FaclairDictionary EnglishGàidhlig

15: Gaelic Songs from Ross-shire 15: Òrain nan Rosach

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Òrain nan Rosach

Gaelic Gàidhlig

Bha mi a’ bruidhinn an t-seachdain sa chaidh mun òran Mo Rùn Geal Òg. Carson? Uill, tha an t-òran sin ann an leabhar ùr. ’S e an t-ainm a th’ air an leabhar Òrain nan Rosach: a Collection of Gaelic Songs from Ross-shire. ’S e leabhar air leth math a th’ ann.’S i Fiona NicCoinnich a chuir ri chèile e. Tha Fiona a’ fuireach ann an Inbhir Pheofharain. Tha Inbhir Pheofharain ann an Siorrachd Rois.

Seo òran eile a th’ anns an leabhar sin – Òran a’ Choilich. Chan eil e cho brònach ri Mo Rùn Geal Òg. Chan eil idir. Tha e mu dheidhinn tachartas ann am baile beag. ’S e An Àird Dhubh an t-ainm air a’ bhaile. Tha e air cladach na Comraich. Bha cuid de na sinnsearan agam fhìn às a’ bhaile sin.

Seo agaibh an t-sèist:

Bha Gog! Gog! Gog! aig a’ choileach ghlas a-raoir

Bha Gog! Gog! Gog! aig a’ choileach fad na h-oidhch’

Cha robh creutair anns a’ bhaile

Nighean òg no bean no cailleach

Nuair bu chòir dhaibh bhith nan cadal

Nach robh mach nan aodach oidhch’.

A bheil sibh a’ tuigsinn dè bha a’ cur dragh air muinntir a’ bhaile? Bha an coileach glas a’ dèanamh fuaim mòr air an oidhche. Fad na h-oidhche, gu dearbh. Cha robh muinntir a’ bhaile a’ faighinn cadal ceart. Bha iad a-muigh nan aodach oidhche. Seo an t-sèist a-rithist:

Bha Gog! Gog! Gog! aig a’ choileach ghlas a-raoir

Bha Gog! Gog! Gog! aig a’ choileach fad na h-oidhch’

Cha robh creutair anns a’ bhaile

Nighean òg no bean no cailleach

Nuair bu chòir dhaibh bhith nan cadal

Nach robh mach nan aodach oidhch’.

A bheil sibh fhèin a’ fuireach ann an àite far a bheil coilich a’ dèanamh fuaim? No a bheil càraichean a’ cur stad oirbh bho bhith a’ faighinn cadal? No a bheil sibh a’ faighinn cadal math gach oidhche?

’S e Donnchadh MacCoinnich a sgrìobh Òran a’ Choilich. Bha Donnchadh na bhàrd-baile. Bhuineadh e don Chomraich. Chuala e an sgeulachd mun choileach aig cuideigin às an Àird Dhuibh. Agus sgrìobh e an t-òran an uair sin. Tha an t-òran gu lèir anns an leabhar aig Fiona NicCoinnich.

Faclan is abairtean: bha mi a’ bruidhinn an t-seachdain sa chaidh: I was speaking last week; Mo Rùn Geal Òg: my fair young love; ’s e leabhar air leth math a th’ ann: it is an excellent book; ’s i Fiona NicCoinnich a chuir ri chèile e: it is Fiona Mackenzie who put it together; tha Inbhir Pheofharain ann an Siorrachd Rois: Dingwall is in Ross-shire; brònach: sad; ’s e An Àird Dhubh an t-ainm air a’ bhaile: Ardubh is the name of the village; cladach na Comraich: the shoreline of Applecross; bha cuid de na sinnsearan agam fhìn às a’ bhaile sin: some of my own ancestors were from that village; seo agaibh an t-sèist: here [for you] is the chorus; glas: grey; cha robh creutair anns a’ bhaile: there was nobody in the village; nuair bu chòir dhaibh bhith nan cadal: when they should have been asleep; nach robh [a-]mach nan aodach oidhch’: that wasn’t out in their nightclothes; dè bha a’ cur dragh air muinntir a’ bhaile:what was annoying the people of the village; fad na h-oidhche, gu dearbh: all night long, indeed; far a bheil coilich a’ dèanamh fuaim:where cockerels make noise; a bheil càraichean a’ cur stad oirbh?: do cars stop you?; bho bhith a’ faighinn cadal: from getting sleep; bha Donnchadh MacCoinnich na bhàrd-baile: Duncan Mackenzie was a village bard; bhuineadh e don Chomraich:he belonged to Applecross; chuala e an sgeulachd mun choileach: he heard the story about the cockerel; an t-òran gu lèir: the entire song.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 319

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile