FaclairDictionary EnglishGàidhlig

654: Litreachas nan Gàidheal agus an Tìr 654: Gaelic literature and the landcape

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Gaelic literature and the landcape

Gaelic Gàidhlig

Rinn mi iomradh an t-seachdain sa chaidh air leabhar ùr le Iain Moireach – ‘Literature of the Gaelic Landscape’. Bha Iain uaireigin na Stiùiriche de dh’Ailtireachd Tìre ann an Oilthigh Dhùn Èideann. Sgrìobh e leabhar fiosrachail eile – ‘Reading the Gaelic Landscape’. Tha an dà leabhar air am foillseachadh le Whittles ann an Dùn Beithe ann an Gallaibh.

ʼS e cuspair mòr a tha ann an litreachas co-cheangailte ri aghaidh na tìre. Ach tha an t-ùghdar a’ sgrìobhadh mu na h-earrannan as cudromaiche – dualchas na Fèinne, Òran na Comhachaig aig Dòmhnall mac Fhionnla’ nan Dàn, òrain aig Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir agus a’ bhàrdachd aig Somhairle MacGill-Eain.

Tha e a’ taisbeanadh nan àiteachan a tha air an ainmeachadh anns an litreachas. Tha dealbhan ann de mhòran dhiubh, agus mapaichean, agus tha sgeama aige airson cuid de na dàin ris an can e fhèin ‘songlines’. Tha iad car coltach ris na loidhnichean-òrain aig tùsanaich Astràilia.

Chunnaic mi loidhne-òrain Albannach aon turas roimhe seo. Tha i anns an taigh-tasgaidh ann an Dùn Beithe. Tha i mar phàirt de thaisbeanadh mun leabhar Highland River le Niall Gunnach. Bhuineadh an Gunnach do Dhùn Bheithe. Tha dealbh dhen abhainn air an ùrlar, le gach àite oirre a tha anns an stòiridh. Bhon mhàthair-uisge chun na mara.

ʼS e Niall Gunnach an t-ùghdar eile a tha fon phrosbaig ann an ‘ Literature of the Gaelic Landscape’. Sgrìobh e ann am Beurla. Ach tha Iain Moireach a’ dèanamh dheth gun robh an Gunnach a’ toirt sùil a’ Ghàidheil air a’ Ghàidhealtachd, gu h-àraidh a thaobh àite.

Nuair a tha sinn eòlach air Highland River, tha Iain Moireach a’ cumail a-mach, chan fhaic sinn tuilleadh màthair-uisge na h-aibhne – Loch Bràigh na h-Aibhne – anns an aon dòigh. Tha sin fìor. Tha a leithid fìor mun leabhar aige fhèin. Tha e a’ toirt litreachas, dualchas, cànan is eòlas-tìre còmhla ann an dòigh nach fhaca mi ann an leabhar sam bith eile. Tha teachdaireachd mhath aige mun chàirdeas eadar na Gàidheil agus an dùthaich. ʼS iomadh duine a leughas ‘Literature of the Gaelic Landscape’ a chì a’ Ghàidhealtachd le sùilean ùra.

Litreachas nan Gàidheal agus an Tìr

English Beurla

I made mention last week of the new book by John Murray – ‘Literature of the Gaelic Landscape’. John was at one time Director of Landscape Architecture at the University of Edinburgh. He wrote another informative book – ‘Reading the Gaelic Landscape’. The two books are published by Whittles in Dunbeath in Caithness.

The literature connected to landscape is a big subject. But the author writes about the most important elements – the Fingalian heritage, Òran na Comhachaig by Dòmhnall mac Fhionnla’ nan Dàn, Duncan Ban MacIntyre’s songs and the poetry of Sorley Maclean.

He highlights the places that are named in the literature. There are pictures of many of them, and maps, and he has a scheme for some of the poems which he himself calls ‘songlines’. They’re a little like the songlines of Australian Aborigines.

I’ve seen [saw] a Scottish songline one time before. It’s in the museum in Dunbeath. It’s part of a display about the book Highland River by Neil Gunn. Gunn belonged to Dunbeath. There is an illustration of the river on the floor, with each place in the story on it. From the water source to the sea.

Neil Gunn is the other author that is under consideration in ‘Literature of the Gaelic Landscape ’. He wrote in English. But John Murray reckons that Gunn saw the Highlands through Gaelic eyes, particularly with respect to place.

When we are familiar with Highland River, John Murray maintains, we’ll never again see the river’s source – Loch Bràigh na h-Aibhne – in the same way. That’s true. The same is true of his own book. He brings together literature, heritage, language and knowledge of the land in a way I’ve not seen in any other book. He has a positive message about the relationship between the Gaels and their land. Many a person who reads ‘Literature of the Gaelic Landscape, will see the Highlands through new eyes.

Gaelic literature and the landcape

Gaelic Gàidhlig

Rinn mi iomradh an t-seachdain sa chaidh air leabhar ùr le Iain Moireach – ‘Literature of the Gaelic Landscape’. Bha Iain uaireigin na Stiùiriche de dh’Ailtireachd Tìre ann an Oilthigh Dhùn Èideann. Sgrìobh e leabhar fiosrachail eile – ‘Reading the Gaelic Landscape’. Tha an dà leabhar air am foillseachadh le Whittles ann an Dùn Beithe ann an Gallaibh.

ʼS e cuspair mòr a tha ann an litreachas co-cheangailte ri aghaidh na tìre. Ach tha an t-ùghdar a’ sgrìobhadh mu na h-earrannan as cudromaiche – dualchas na Fèinne, Òran na Comhachaig aig Dòmhnall mac Fhionnla’ nan Dàn, òrain aig Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir agus a’ bhàrdachd aig Somhairle MacGill-Eain.

Tha e a’ taisbeanadh nan àiteachan a tha air an ainmeachadh anns an litreachas. Tha dealbhan ann de mhòran dhiubh, agus mapaichean, agus tha sgeama aige airson cuid de na dàin ris an can e fhèin ‘songlines’. Tha iad car coltach ris na loidhnichean-òrain aig tùsanaich Astràilia.

Chunnaic mi loidhne-òrain Albannach aon turas roimhe seo. Tha i anns an taigh-tasgaidh ann an Dùn Beithe. Tha i mar phàirt de thaisbeanadh mun leabhar Highland River le Niall Gunnach. Bhuineadh an Gunnach do Dhùn Bheithe. Tha dealbh dhen abhainn air an ùrlar, le gach àite oirre a tha anns an stòiridh. Bhon mhàthair-uisge chun na mara.

ʼS e Niall Gunnach an t-ùghdar eile a tha fon phrosbaig ann an ‘ Literature of the Gaelic Landscape’. Sgrìobh e ann am Beurla. Ach tha Iain Moireach a’ dèanamh dheth gun robh an Gunnach a’ toirt sùil a’ Ghàidheil air a’ Ghàidhealtachd, gu h-àraidh a thaobh àite.

Nuair a tha sinn eòlach air Highland River, tha Iain Moireach a’ cumail a-mach, chan fhaic sinn tuilleadh màthair-uisge na h-aibhne – Loch Bràigh na h-Aibhne – anns an aon dòigh. Tha sin fìor. Tha a leithid fìor mun leabhar aige fhèin. Tha e a’ toirt litreachas, dualchas, cànan is eòlas-tìre còmhla ann an dòigh nach fhaca mi ann an leabhar sam bith eile. Tha teachdaireachd mhath aige mun chàirdeas eadar na Gàidheil agus an dùthaich. ʼS iomadh duine a leughas ‘Literature of the Gaelic Landscape’ a chì a’ Ghàidhealtachd le sùilean ùra.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 958

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile