FaclairDictionary EnglishGàidhlig

52: Zodiac 52: Crios-nèimhe

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Crios-nèimhe

Gaelic Gàidhlig

Seo agaibh liosta de dh’fhaclan. Dè th’ annta? An Rùd, An Tarbh, Càraid, A’ Chrùbag, An Leòmhann, An Òigh, Am Meidh, An Nathair-nimhe, Am Boghadair, An Gobhar, Fear-giùlain Bùirn agus Na h-Iasgan.

Thàinig an liosta à Eilean Bheàrnaraigh – Beàrnaraigh Mòr. Tha sin air taobh siar Leòdhais. Nochd iad ann an leabhar ùr an-uiridh. Bha am fear a chuir am fiosrachadh ri chèile na iasgair. Seo an liosta a-rithist. An Rùd, An Tarbh, Càraid, A’ Chrùbag, An Leòmhann, An Òigh, Am Meidh, An Nathair-nimhe, Am Boghadair, An Gobhar, Fear-giùlain Bùirn agus Na h-Iasgan.

’S e a th’ annta comharraidhean dhen Chrios-nèimhe. Tha sin a’ ciallachadh “the signs of the zodiac”. Comharraidhean dhen Chrios-nèimhe. Cia mheud comharra a th’ ann? A bheil fios agaibh? Am bi sibh a’ leughadh nan “rionnagan” anns a’ phàipear-naidheachd?

Tha dà chomharra dheug ann uile gu lèir. Dà chomharra dheug. Agus seo iad, leis a’ Bheurla cuideachd: An Rùd no an rùda – Aries, the ram, An Tarbh – Taurus, the bull, Càraid – Gemini, the twins, A’ Chrùbag – Cancer, the crab, An Leòmhann – Leo, the lion, An Òigh –Virgo, the virgin, Am Meidh – Libra, the scales, An Nathair-nimhe – Scorpio, the scorpion, Am Boghadair – Sagittarius, the archer, An Gobhar – Capricorn, the goat, Fear-giùlain Bùirn no Uisge– Aquarius, the water carrier agus Na h-Iasgan no na h-Èisg – Pisces, the fishes.

’S e an t-ainm a th’ air an leabhar Muir is Tìr. Tha beul-aithris ann. Agus tha fiosrachadh ann. Tha e mu dheidhinn na mara, na tìre is nan speuran. ’S e am fear a chruinnich am fiosrachadh Seòras Chaluim Sheòrais no Seòras MacLeòid nach maireann.

Faclan is abairtean: seo agaibh liosta de dh’fhaclan: here is (for you) a list of words; rùd/rùda: ram; tarbh: bull; càraid: twins, couple; crùbag: crab; leòmhann: lion; òigh: virgin; meidh: scales; nathair-nimhe: scorpion; boghadair: archer; gobhar: goat; fear-giùlain bùirn: water carrier; iasgan (more commonly èisg): fishes; Beàrnaraigh Mòr: Great Bernera; nochd iad ann an leabhar ùr an-uiridh: they appeared in a new book last year; bha am fear a chuir am fiosrachadh ri chèile na iasgair: the man who collated the information (“put the information together”) was a fisherman; ’s e a th’ annta X:what they are is/are X; comharraidhean dhen Chrios-nèimhe: the signs of the zodiac; cia mheud comharra a th’ ann?:how many signs are there?; am bi sibh a’ leughadh nan “rionnagan” anns a’ phàipear-naidheachd?:do you read the “stars” in the newspaper?; dà chomharra dheug: twelve signs; mu dheidhinn na mara, na tìre is nan speuran: about the sea, the land and the heavens; ’s e am fear a chruinnich am fiosrachadh: the man who collected the information is [called]; Seòras Chaluim Sheòrais: George, son of Calum [who was] son of George.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 356

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile