142: Calls to animals 142: Pruidh, deirist, a bhò riabhach! ’S fheàirrd thu buarach!
Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.
Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Pruidh, deirist, a bhò riabhach! ’S fheàirrd thu buarach!
Tha faclan no abairtean eadar-dhealaichte aig daoine airson bruidhinn ri diofar bheathaichean. Ann am mòran àiteachan, airson bruidhinn ri bò, canaidh daoine “pruidh” no “pruidh-dhè”. Tha sin anns na faclairean, ceart gu leòr: Pruidh – a call to cattle, cow or calf.
Tha e coltach gun deach na h-abairtean sin bho Ghàidhlig gu Albais no bho Albais gu Gàidhlig. Anns an fhaclair Albais agam tha Prow, Pru agus Prui. Tha iad uile nan dòighean airson a bhith a’ gairm air crodh.
Sgrìobh an sgoilear Gàidhlig, Alasdair MacBheathain, pàipear mu abairtean à Bàideanach. ’S ann à Bàideanach a bha e fhèin. Sgrìobh e gur e “progaidh” a bha daoine ag ràdh ri each. Progaidh. Thuirt e gun tàinig sin bho Albais, ach gun tàinig an Albais bhon Fhraingis approchez.
Ann an Gàidhlig bidh sinn ag ràdh “ciridh” ri caora no uan. “Ciridh, ciridh, ciridh!” no mar sin. Uill, chaidh mi don fhaclair Albais agam agus bha an dearbh fhacal ann: K-e-e-r-i-e – Keerie –– a call to a lamb or sheep.
Tha cuid de na gairmean eadar-nàiseanta. Mar eisimpleir, puisidh airson bruidhinn ri cat, agus diug no diugaidh airson labhairt ri cearc. Ach bha abairt eile aig MacBheathain airson bruidhinn ri cat no piseag – stididh – no tididh. Bha e fhèin ag ràdh gun tàinig iad sin bho Albais gu Gàidhlig. Tha cheet no cheetie ann an Albais a’ ciallachadh cat no piseag. Anns an t-seann Bheurla bha chit a’ ciallachadh “beathach òg”. Agus bidh daoine a’ gabhail kit fhathast air sionnach òg ann am Beurla.
Ach dè chanas sinn ri cù? Uill, tha facal agam a bhios mi ag èigheachd ris a’ chù agam. Agus bidh e an-còmhnaidh a’ tighinn thugam. Chan eil Beurla aig a’ chù agam. ’S e cù Gàidhealach a tha ann. ’S e abairtean Gàidhlig an aon fheadhainn a thuigeas e. Agus, nuair a tha e a’ ruith anns a’ phàirc, dè dh’èigheas mi ris a bheir e air ais thugam? Dè ach “Briosgaid!”
Faclan is abairtean: faclan no abairtean eadar-dhealaichte: different words or phrases; airson bruidhinn ri diofar bheathaichean: for speaking to different animals; bò: cow; anns na faclairean: in the dictionaries; gun deach na h-abairtean sin bho Ghàidhlig gu Albais: that those phrases went from Gaelic to Scots; tha iad uile nan dòighean airson a bhith a’ gairm air crodh:they are all ways of calling cattle; Alasdair MacBheathain: Alexander Macbain; ’s ann à Bàideanach a bha e fhèin: he was from Badenoch himself; progaidh: a word used by humans when calling a horse; bhon Fhraingis: from the French; bidh sinn ag ràdh “ciridh” ri caora no uan: we say “ciridh” to a sheep or lamb; tha cuid de na gairmean eadar-nàiseanta; some of the calls are international; airson labhairt ri cearc: for speaking to a hen; tha X a’ ciallachadh cat no piseag: X means a cat or kitten; dè chanas sinn ri cù?: what do we say to a dog?; tha facal agam a bhios mi ag èigheachd ris a’ chù agam: I have a word which I shout to my dog; bidh e an-còmhnaidh a’ tighinn thugam: he always comes to me; chan eil Beurla aig a’ chù agam: my dog doesn’t have English [understanding or speaking!]; an aon fheadhainn a thuigeas e: the only ones he understands; nuair a tha e a’ ruith anns a’ phàirc: when he’s running in the park; dè dh’èigheas mi ris?: what do I shout to him?; a bheir e air ais thugam: that brings him back to me; briosgaid: biscuit.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 446
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn