FaclairDictionary EnglishGàidhlig

335: The blonde-haired boy and the gold 335: An Gille Buidhe agus an t-Òr

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

An Gille Buidhe agus an t-Òr

Gaelic Gàidhlig

Beagan às dèidh Blàr Chùil Lodair, nochd dà shoitheach ann an Loch Iùbh. Bha iad a’ dol a choinneachadh ri teachdaire. Bha òr Frangach aig an teachdaire. Bha an t-òr airson a’ Phrionnsa, a bha am falach air a’ Ghàidhealtachd. Ach cha do nochd an teachdaire. Sheòl na soithichean air falbh.

Goirid às dèidh sin, bha fear de mhuinntir an àite, Eachann Cross, aig àirigh faisg air Leitir Iùbh. Thàinig Gàidheal òg le falt buidhe don bhothan- àirigh aige. Thug Eachann agus a theaghlach fasgadh dha. Thug an gille buidhe òr dhaibh. Sgaoil an naidheachd gun robh òr aige.

Dh’fhuirich an gille oidhche còmhla ri Eachann ’s a theaghlach. Dh’fhalbh e an ath mhadainn. Goirid às dèidh sin, bha brag gunna ann. Chaidh corp a’ ghille a lorg. Cha robh sgeul air an òr.

Thàinig e a-mach gun robh an gille buidhe ag obair do Theàrlach Òg Stiùbhart. Bha e air an rathad a Loch Iùbh leis an òr. Bha e a’ dol a choinneachadh ris na soithichean a chuir a- steach don loch. Ach bha e fadalach.

Bha am Prionnsa fhathast feumach air òr, ge-tà. Agus fhuair fear às an sgìre sin pàirt dhen òr Fhrangach air a shon. B’ esan Donnchadh MacRath à Eilean Iùbh. Bha Donnchadh dìleas don Phrionnsa. Bha e còmhla ris aig Cùil Lodair. Às dèidh a’ bhatail, thug e taic don Phrionnsa faighinn air falbh. Bha Donnchadh a’ dol a thoirt an òir dha nuair a bha cothrom aige.

Bha e cunnartach an t-òr a bhith aige, ge-tà. Bha an t-arm dearg an tòir air a’ Phrionnsa air feadh na Gàidhealtachd. Thug Donnchadh is dithis eile poit làn òir tarsainn Loch Iùbh bho Mheallan Theàrlaich gu ruige an Uamhghaidh, no Cove. Às a sin, thug iad a’ phoit gu Locha Druing. Chuir iad am falach i ann an sloc air cùl an locha, ris an canar Am Feadan Mòr.

Cha leigeadh iad a leas a’ phoit a chur gu domhainn fon talamh. Bha an seun aig Donnchadh. Rinn esan a’ phoit do-fhaicsinneach. Ach bha sin na dhuilgheadas cuideachd. Oir ciamar a bhiodh na Seumasaich ga lorg? Chì sinn dè thachair an-ath-sheachdain.

The blonde-haired boy and the gold

English Beurla

Shortly after the Battle of Culloden, two vessels appeared in Loch Ewe. They were going to meet a messenger. The messenger had French gold. The gold was for the Prince who was hiding in the Highlands. But the messenger didn’t appear. The vessels sailed away.

Shortly after that, a local man, Hector Cross, was at his shieling near Letterewe. A young High lander with yellow hair came to his shieling bothy. Hector and his family gave him shelter. The yellow-haired lad gave them gold. The news spread that he had gold.

The lad stayed a night with Hector and his family. He left next morning. Shortly after that, there was a gunshot. The lad’s body was found. There was no sign of the gold.

It came out that the yellow- haired lad was working for Bonnie Prince Charlie. He was on the way to Loch Ewe with the gold. He was going to meet the vessels that put into the loch. But he was late.

The Prince still needed gold, however. And a man from the area got part of the French gold for him. He was Duncan MacRae of Isle Ewe. Duncan was loyal to the Prince. He was with him at Culloden. After the battle, he helped the Prince to escape. Duncan was going to give him the gold when he had an opportunity.

It was dangerous for him to have gold, however. The British [red] army was in pursuit of the Prince across the Highlands. Duncan and two others took a pot full of gold across Loch Ewe from Mellon Charles to Cove. From there, they took the pot to Locha Druing. They hid it there in a hollow behind the loch, which is called Am Feadan Mòr.

They didn’t need to put the pot deep below the ground. Duncan had the power of charms. He made the pot invisible. But that also created a difficulty. Because how would the Jacobites find it? We’ll see what happened next week.

An Gille Buidhe agus an t-Òr

Gaelic Gàidhlig

Beagan às dèidh Blàr Chùil Lodair, nochd dà shoitheach ann an Loch Iùbh. Bha iad a’ dol a choinneachadh ri teachdaire. Bha òr Frangach aig an teachdaire. Bha an t-òr airson a’ Phrionnsa, a bha am falach air a’ Ghàidhealtachd. Ach cha do nochd an teachdaire. Sheòl na soithichean air falbh.

Goirid às dèidh sin, bha fear de mhuinntir an àite, Eachann Cross, aig àirigh faisg air Leitir Iùbh. Thàinig Gàidheal òg le falt buidhe don bhothan- àirigh aige. Thug Eachann agus a theaghlach fasgadh dha. Thug an gille buidhe òr dhaibh. Sgaoil an naidheachd gun robh òr aige.

Dh’fhuirich an gille oidhche còmhla ri Eachann ’s a theaghlach. Dh’fhalbh e an ath mhadainn. Goirid às dèidh sin, bha brag gunna ann. Chaidh corp a’ ghille a lorg. Cha robh sgeul air an òr.

Thàinig e a-mach gun robh an gille buidhe ag obair do Theàrlach Òg Stiùbhart. Bha e air an rathad a Loch Iùbh leis an òr. Bha e a’ dol a choinneachadh ris na soithichean a chuir a- steach don loch. Ach bha e fadalach.

Bha am Prionnsa fhathast feumach air òr, ge-tà. Agus fhuair fear às an sgìre sin pàirt dhen òr Fhrangach air a shon. B’ esan Donnchadh MacRath à Eilean Iùbh. Bha Donnchadh dìleas don Phrionnsa. Bha e còmhla ris aig Cùil Lodair. Às dèidh a’ bhatail, thug e taic don Phrionnsa faighinn air falbh. Bha Donnchadh a’ dol a thoirt an òir dha nuair a bha cothrom aige.

Bha e cunnartach an t-òr a bhith aige, ge-tà. Bha an t-arm dearg an tòir air a’ Phrionnsa air feadh na Gàidhealtachd. Thug Donnchadh is dithis eile poit làn òir tarsainn Loch Iùbh bho Mheallan Theàrlaich gu ruige an Uamhghaidh, no Cove. Às a sin, thug iad a’ phoit gu Locha Druing. Chuir iad am falach i ann an sloc air cùl an locha, ris an canar Am Feadan Mòr.

Cha leigeadh iad a leas a’ phoit a chur gu domhainn fon talamh. Bha an seun aig Donnchadh. Rinn esan a’ phoit do-fhaicsinneach. Ach bha sin na dhuilgheadas cuideachd. Oir ciamar a bhiodh na Seumasaich ga lorg? Chì sinn dè thachair an-ath-sheachdain.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 639

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile