FaclairDictionary EnglishGàidhlig

70: A Double Grammar of English and Gaelic. (3) 70: Gràmar Dùbailt: Beurla is Gàidhlig (3)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Gràmar Dùbailt: Beurla is Gàidhlig (3)

Gaelic Gàidhlig

Tha am facal fear air a dhol rud beag boireann. Bidh feadhainn ag ràdh an fhear airson the man, seach am fear. Mar eisimpleir – sin an fhear a bha mi a’ ciallachadh an àite sin am fear a bha mi a’ ciallachadh. Ach an e rud ùr a th’ ann? Uill, chan e. Bha feadhainn ag ràdh sin tràth anns an naoidheamh linn deug.

Tha liosta aig Iain Foirbeis anns an leabhar aige Gràmar Dùbailt Beurla is Gàidhlig. Chaidh an leabhar fhoillseachadh ann an ochd ceud deug, ceathrad ’s a trì (1843). ’S e an t-ainm air an liosta Improper Gaelic Phrases. Tha an fhear ud – yon fellow, that man – nam measg.

Ach tha Foirbeis àilgheasach. Tha e ag ràdh nach eil feagal ceart airson “fear” no “fright”. Tha e ag ràdh gur e eagal a tha ceart. Agus tha e mì-thoilichte le bhrist e a chas. Is toigh leis bhris e a chas. Ach buinidh na rudan seo do dhualchainntean na Gàidhlig. Agus nach eil beairteas anns na dualchainntean againn?

Tha seo aig Foirbeis: Àrdachdainn, cruinneachdainn, cinneachdainn, ceasnachdainn ... and the like are improperly used by vulgar speakers for àrdachadh, cruinneachadh, ceasnachadh etc. Ach ’s e sin rud dualchainnteach cuideachd. Agus tha seo aige: The erroneous practice of pronouncing adh or eadh like ubh prevails to a great extent in Ross and Sutherlandshire; as bheirubh, chuirubh, chitu ... for bheireadh, chuireadh, chiteadh... Obh obh! ’S e a bha cruaidh!

Tha liosta de dh’abairtean Frangach aig Foirbeis. Tha a’ Ghàidhlig ann air an son cuideachd. Tha mi a’ dol a thoirt dhuibh na Gàidhlig. Tha mi airson ’s gun can sibhse dè an Fhraingis a th’ air gach abairt Ghàidhlig.

Seo a-nist iad: Ceann ri ceann. Ceann ri ceann – tête-à-tête. Stràc crìochnachaidh. Stràc crìochnachaidh – coup de grâce; Seòmar uaigneach mnà uaisle. Seòmar uaigneach mnà uaisle – boudoir. Ann am meall. Ann am meall – en masse. Gille-seòmair. Gille-seòmair – valet de chambre. Fear ionnsaichte. Fear ionnsaichte – savant. Dia ’s mo chòir. Dia ’s mo chòir – Dieu et mon Droit.

An robh sibh math orra? Bha? Très bien! Glè mhath. Agus a-nise, mar a chanas na Frangaich – au revoir.

Faclan is abairtean: tha x air a dhol rud beag boireann: X has gone a bit feminine; sin am fear a bha mi a’ ciallachadh: that’s the man I was meaning; an e rud ùr a th’ ann?: is it a new thing? bha feadhainn ag ràdh sin: some were saying that; tràth anns an naoidheamh linn deug:early in the 19th Century; Iain Foirbeis: John Forbes; chaidh an leabhar fhoillseachadh: the book was published; nam measg:among them; àilgheasach: fussy, hard to please; tha e ag ràdh gur e eagal a tha ceart; he says that it is eagal that is correct; buinidh na rudan seo do dhualchainntean: these things belong to dialects; nach eil beairteas anns na dualchainntean againn?: isn’t there richness in our dialects?; àrdachadh: advancement, elevation; cruinneachadh: gathering, collecting; ceasnachadh: question, interrogate; dualchainnteach: dialectal; Obh obh! ’S e a bha cruaidh!: Oh dear! It’s him that was severe; liosta de dh’abairtean Frangach: a list of French phrases; tha mi a’ dol a thoirt dhuibh: I am going to give you; tha mi airson ’s gun can sibhse: I want you to say; dè an Fhraingis a th’ air gach abairt Ghàidhlig: what the French is for each Gaelic phrase; seòmar uaigneach mnà uaisle: a lady’s private room; an robh sibh math orra?: were you good at them?; mar a chanas na Frangaich: as the French say.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 374

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile