FaclairDictionary EnglishGàidhlig

572: The year of the sheep (1) 572: Bliadhna nan caorach (1)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Bliadhna nan caorach (1)

Gaelic Gàidhlig

Bliadhna nan Caorach. Nuair a nochd a’ chaora mhòr air a’ Ghàidhealtachd. Seachd ceud deug, naochad ’s a dhà (1792).

Faisg air Alanais ann an Siorrachd Rois, tha gleann air a bheil Gleann Mhuire. Uaireigin bha sluagh mòr a’ fuireach ann. Ach chaidh am fuadachadh timcheall air seachd ceud deug is naochad (1790). B’ e an t-uachdaran Sir Eachann Rothach à Taigh an Fhuamhair. Thug e còraichean air an fhearann do dhithis bhràithrean à Loch Abar – Ailean agus Alasdair Camshron. Thug iadsan caoraich a-steach.

Gu tuath air Gleann Mhuire, tha Srath Rùsdail. Bha crodh aig muinntir Shrath Rùsdail. Ach bha an crodh a’ dol thairis air crìochan na h-oighreachd gu Frìth Chille Mhuire. Bha na Camshronaich gan trusadh is gan cumail ann an crò. Bha aig muinntir Shrath Rùsdail ri airgead a thoirt seachad airson an crodh fhaighinn air ais.

Thàinig gnothaichean gu ceann anns a’ Chèitean. Bha crodh Shrath Rùsdail ann an crò ann an Gleann Mhuire. Ach bha na daoine ag iarraidh an saoradh gun sgillinn ruadh a phàigheadh. Chuir iad fios gu muinntir Àird Rois. Thàinig iad. Shaoraich iad fhèin agus muinntir Shrath Rùsdail an crodh.

Thug na Camshronaich a’ chùis gu cùirt. Bha ochdnar fo chasaid de dh’aimhreit is dochann. Ach fhuair an diùraidh neoichiontach iad.

Anns an Iuchar bha muinntir Shrath Rùsdail aig banais. Chuir na fir romhpa na caoraich gu lèir ann an siorrachdan Rois is Chataibh iomain a-mach agus thairis air Abhainn Fharair – crìoch Siorrachd Inbhir Nis. Thàinig dà cheud duine cruinn còmhla ann an Srath Òiceall.

Chaidh iad gu ceann a-mach sgìre na Luirge. Dh’iomain iad a h-uile caora romhpa ach a-mhàin treud le Siorram Rois, Dòmhnall MacLeòid. Ràinig iad Na Bothachan, sear air Gleann Mhuire, Disathairne. Ach ’s ann an uair sin a thàinig an t-ar-a-mach gu ceann. Madainn na Sàbaid nochd an siorram. Bha buidheann de shaighdearan à Gearasdan Deòrsa còmhla ris.

Sgap luchd na h-aimhreit. Ach fhuair na saighdearan grèim air feadhainn dhiubh. Bha iad air an cur gu Taigh an Fhuamhair mar phrìosanaich. Cha robh a’ chùis seachad, ge-tà. Innsidh mi dhuibh tuilleadh mun aimhreit anns an ath Litir.

The year of the sheep (1)

English Beurla

The year of the sheep. When the Cheviot sheep appeared in the Highlands. 1792.

Near Alness in Ross-shire, there is a glen called Gleann Mhuire. At one time a large population lived there. But they were cleared around the year 1790. The landlord was Sir Hector Munro of Novar. He gave the rights over the land to two brothers from Lochaber – Allan and Alexander Cameron. They introduced sheep.

North of Gleann Mhuire is Strath Rusdale. The people of Strath Rusdale had cattle. But the cattle were crossing the boundaries of the estate to the Kildermorie Deer Forest. The Camerons were gathering them and keeping them in a pen. The people of Strath Rusdale had to pay to get their cattle back.

The matter came to a head in May. The Strath Rusdale cattle were in a pen in Gleann Mhuire. But the people were wanting to free them without paying a [red] penny. They sent word to the people of Ardross. They came. They and the people of Strath Rusdale freed the cattle.

The Camerons took the matter to court. Eight people were facing charges of rioting and violence. But the jury found them not guilty.

In July the people of Strath Rusdale were at a wedding. The men decided to drive all of the sheep in the counties of Ross and Sutherland out and across the Beauly River – the border of Inverness-shire. Two hundred people came together in Strath Oykell.

They went to the farthest extent of the parish of Lairg. They drove every sheep ahead of them except for a flock belonging to the Sheriff of Ross, Donald MacLeod. They reached Boath, east of Gleann Mhuire, on the Saturday. But that’s when the rebellion ended. On Sunday morning the sheriff appeared. A group of soldiers from Fort George was with him.

The rioters dispersed. But the soldiers got hold of some of them. They were taken to Novar House as prisoners. The matter wasn’t finsihed, however. I’ll tell you more about the dispute in the next Litir.

Bliadhna nan caorach (1)

Gaelic Gàidhlig

Bliadhna nan Caorach. Nuair a nochd a’ chaora mhòr air a’ Ghàidhealtachd. Seachd ceud deug, naochad ’s a dhà (1792).

Faisg air Alanais ann an Siorrachd Rois, tha gleann air a bheil Gleann Mhuire. Uaireigin bha sluagh mòr a’ fuireach ann. Ach chaidh am fuadachadh timcheall air seachd ceud deug is naochad (1790). B’ e an t-uachdaran Sir Eachann Rothach à Taigh an Fhuamhair. Thug e còraichean air an fhearann do dhithis bhràithrean à Loch Abar – Ailean agus Alasdair Camshron. Thug iadsan caoraich a-steach.

Gu tuath air Gleann Mhuire, tha Srath Rùsdail. Bha crodh aig muinntir Shrath Rùsdail. Ach bha an crodh a’ dol thairis air crìochan na h-oighreachd gu Frìth Chille Mhuire. Bha na Camshronaich gan trusadh is gan cumail ann an crò. Bha aig muinntir Shrath Rùsdail ri airgead a thoirt seachad airson an crodh fhaighinn air ais.

Thàinig gnothaichean gu ceann anns a’ Chèitean. Bha crodh Shrath Rùsdail ann an crò ann an Gleann Mhuire. Ach bha na daoine ag iarraidh an saoradh gun sgillinn ruadh a phàigheadh. Chuir iad fios gu muinntir Àird Rois. Thàinig iad. Shaoraich iad fhèin agus muinntir Shrath Rùsdail an crodh.

Thug na Camshronaich a’ chùis gu cùirt. Bha ochdnar fo chasaid de dh’aimhreit is dochann. Ach fhuair an diùraidh neoichiontach iad.

Anns an Iuchar bha muinntir Shrath Rùsdail aig banais. Chuir na fir romhpa na caoraich gu lèir ann an siorrachdan Rois is Chataibh iomain a-mach agus thairis air Abhainn Fharair – crìoch Siorrachd Inbhir Nis. Thàinig dà cheud duine cruinn còmhla ann an Srath Òiceall.

Chaidh iad gu ceann a-mach sgìre na Luirge. Dh’iomain iad a h-uile caora romhpa ach a-mhàin treud le Siorram Rois, Dòmhnall MacLeòid. Ràinig iad Na Bothachan, sear air Gleann Mhuire, Disathairne. Ach ’s ann an uair sin a thàinig an t-ar-a-mach gu ceann. Madainn na Sàbaid nochd an siorram. Bha buidheann de shaighdearan à Gearasdan Deòrsa còmhla ris.

Sgap luchd na h-aimhreit. Ach fhuair na saighdearan grèim air feadhainn dhiubh. Bha iad air an cur gu Taigh an Fhuamhair mar phrìosanaich. Cha robh a’ chùis seachad, ge-tà. Innsidh mi dhuibh tuilleadh mun aimhreit anns an ath Litir.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 876

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile