FaclairDictionary EnglishGàidhlig

123: Duanaire na Sracaire 123: Duanaire na Sracaire

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Duanaire na Sracaire

Gaelic Gàidhlig

Tha seanfhacal Gàidhlig ann: Is math an còcaire an t-acras. Hunger is a Good Cook. Is math an còcaire an t-acras. Ma tha an t-acras ort, bidh blas math air biadh sam bith. A bheil sibh fhèin ag aontachadh ri sin? An e còcaire math a tha annaibh fhèin? Uill, ’s e – nuair a bhios an t-acras gur cuideachadh!

Bha mi a’ leughadh leabhar ùr an latha eile. ’S e leabhar bàrdachd a tha ann. Tha seann bhàrdachd ann. Bàrdachd Ghàidhlig a tha a’ dol air ais ceudan bhliadhnaichean. ’S e an t-ainm a tha air an leabhar Duanaire na Sracaire. ’S iad Wilson MacLeòid agus Meg Bateman na deasaichean. Rinn iad obair fìor mhath.

Am measg nan dàn tha fear ann air a bheil ’S Math an Còcaire an t-Acras. Nise, tha ceist agam. Dè thàinig an toiseach – an seanfhacal no an dàn? Chan eil mi cinnteach. ’S dòcha an seanfhacal.

Co-dhiù, tha fios againn cò am fear a rinn an dàn. B’ esan Alasdair Stiùbhart, Iarla Mhàrr. Agus rinn e e anns a’ bhliadhna ceithir cheud deug, trithead ’s a h-aon (1431). Ciamar a tha fios againn? Uill, rinn e e às dèidh Blàr Inbhir Lòchaidh anns a’ bhliadhna sin. Bha e air an taobh a chaill. Bha e a’ teicheadh bhon bhlàr. Cha robh biadh aige airson greis. Bha an t-acras air.

Chan eil ann ach dà rainn san dàn. Seo agaibh a’ chiad rann.

’S math an còcaire an t-acras,

’S mairg a nì tarcais air biadh,

Fuarag eòrn’ à sàil mo bhròige

Biadh as fheàrr a fhuair mi riamh.

Tha an dàrna loidhne a’ ciallachadh woe to him who disdains food. ’S e fuarag eòrna “barley brose” – min eòrna agus uisge fuar. Seo e a-rithist:

’S math an còcaire an t-acras,

’S mairg a nì tarcais air biadh,

Fuarag eòrn’ à sàil mo bhròige

Biadh as fheàrr a fhuair mi riamh.

Tha barrachd agam ri innse dhut mun dàn ach nì mi sin an ath sheachdain. Mar sin leibh.

Faclan is abairtean: seanfhacal: proverb; Is math an còcaire an t-acras: hunger is a good cook; a bheil sibh fhèin ag aontachadh ri sin?:do you yourself agree with that?; an e còcaire math a tha annaibh fhèin?: are you a good cook?; nuair a bhios an t-acras gur cuideachadh: when hunger is helping you; bàrdachd a tha a’ dol air ais ceudan bhliadhnaichean: poetry that goes back hundreds of years; ’s iad X agus Y na deasaichean: X and Y are the editors; fìor mhath: excellent; am measg nan dàn tha fear ann air a bheil:among the poems is one called; dè thàinig an toiseach?: what came first?; tha fios againn cò am fear a rinn an dàn:we know who [the man was] that made the poem; Blàr Inbhir Lòchaidh:The Battle of Inverlochy (1431 – there was another there in the 17th Century); bha e air an taobh a chaill:he was on the side that lost; bha e a’ teicheadh bhon bhlàr: he was fleeing the battlefield; chan eil ann ach dà rainn:there are only two verses; ’s mairg a nì tarcais air biadh: woe to him who disdains food; à sàil mo bhròige:from the heel of my shoe; biadh as fheàrr a fhuair mi riamh: the best food I ever got; tha barrachd agam ri innse dhut: I have more to tell you; mar sin leibh: cheerio.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 427

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile