann, no gu bheil i a’ cur an t-sneachda.

Ma tha e bog, coltach ri ‘sleet’ ann am Beurla, ’s e sin flin no flinne, fliug, glìobas, stiug, clàmhainn, flichneachd no flichneadh.

Ma tha sneachd a’ leaghadh nuair a bhuaileas na bleideagan an talamh, canaidh sinn gur e clìfeid no glìbheid a tha ann. Ma laigheas e, ’s e ùr-sneachd a tha ann.

Ma tha dìreach gu leòr ann airson an talamh a dhèanamh liath, canaidh sinn liathtas-sneachda ris.

’S e cathadh no cabhadh a chanas sinn ri snowdrift. ’S e cur is cathadh a chanas sinn ri sneachd trom a thig le gailleann. Agus ’s e gnudhadh facal airson sneachd leaghte no ‘slush’.

Nuair a tha pìos de shneachd air fhàgail air cliathaich beinne as t-Earrach, ’s e sin cuithe. Tha tè ainmeil ann an Srath Spè – A’ Chuithe Chrom air a’ Chàrn Ghorm. Anns a’ gheamhradh, feumaidh sgithearan nach eil air a’ phiste a bhith faiceallach mu mhaoimean-sneachda. ’S e maoim-sneachda a’ Ghàidhlig air ‘avalanche’.

Canaidh sinn cho geal ris an t-sneachd ‘as white as the snow’ agus cho geal ri sneachd na h-aon oidhche ‘as white as the one-night snow’ – ’s e sin sneachd nach robh a’ laighe fada gu leòr airson a bhith a’ fàs salach.

Words for snow

English Beurla

How many Gaelic words do we have for ‘snow’? They’re not at all as plentiful as the words for high ground or boggy ground. But there’s a few.

To begin with, there is sneachd ‘snow’. We have fliuch-shneachd ‘sleet’, clach-shneachd ‘hail’ agus crann-shneachd ‘dry snow’. We have ball-sneachda for ‘snowball’ and muc-shneachda ‘snow pig’ when it’s extremely large. People make a muc-aitidh ‘thaw pig’ by rolling soft snow into a big ball when there’s a thaw on.

What about ‘snowflake’? There is bleideag. But also – clòimhneag, lòine, clàdan, cleit and cleiteag. A spìontag is ‘a small drop of rain or flake of snow preceding a shower’. And in Arran, it’s cuileaga-sneachda ‘snow flies’ that they said for ‘snowflakes’. That’s nice, isn’t it?

And ‘a snow shower’? Fras-sneachda. Also we say there is an cur ‘the putting’ or tha i a’ cur an t-sneachda ‘it’s putting snow’.

If it’s soft, like ‘sleet’ in English, that is flin or flinne, fliug, glìobas, stiug, clàmhainn, flichneachd or flichneadh.

If snow is melting when the flakes hit the ground, we call that clìfeid or glìbheid. If it lies, it’s called ùr-sneachd ‘new snow’.

If there is just enough to make the ground grey, we call it liathtas-sneachda ‘greying of snow’.

It’s cathadh or cabhadh we say for ‘snowdrift’. We say cur is cathadh ‘snowing and drifting’ for heavy snow accompanied with a wind. And gnudhadh is a word for [partially] melted snow or ‘slush’.

When there is a patch of snow left on a mountainside in Spring, that’s a cuithe ‘snow wreath’. There is a famous one in Strathspey – A’ Chuithe Chrom on Cairn Gorm. In winter, skiers who are not on the piste must beware of maoimean-sneachda. Maoim-sneachda is the Gaelic for ‘avalanche’.

We say cho geal ris an t-sneachd ‘as white as the snow’ and cho geal ri sneachd na h-aon oidhche ‘as white as the one-night snow’ – that’s snow that wasn’t lying long enough to get dirty.

Faclan airson ‘sneachd’

Gaelic Gàidhlig

Cia mheud facal Gàidhlig a tha againn airson ‘sneachd’? Chan eil iad idir cho pailt ris na faclan airson talamh àrd no talamh bog. Ach, tha feadhainn ann.

An toiseach, tha sneachd ann. Tha fliuch-shneachd ‘sleet’, clach-shneachd ‘hail’ agus crann-shneachd ‘dry snow’ againn. Tha ball-sneachda againn airson ‘snowball’ agus muc-shneachda nuair a tha e uabhasach mòr. Bidh daoine a’ dèanamh muc-aitidh le bhith a’ roiligeadh sneachd bog ann am ball mòr aig àm an àiteimh.

Dè mu dheidhinn‘snowflake’? Tha bleideag ann. Ach cuideachd – clòimhneag, lòine, clàdan, cleit is cleiteag. ’S e spìontag ‘a small drop of rain or flake of snow preceding a shower’. Agus, ann an Arainn, ’s e cuileaga-sneachda a bha aca airson ‘snowflakes’. Tha sin snog, nach eil?

Agus ‘a snow shower’? Fras-sneachda. Cuideachd, canaidh sinn gu bheil an cur ann, no gu bheil i a’ cur an t-sneachda.

Ma tha e bog, coltach ri ‘sleet’ ann am Beurla, ’s e sin flin no flinne, fliug, glìobas, stiug, clàmhainn, flichneachd no flichneadh.

Ma tha sneachd a’ leaghadh nuair a bhuaileas na bleideagan an talamh, canaidh sinn gur e clìfeid no glìbheid a tha ann. Ma laigheas e, ’s e ùr-sneachd a tha ann.

Ma tha dìreach gu leòr ann airson an talamh a dhèanamh liath, canaidh sinn liathtas-sneachda ris.

’S e cathadh no cabhadh a chanas sinn ri snowdrift. ’S e cur is cathadh a chanas sinn ri sneachd trom a thig le gailleann. Agus ’s e gnudhadh facal airson sneachd leaghte no ‘slush’.

Nuair a tha pìos de shneachd air fhàgail air cliathaich beinne as t-Earrach, ’s e sin cuithe. Tha tè ainmeil ann an Srath Spè – A’ Chuithe Chrom air a’ Chàrn Ghorm. Anns a’ gheamhradh, feumaidh sgithearan nach eil air a’ phiste a bhith faiceallach mu mhaoimean-sneachda. ’S e maoim-sneachda a’ Ghàidhlig air ‘avalanche’.

Canaidh sinn cho geal ris an t-sneachd ‘as white as the snow’ agus cho geal ri sneachd na h-aon oidhche ‘as white as the one-night snow’ – ’s e sin sneachd nach robh a’ laighe fada gu leòr airson a bhith a’ fàs salach.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 723

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile