FaclairDictionary EnglishGàidhlig

336: Duncan MacRae and the Pot of Gold 336: Donnchadh MacRath agus Poit an Òir

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Donnchadh MacRath agus Poit an Òir

Gaelic Gàidhlig

Bha Donnchadh MacRath à Eilean Iùbh a-muigh cuide ris a’ Phrionnsa ann am Bliadhna Theàrlaich. Bha e dìleas do Theàrlach Òg. Às dèidh Blàr Chùil Lodair, fhuair e òr bho Sheumasaich anns an Fhraing. Bha e a’ dol a thoirt an òir don Phrionnsa. Bha am Prionnsa am falach bho na saighdearan dearga. Ach bha e cunnartach an t-òr a bhith aige. Chuir Donnchadh a’ phoit leis an òr am falach anns an Fheadan Mhòr faisg air Locha Druing.

Ach cha do chuir e a’ phoit fada fon talamh. Chuir e a-mach à sealladh i oir bha an seun aige. Rinn e a’ phoit do-fhaicsinneach. Ach chan eil seun mar sin ag obair fad na h-ùine. A h-uile seachd bliadhna, air aon latha, bidh an rud, a bha do-fhaicsinneach, faicsinneach a-rithist. Dìreach airson uine bheag.

Timcheall na bliadhna ochd ceud deug, fichead ’s a sia (1826), chunnacas a’ phoit a-rithist. Bha bean Ruairidh MhicCoinnich, “An Cìobair Mòr” à Locha Druing, a’ tional a’ chruidh anns an Fheadan Mhòr. Bha i a’ cleachdadh cuigeal. Chunnaic i a’ phoit a bha làn òir air an talamh. Stob i a’ chuigeal a-steach don talamh ri taobh na poite. Ruith i sìos gu Locha Druing. Bha i ag iarraidh taic fhaighinn. Nuair a thill i don Fheadan Mhòr le daoine eile, cha robh sgeul air a’ phoit no air a’ chuigil. A rèir beul-aithris, tha an t-òr anns an Fheadan Mhòr fhathast.

’S dòcha gun robh an stòiridh seo stèidhichte air seann dualchas. Anns an leabhar aige Place-Names of Ross and Cromarty, tha Uilleam MacBhàtair a’ sgrìobhadh gun robh an Fhèinn a’ cumail a’ choire aca anns an Fheadan Mhòr. Ghoid bana-bhuidseach an coire. Ruith i air falbh leis. ’S e Cuilisg an t-ainm a bha air a’ bhana-bhuidsich.

Ach chaidh Caoilte às a dèidh (b’ e Caoilte am fear a bu luaithe dhen Fhèinn). Fhuair e grèim air a’ bhana-bhuidsich. Bha sin ann an àite ris an canar Fèith Chuilisg. ’S e Cuilisg a chruthaich an fhèith. Leig i coire na Fèinne agus thàinig an t-uisge a-mach às. Tha an t-àite air a bhith na bhoglach on uair sin.

Duncan MacRae and the Pot of Gold

English Beurla

Duncan MacRae from Isle Ewe was out with the Prince in the 1745-6 Jacobite rebellion. He was loyal to Charles Edward Stuart. After the Battle of Culloden, he received gold from Jacobites in France. He was going to give the gold to the Prince. The Prince was hiding from the redcoat soldiers. But it was dangerous for him to have the gold. Duncan hid the pot with the gold in the Feadan Mòr near Locha Druing.

But he didn’t put the pot deep below the ground. He put it out of sight because he had the seun [charm]. He made the pot invisble. But a seun like that doesn’t work all the time. Every seven years, on one day, the object that was invisible becomes visible again. Only for a short time.

Around the year 1826, the pot was seen again. The wife of Roddy MacKenzie, “the big shepherd” from Locha Druing, was gathering cattle in the Feadan Mòr. She was using a distaff. She saw the pot that was full of gold on the ground. She stuck the distaff into the ground next to the pot. She ran down to Locha Druing. She was wanting to get help. When she returned to the Feadan Mòr with other people, there was no sign of the pot or the distaff. According to oral tradition, the gold remains in the Feadan Mòr to this day.

Perhaps this story was based on an old heritage. In his book Place-Names of Ross and Cromarty, William Watson writes that the Fingalians were keeping their kettle in the Feadan Mòr. A witch stole the kettle. She ran away with it. The witch’s name was Cuilisg.

But Caoilte went after her (Caoilte was the swiftest of the Fingalians). He got hold of the witch. That was in a place called Fèith Chuilisg (“bog of Cuilisg”). It’s Cuilisg that created the bog. She dropped the Fingalians’ kettle and the water came out of it. The place has been a bog since then.

Donnchadh MacRath agus Poit an Òir

Gaelic Gàidhlig

Bha Donnchadh MacRath à Eilean Iùbh a-muigh cuide ris a’ Phrionnsa ann am Bliadhna Theàrlaich. Bha e dìleas do Theàrlach Òg. Às dèidh Blàr Chùil Lodair, fhuair e òr bho Sheumasaich anns an Fhraing. Bha e a’ dol a thoirt an òir don Phrionnsa. Bha am Prionnsa am falach bho na saighdearan dearga. Ach bha e cunnartach an t-òr a bhith aige. Chuir Donnchadh a’ phoit leis an òr am falach anns an Fheadan Mhòr faisg air Locha Druing.

Ach cha do chuir e a’ phoit fada fon talamh. Chuir e a-mach à sealladh i oir bha an seun aige. Rinn e a’ phoit do-fhaicsinneach. Ach chan eil seun mar sin ag obair fad na h-ùine. A h-uile seachd bliadhna, air aon latha, bidh an rud, a bha do-fhaicsinneach, faicsinneach a-rithist. Dìreach airson uine bheag.

Timcheall na bliadhna ochd ceud deug, fichead ’s a sia (1826), chunnacas a’ phoit a-rithist. Bha bean Ruairidh MhicCoinnich, “An Cìobair Mòr” à Locha Druing, a’ tional a’ chruidh anns an Fheadan Mhòr. Bha i a’ cleachdadh cuigeal. Chunnaic i a’ phoit a bha làn òir air an talamh. Stob i a’ chuigeal a-steach don talamh ri taobh na poite. Ruith i sìos gu Locha Druing. Bha i ag iarraidh taic fhaighinn. Nuair a thill i don Fheadan Mhòr le daoine eile, cha robh sgeul air a’ phoit no air a’ chuigil. A rèir beul-aithris, tha an t-òr anns an Fheadan Mhòr fhathast.

’S dòcha gun robh an stòiridh seo stèidhichte air seann dualchas. Anns an leabhar aige Place-Names of Ross and Cromarty, tha Uilleam MacBhàtair a’ sgrìobhadh gun robh an Fhèinn a’ cumail a’ choire aca anns an Fheadan Mhòr. Ghoid bana-bhuidseach an coire. Ruith i air falbh leis. ’S e Cuilisg an t-ainm a bha air a’ bhana-bhuidsich.

Ach chaidh Caoilte às a dèidh (b’ e Caoilte am fear a bu luaithe dhen Fhèinn). Fhuair e grèim air a’ bhana-bhuidsich. Bha sin ann an àite ris an canar Fèith Chuilisg. ’S e Cuilisg a chruthaich an fhèith. Leig i coire na Fèinne agus thàinig an t-uisge a-mach às. Tha an t-àite air a bhith na bhoglach on uair sin.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 640

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile