FaclairDictionary EnglishGàidhlig

628: Is the word 'siùcar' in the Bible? (2) 628: A bheil am facal ‘siùcar’ anns a’ Bhìoball? (2)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

A bheil am facal ‘siùcar’ anns a’ Bhìoball? (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh nach eil am facal siùcar a’ nochdadh anns a’ Bhìoball Ghàidhlig. No ma thà, chan aithne dhomh e. Ach tha iomradh no dhà ann air a’ chuilc chùbhraidh ‘the sweet-smelling cane’. Thathar ag eadar-theangachadh sin, ge-tà, mar sweet cane. An e sin cuilc an t-siùcair? Tha cùbhraidh a’ dèanamh tuairisgeul air fàileadh seach blas. Tha cuid de sgoilearan dhen bheachd gur e cuilc Innseanach a bha ann às an tàinig ola ungaidh. Anointing oil. Ola ungaidh.

Mura robh siùcar aithnichte ri linn sgrìobhadh a’ Bhìobaill, an robh facal ann airson sweet? Uill bha, agus seo e ann an Leabhar Iob, Caibideil 20: Ged a tha an t-olc milis na bheul, agus e ga fhalach fo a theangaidh ... Sin agaibh am facal airson sweet – milis. Tha e stèidhichte air mil ‘honey’. Cha robh daoine eòlach air siùcar anns an t-seann aimsir, ach bha iad eòlach air mil. Agus air blas na meala.

Ged as e mil a tha anns na faclairean Gàidhlig airson honey, ʼs e mel a chanadh m’ athair nach maireann. ʼS e Gàidhlig na Comraich a bha aige agus chanadh esan mel airson‘honey’ agus meilis airson ‘sweet’. ʼS e mel a tha ann ann an Laideann. Tha daoine a’ smaoineachadh gur ann bhon Laidinn a thàinig am facal a-steach don Ghàidhlig.

Agus seo e anns a’ Bhìoball ann an Taisbeanadh Eòin, Caibideil 10, Rann 10: Agus ghlac mi an leabhran à làimh an aingil, agus dh’ith mi suas e; agus bha e nam bheul milis mar mhil ... Ann am Beurla: And I took the small book out of the angel’s hand and ate it; and in my mouth it was as sweet as honey .. .

Tha am facal mil – agus am buadhair milis – a’ nochdadh gu tric anns a’ Bhìoball Ghàidhlig. Agus tha an aon rud fìor mu bhàrdachd Ghàidhlig. Anns an dàn le Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair – Allt an t-Siùcair – tha am facal milis ann grunn tursan. Chan eil siùcrach no siùcaireach a’ nochdadh idir. Tha ‘blas na meala’ nas snoige na ‘blas an t-siùcair’, nach eil?!

Is the word 'siùcar' in the Bible? (2)

English Beurla

I was telling you that the word siùcar [sugar] doesn’t appear in the Gaelic Bible. Or, if it does, I don’t know about it. But there are one or two accounts of a’ chuilc chùbhraid , ‘the sweet-smelling cane’. That is translated as ‘sweet cane’, however. Is that sugar cane? Cùbhraidh describes smell rather than taste. Some scholars think that it was an Indian cane from which ola ungaidh came. Anointing oil. Ola ungaidh.

If sugar wasn’t known at the time of the writing of the Bible, was there a word for sweet? Well, yes, and here it is in the Book of Job, Chapter 20: Although evil is sweet in his mouth, and he hides it under his tongue. That’s the word for sweet – milis. It’s based on mil ‘honey’. People weren’t familiar with sugar in olden times, but they were familiar with honey. And the taste of honey.

Although it is mil that is in the Gaelic dictionaries for honey, it’s mel that my late father would say. He spoke Applecross Gaelic and he would say mel for ‘honey’ and meilis for ‘sweet’. It’s mel in Latin. People think that it’s from Latin that the word came into Gaelic.

And here it is in the Bible in Revelation, Chapter 10, Verse 10: And I took the small book out of the angel’s hand and ate it; and in my mouth it was as sweet as honey .... In English: I took the small book out of the angel’s hand and ate it; and in my mouth it was as sweet as honey ...

The word mil– and the adjective milis – often appear in the Gaelic Bible. And the same is true of Gaelic poetry. In the poem by Alasdair MacMhaighstir Alasdair – Allt an t-Siùcair – the word milis appears several times. ‘Sugary’ does not appear at all. ‘The taste of honey’ is nicer than ‘the taste of sugar’, isn’t it?!

A bheil am facal ‘siùcar’ anns a’ Bhìoball? (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh nach eil am facal siùcar a’ nochdadh anns a’ Bhìoball Ghàidhlig. No ma thà, chan aithne dhomh e. Ach tha iomradh no dhà ann air a’ chuilc chùbhraidh ‘the sweet-smelling cane’. Thathar ag eadar-theangachadh sin, ge-tà, mar sweet cane. An e sin cuilc an t-siùcair? Tha cùbhraidh a’ dèanamh tuairisgeul air fàileadh seach blas. Tha cuid de sgoilearan dhen bheachd gur e cuilc Innseanach a bha ann às an tàinig ola ungaidh. Anointing oil. Ola ungaidh.

Mura robh siùcar aithnichte ri linn sgrìobhadh a’ Bhìobaill, an robh facal ann airson sweet? Uill bha, agus seo e ann an Leabhar Iob, Caibideil 20: Ged a tha an t-olc milis na bheul, agus e ga fhalach fo a theangaidh ... Sin agaibh am facal airson sweet – milis. Tha e stèidhichte air mil ‘honey’. Cha robh daoine eòlach air siùcar anns an t-seann aimsir, ach bha iad eòlach air mil. Agus air blas na meala.

Ged as e mil a tha anns na faclairean Gàidhlig airson honey, ʼs e mel a chanadh m’ athair nach maireann. ʼS e Gàidhlig na Comraich a bha aige agus chanadh esan mel airson‘honey’ agus meilis airson ‘sweet’. ʼS e mel a tha ann ann an Laideann. Tha daoine a’ smaoineachadh gur ann bhon Laidinn a thàinig am facal a-steach don Ghàidhlig.

Agus seo e anns a’ Bhìoball ann an Taisbeanadh Eòin, Caibideil 10, Rann 10: Agus ghlac mi an leabhran à làimh an aingil, agus dh’ith mi suas e; agus bha e nam bheul milis mar mhil ... Ann am Beurla: And I took the small book out of the angel’s hand and ate it; and in my mouth it was as sweet as honey .. .

Tha am facal mil – agus am buadhair milis – a’ nochdadh gu tric anns a’ Bhìoball Ghàidhlig. Agus tha an aon rud fìor mu bhàrdachd Ghàidhlig. Anns an dàn le Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair – Allt an t-Siùcair – tha am facal milis ann grunn tursan. Chan eil siùcrach no siùcaireach a’ nochdadh idir. Tha ‘blas na meala’ nas snoige na ‘blas an t-siùcair’, nach eil?!

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 932

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile