The Lady of Lawers (1)
				              
Ben Lawers is above Loch Tay. It
is  in  Perthshire.  The  mountain  is
very  high.  It’s  covered  with  snow
in the  winter.  And  it’s  famous for
plants.
 Lawers is also the name of a
small   settlement   and   an   area
adjacent to Loch Tay.  Gaelic was
strong  in  that  area  at  one  time.
There  was  a  famous  woman  once
living   in   Lawers.   She   had   the
second-sight. As Coinneach Odhar
was   famous   in   the   north,   this
woman  was  famous  in  the  south.
She  was  predicting  the  future  in
Gaelic. Indeed, I don’t know if she
spoke English. She was the Lady of
Lawers. 
 People  think  she  grew  up  in
Appin  in  Argyll.  They  think  that
she was a Stewart. She married a
landlord  in  Lawers.  Or  perhaps
she  married  a  landlord’s  brother.
People  think  she  was  alive  in  the
seventeenth century. 
 Here’s   an   example   of   her
prophesying.   The   landlord   was
building a new church  in Lawers.
The Lady was watching the matter. The builders were close to being finished. They took with them stones for the ridge of the church’s roof. They left the stones on the shore of the loch.
 The Lady said that the ridge-stones were never going to go on the church’s roof. The workers were not happy. Next morning they were going to put the stones on the roof.
 Well, that night, a storm arose. It was big and fearful. The stones were swept away. Next morning there was no sign of them. Thus, the Lady was correct.
 She made another prophesy regarding that church. She planted a tree close to the church. She said that big things were going to happen when the tree was at different heights. For example, when it was at the height of the gables of the building, there was going to be disruption in the Church of Scotland. You’ll know that there was a big disruption in the Church in 1843. And, according to oral tradition, that was the year that the tree reached the height of the gables!
 
 
				             
				            
				              Ban-tighearna Labhair (1)
				              
Tha  Beinn  Labhair  os  cionn  Loch
Tatha. Tha i ann an Siorrachd Pheairt.
Tha  a’  bheinn  gu  math  àrd.  Bidh  i
còmhdaichte   le   sneachd   anns   a’
gheamhradh. Agus tha i ainmeil airson
lusan.		
 ’S  e  Labhair  cuideachd  ainm
baile  beag  agus  sgìre  taobh  Loch
Tatha.  Bha  a’  Ghàidhlig  uaireigin
làidir anns an sgìre sin. Bha boireannach ainmeil uaireigin a’ fuireach ann
an Labhair. Bha an dà-shealladh aice.
Mar a  bha  Coinneach  Odhar  ainmeil
anns a’ cheann a tuath, bha am boireannach seo ainmeil anns a’ cheann a
deas. Bha i a’ dèanamh fiosachd ann
an Gàidhlig. Gu dearbh, chan eil fhios
a’m an robh Beurla aice. B’ ise Ban-tighearna   Labhair,   The    Lady    of
Lawers.		
 Tha	daoine  a’  smaoineachadh
gun do thogadh i anns an Apainn ann
an   Earra-Ghàidheal.   Tha   iad   a’
smaoineachadh  gur  e  ban-Stiùbhartach a bha innte. Phòs i uachdaran ann
an Labhair. No ’s dòcha gun do phòs i
bràthair  uachdarain.  Tha  daoine  a’
smaoineachadh gun robh i beò anns an
t-seachdamh linn deug.	
 Seo	eisimpleir  dhen	fhiosachd
aice.  Bha	an  t-uachdaran	a’  togail
eaglais ùr ann an Labhair. Bha a’ Bhan-tighearna a’ coimhead a’ ghnothaich. Bha an luchd-togail faisg air a bhith deiseil. Thug iad clachan leotha airson druim mullach na h-eaglaise. Dh’fhàg iad na clachan air cladach an locha.
 Thuirt a’ Bhan-tighearna nach robh na clachan-droma a’ dol a dhol air mullach na h-eaglaise a-chaoidh. Cha robh an luchd-obrach toilichte. An ath mhadainn bha iad a’ dol a chur nan clachan air a’ mhullach.
 Uill, air an oidhche sin, dh’èirich stoirm. Bha i mòr is eagallach. Chaidh na clachan a sguabadh air falbh. An ath mhadainn cha robh sgeul orra. Mar sin, bha a’ Bhan-tighearna ceart.
 Bha fiosachd eile aice co-cheangailte ris an eaglais sin. Chuir i craobh faisg air an eaglais. Thuirt i gun robh rudan mòra a’ dol a thachairt nuair a bha a’ chraobh aig diofar àirdean. Mar eisimpleir, nuair a bha i aig àirde stuaghan an togalaich, bha sgaradh a’ dol a bhith ann ann an Eaglais na h-Alba. Bidh fios agaibh gun robh briseadh mòr anns an Eaglais ann an ochd ceud deug, ceathrad ’s a trì (1843). Agus, a rèir beul-aithris, b’ e sin a’ bhliadhna a ràinig a’ chraobh àirde nan stuaghan!