FaclairDictionary EnglishGàidhlig

734: James MacPherson (2) 734: Seumas Mac a’ Phearsain (2)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Seumas Mac a’ Phearsain (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mun cheatharnach ainmeil, Seumas Mac a’ Phearsain à Bàideanach. Bha e sa phrìosan ann an Obar Dheathain. Ach bha buidheann a’ feuchainn ri a shaoradh. Bha bùidsear a’ cur stad orra. Bha e a’ sabaid le co-ogha Sheumais, Dòmhnall Mac a’ Phearsain.

Bha am bùidsear a’ fàs lag. Dh’iarr e taic air a chù aige. Thug Dòmhnall ball-aodaich aige dheth, agus chuir e timcheall a’ bhùidseir e. Thug an cù ionnsaigh air a mhaighstir. Agus sguir an t-sabaid eadar an dithis fhear. Fhuair Seumas a-mach às a’ phrìosan agus rinn e air Bàideanach air muin eich.

Latha a bha seo anns a’ bhliadhna seachd ceud deug (1700) bha Seumas agus feadhainn eile ann am Baile Chè. Bha sgioba aig MacDuibh à Braco air a thòir. Chunnaic iad an cothrom. Thug iad ionnsaigh air Seumas. Thug Seumas a chlaidheamh a-mach. Ach thilg boireannach plaide thairis air bho uinneag gu h-àrd, agus chaidh a chur an grèim.

Chaidh Seumas a chur don phrìosan ann am Banbh. Anns a’ chùis-chùirte, bha fianais ann bho aon neach-fianais air fhichead. Mar a chunnaic sinn an t-seachdain sa chaidh, bha feadhainn a’ cur às leth Sheumais gur e ‘ Egyptian’ a bha ann. Bha iad a’ ciallachadh ‘neach-siubhail’. Bhathar ag aithris gun robh cànan eile aig an fheadhainn sin a bharrachd air a’ Ghàidhlig.

Bha Seumas agus fear eile, Seumas Gòrdan, air am faighinn ciontach. Chaidh binn-bhàis a chur orra. Thuirt am britheamh gur e ‘ Egyptian and vagabond’ a bha ann an Seumas agus gun cailleadh e a bheatha air a’ chroich. Chaidh latha a thaghadh nuair a bhiodh sluagh mòr anns a’ bhaile. Bha a’ chroich air a togail ri taobh crois na margaidh ann am meadhan Bhanbh.

Thugadh binn eadar-dhealaichte air triùir eile – ‘ three young rogues’. Bha an cluasan air an gearradh dhiubh, bha iad air an losgadh air an gruaidhean agus bha iad air an cuipeadh tro shràidean Bhanbh. B’ e sin ‘ceartas’ aig an àm sin.

Thàinig latha a’ chrochaidh. Agus thachair rud iongantach, mar a chì sinn an-ath-sheachdain.

James MacPherson (2)

English Beurla

I was telling you about the famous freebooter, James MacPherson from Badenoch. He was in prison in Aberdeen. But a group was trying to free him. A butcher was stopping them. He was fighting with James’s cousin, Donald MacPherson.

The butcher was growing weak. He asked his dog for help. Donald took an item of his clothing off and he put it around the butcher. The dog attacked his master. And the fighting between the two men ceased. James got out of prison and made for Badenoch on horseback.

One day in the year 1700, James and some others were in Keith. Duff of Braco had a team in pursuit of them. They saw their opportunity. They attacked James. James took out his sword. But a women threw a blanket over him from a window up high, and he was captured.

James was put in prison in Banff. In the court case, there was evidence from twenty-one witnesses. As we saw last week, some people were accusing James of being an ‘Egyptian’. They were meaning ‘traveller’. It was reported that those people spoke another language in addition to Gaelic.

James and another man, James Gordon, were found guilty. They were sentenced to death. The judge said James was an ‘Egyptian and vagabond’ and that he would lose his life on the gibbet. A day was chosen when there would be a large population in the town. The gibbet was built next to the mercat cross in the middle of Banff.

A different verdict was handed down on three others – ‘ three young rogues’. Their ears were cut off, they were burned on their cheeks and they were scourged through the streets of Banff. That was ‘justice’ at that time.

The hanging day came. And a weird thing happened, as we’ll see next week.

Seumas Mac a’ Phearsain (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mun cheatharnach ainmeil, Seumas Mac a’ Phearsain à Bàideanach. Bha e sa phrìosan ann an Obar Dheathain. Ach bha buidheann a’ feuchainn ri a shaoradh. Bha bùidsear a’ cur stad orra. Bha e a’ sabaid le co-ogha Sheumais, Dòmhnall Mac a’ Phearsain.

Bha am bùidsear a’ fàs lag. Dh’iarr e taic air a chù aige. Thug Dòmhnall ball-aodaich aige dheth, agus chuir e timcheall a’ bhùidseir e. Thug an cù ionnsaigh air a mhaighstir. Agus sguir an t-sabaid eadar an dithis fhear. Fhuair Seumas a-mach às a’ phrìosan agus rinn e air Bàideanach air muin eich.

Latha a bha seo anns a’ bhliadhna seachd ceud deug (1700) bha Seumas agus feadhainn eile ann am Baile Chè. Bha sgioba aig MacDuibh à Braco air a thòir. Chunnaic iad an cothrom. Thug iad ionnsaigh air Seumas. Thug Seumas a chlaidheamh a-mach. Ach thilg boireannach plaide thairis air bho uinneag gu h-àrd, agus chaidh a chur an grèim.

Chaidh Seumas a chur don phrìosan ann am Banbh. Anns a’ chùis-chùirte, bha fianais ann bho aon neach-fianais air fhichead. Mar a chunnaic sinn an t-seachdain sa chaidh, bha feadhainn a’ cur às leth Sheumais gur e ‘ Egyptian’ a bha ann. Bha iad a’ ciallachadh ‘neach-siubhail’. Bhathar ag aithris gun robh cànan eile aig an fheadhainn sin a bharrachd air a’ Ghàidhlig.

Bha Seumas agus fear eile, Seumas Gòrdan, air am faighinn ciontach. Chaidh binn-bhàis a chur orra. Thuirt am britheamh gur e ‘ Egyptian and vagabond’ a bha ann an Seumas agus gun cailleadh e a bheatha air a’ chroich. Chaidh latha a thaghadh nuair a bhiodh sluagh mòr anns a’ bhaile. Bha a’ chroich air a togail ri taobh crois na margaidh ann am meadhan Bhanbh.

Thugadh binn eadar-dhealaichte air triùir eile – ‘ three young rogues’. Bha an cluasan air an gearradh dhiubh, bha iad air an losgadh air an gruaidhean agus bha iad air an cuipeadh tro shràidean Bhanbh. B’ e sin ‘ceartas’ aig an àm sin.

Thàinig latha a’ chrochaidh. Agus thachair rud iongantach, mar a chì sinn an-ath-sheachdain.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1038

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile