FaclairDictionary EnglishGàidhlig

184: Keil School 184: Sgoil na Cille

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Sgoil na Cille

Gaelic Gàidhlig

Rinn teine sgrios air a’ Khintyre Technical School anns a’ Chill ann an Cinn Tìre. Bha sin ann an naoi ceud deug, fichead ’s a ceithir (1924). Ghluais an sgoil gu togalach eile ann an Dùn Bhreatainn. Cha robh Kintyre Technical School freagarrach mar ainm. Dh’atharraich ainm na sgoile gu Keil School – Sgoil na Cille.

Thàinig atharrachadh no dhà air an sgoil. Ghabh rugbaidh àite ball-coise mar phrìomh spòrs na sgoile. Nochd a’ Ghàidhlig air a’ churraic-ealam. Bha i aig mòran de na balaich co-dhiù.

Chaidh cùisean gu math anns na ficheadan is tritheadan. Ach thàinig na ceathradan. Bha an cogadh ann. Bha plèanaichean Gearmailteach a’ leigeil bhomaichean air Abhainn Chluaidh. Bha e cunnartach ann an Dùn Bhreatainn. Ann an ceathrad ’s a h-aon (1941) ghluais an sgoil air ais a Chinn Tìre.

Chaidh an sgoil gu àite eile le “Cill” anns an ainm. Bha i ann am Baile na Cille ann an ceann a tuath Chinn Tìre. Bha i ann an seann taigh – Balinakill House. Bha Sir Uilleam MacFhionghain a’ fuireach anns an taigh sin uaireigin. Bha aon rud math ann mun àite ùr. Ghabh cuid de na balaich pàirt anns a’ mhòd ann an Ceann Loch Chille Chiarain. Bhuannaich iad duaisean gu leòr.

Thill an sgoil a Dhùn Bhreatainn às dèidh a’ chogaidh. Dh’fhàs an sgoil na bu mhotha. Bha sgoilearan-latha ann. Agus thàinig clann-nighean ann an naoi ceud deug, seachdad ’s a h-ochd. Ach bha droch shuidheachadh eacanomaigeach ann. Thuit àireamh nan sgoilearan. Agus dhùin an sgoil anns a’ bhliadhna dà mhìle (2000).

Thòisich mi air a’ chunntas mu Sgoil na Cille o chionn ceala-deug. Bha mi a’ bruidhinn mun charragh-chuimhne do Shir Uilleam MacFhionghain. Bha an carragh-cuimhne an toiseach ann am Mombasa ann an Ceinia. Ann an naoi ceud deug, seasgad ’s a ceithir, chaidh a chur a Bhreatainn. Chaidh a chur suas air beulaibh Sgoil na Cille ann an Dùn Bhreatainn.

Nuair a dhùin an sgoil, chaidh an carragh-cuimhne a ghluasad a Cheann Loch Chille Chiarain far an do rugadh Sir Uilleam MacFhionghain. Agus sin far a bheil e an-diugh.

Keil School

English Beurla

A fire destroyed the Kintyre Technical School in Keil in Kintyre. That was in 1924. The school moved to another building in Dumbarton. “Kintyre Technical School” was not suitable as a name. The school’s name changed to Keil School – Sgoil na Cille.

One or two changes came over the school. Rugby took the place of football as the school’s main sport. Gaelic appeared on the curriculum. Many of the boys spoke it anyway.

Things went well in the twenties and thirties. But the forties came. There was the war. German planes dropped bombs on the Clyde. It was dangerous in Dumbarton. In 1941 the school moved back to Kintyre.

The school went to another place with “Cill” in the name. It was in Baile na Cille in north Kintyre. It was in an old house – Balinakill House. Sir William MacKinnon was at one time living in that house. There was one good thing about the new place. Some of the lads took part in the mod in Campbeltown. They won many prizes.

The school returned to Dumbarton after the war. The school grew bigger. There were day-students. And girls came in 1978. But there was a bad economic situation. The number of students fell. And the school closed in the year 2000.

I started the account of Keil School a fortnight ago. I was speaking about the monument to Sir William MacKinnon. The monument was originally in Mombasa in Kenya. In 1964, it was sent to Britain. It was erected in front of Keil School in Dumbarton.

When the school closed, the monument was moved to Campbeltown where Sir William MacKinnon was born. And that’s where it is today.

Sgoil na Cille

Gaelic Gàidhlig

Rinn teine sgrios air a’ Khintyre Technical School anns a’ Chill ann an Cinn Tìre. Bha sin ann an naoi ceud deug, fichead ’s a ceithir (1924). Ghluais an sgoil gu togalach eile ann an Dùn Bhreatainn. Cha robh Kintyre Technical School freagarrach mar ainm. Dh’atharraich ainm na sgoile gu Keil School – Sgoil na Cille.

Thàinig atharrachadh no dhà air an sgoil. Ghabh rugbaidh àite ball-coise mar phrìomh spòrs na sgoile. Nochd a’ Ghàidhlig air a’ churraic-ealam. Bha i aig mòran de na balaich co-dhiù.

Chaidh cùisean gu math anns na ficheadan is tritheadan. Ach thàinig na ceathradan. Bha an cogadh ann. Bha plèanaichean Gearmailteach a’ leigeil bhomaichean air Abhainn Chluaidh. Bha e cunnartach ann an Dùn Bhreatainn. Ann an ceathrad ’s a h-aon (1941) ghluais an sgoil air ais a Chinn Tìre.

Chaidh an sgoil gu àite eile le “Cill” anns an ainm. Bha i ann am Baile na Cille ann an ceann a tuath Chinn Tìre. Bha i ann an seann taigh – Balinakill House. Bha Sir Uilleam MacFhionghain a’ fuireach anns an taigh sin uaireigin. Bha aon rud math ann mun àite ùr. Ghabh cuid de na balaich pàirt anns a’ mhòd ann an Ceann Loch Chille Chiarain. Bhuannaich iad duaisean gu leòr.

Thill an sgoil a Dhùn Bhreatainn às dèidh a’ chogaidh. Dh’fhàs an sgoil na bu mhotha. Bha sgoilearan-latha ann. Agus thàinig clann-nighean ann an naoi ceud deug, seachdad ’s a h-ochd. Ach bha droch shuidheachadh eacanomaigeach ann. Thuit àireamh nan sgoilearan. Agus dhùin an sgoil anns a’ bhliadhna dà mhìle (2000).

Thòisich mi air a’ chunntas mu Sgoil na Cille o chionn ceala-deug. Bha mi a’ bruidhinn mun charragh-chuimhne do Shir Uilleam MacFhionghain. Bha an carragh-cuimhne an toiseach ann am Mombasa ann an Ceinia. Ann an naoi ceud deug, seasgad ’s a ceithir, chaidh a chur a Bhreatainn. Chaidh a chur suas air beulaibh Sgoil na Cille ann an Dùn Bhreatainn.

Nuair a dhùin an sgoil, chaidh an carragh-cuimhne a ghluasad a Cheann Loch Chille Chiarain far an do rugadh Sir Uilleam MacFhionghain. Agus sin far a bheil e an-diugh.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 488

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile