972: Proverbs from Assynt 972: Seanfhaclan à Asainte
Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.
Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Seanfhaclan à Asainte
A bheil sibh eòlach air Asainte? Sin sgìre ann an taobh an iar Siorrachd Chataibh. Ann an ochd ceud deug, naochad ’s a h-aon (1891) bha Gàidhlig aig ochdad ’s a seachd às a’ cheud (87%25) de na daoine ann. Tha dualchas Gàidhealach làidir aig muinntir Asainte.
Fhuair mi leabhran o chionn ghoirid. Tha e làn sheanfhaclan Gàidhlig. ’S e an tiotal air an leabhar ‘Gaelic Proverbs’. Chaidh fhoillseachadh ann an naoi ceud deug, seachdad ’s a trì (1973).
Agus dè an ceangal a tha ann eadar an leabhar agus Asainte? Uill, ’s e boireannach à Asainte a chuir ri chèile e. B’ ise Barabra Nic Leòid. Bhuineadh i do Chlais an Easaidh. Chuala i gu leòr de na seanfhaclan aig a màthair.
Bidh mòran de na seanfhaclan aice aithnichte do dhaoine à sgìrean eile. Nochdaidh gu leòr dhiubh ann an cainnt is sgrìobhadh fhathast. Ach tha mi airson feadhainn a thoirt dhuibh nach eil cho cumanta.
Seo agaibh a’ chiad fhear: Am fear a gheibh ainm na mocheirigh, faodaidh e cadal anmoch. Get a name of early rising and you can sleep late. Am fear a gheibh ainm na mocheirigh, faodaidh e cadal anmoch.
Ciamar a chanamaid ann an Gàidhlig ‘friendship cannot be one-sided’? Uill, tha seanfhacal aig Barabra air an dearbh chuspair: Cha seas càirdeas air aon chois. Friendship cannot stand on one leg. Cha seas càirdeas air aon chois. Agus seo fear eile mu chàirdeas: An àm na h-èiginn, dearbhar na càirdean. Adversity shows your true friends. An àm na h-èiginn, dearbhar na càirdean.
Tha e inntinneach cho tric ’s a tha mòine a’ nochdadh ann an seanfhaclan Gàidhlig. Chan eil sin fìor mun Bheurla! Seo agaibh fear aig Barabra: Chan aithnich thu duine ach an loisg thu cruach mhòine còmhla ris. Gu litreachail tha e a’ ciallachadh ‘you won’t know a person until you have burned a peatstack with them.’ Tha fhios gu bheil sin a’ ciallachadh gu feum thu bliadhna, no co-dhiù fad geamhraidh, a chur seachad le cuideigin mus bi thu eòlach orra. Chan aithnich thu duine ach an loisg thu cruach mhòine còmhla ris.
Proverbs from Assynt
Do you know Assynt? That’s an area in the western side of the county of Sutherland. In 1891 Gaelic was spoken by 87%25 of the people there. The people of Assynt have a strong Gaelic heritage.
I got a booklet recently. It’s full of Gaelic proverbs. The title of the book is ‘Gaelic Proverbs’. It was published in 1973.
And what’s the link between the book and Assynt? Well, it’s a woman from Assynt that compiled it. She was Barbara MacLeod. She heard many of the proverbs from her mother.
Many of her proverbs will be familiar to people from other areas. A lot of them appear in speech and writing still. But I want to give you some that are not so common.
Here is the first one: Am fear a gheibh ainm na mocheirigh, faodaidh e cadal anmoch. Get a name of early rising and you can sleep late. Am fear a gheibh ainm na mocheirigh, faodaidh e cadal anmoch.
How might we say in Gaelic ‘friendship cannot be one-sided’? Well, Barbara has a proverb on the very topic: Cha seas càirdeas air aon chois. Friendship cannot stand on one leg. Cha seas càirdeas air aon chois. And here is another about friendship: An àm na h-èiginn, dearbhar na càirdean. Adversity shows your true friends. An àm na h-èiginn, dearbhar na càirdean.
It’s interesting how often peat appears in Gaelic proverbs. That’s not true about the English language! Here is one of Barbara’s: Chan aithnich thu duine ach an loisg thu cruach mhòine còmhla ris. Literally, it means ‘you won’t know a person until you have burned a peatstack with them.’ I reckon that means that you require to spend a year, or at least a full winter, with somebody before you know them. Chan aithnich thu duine ach an loisg thu cruach mhòine còmhla ris.
Seanfhaclan à Asainte
A bheil sibh eòlach air Asainte? Sin sgìre ann an taobh an iar Siorrachd Chataibh. Ann an ochd ceud deug, naochad ’s a h-aon (1891) bha Gàidhlig aig ochdad ’s a seachd às a’ cheud (87%25) de na daoine ann. Tha dualchas Gàidhealach làidir aig muinntir Asainte.
Fhuair mi leabhran o chionn ghoirid. Tha e làn sheanfhaclan Gàidhlig. ’S e an tiotal air an leabhar ‘Gaelic Proverbs’. Chaidh fhoillseachadh ann an naoi ceud deug, seachdad ’s a trì (1973).
Agus dè an ceangal a tha ann eadar an leabhar agus Asainte? Uill, ’s e boireannach à Asainte a chuir ri chèile e. B’ ise Barabra Nic Leòid. Bhuineadh i do Chlais an Easaidh. Chuala i gu leòr de na seanfhaclan aig a màthair.
Bidh mòran de na seanfhaclan aice aithnichte do dhaoine à sgìrean eile. Nochdaidh gu leòr dhiubh ann an cainnt is sgrìobhadh fhathast. Ach tha mi airson feadhainn a thoirt dhuibh nach eil cho cumanta.
Seo agaibh a’ chiad fhear: Am fear a gheibh ainm na mocheirigh, faodaidh e cadal anmoch. Get a name of early rising and you can sleep late. Am fear a gheibh ainm na mocheirigh, faodaidh e cadal anmoch.
Ciamar a chanamaid ann an Gàidhlig ‘friendship cannot be one-sided’? Uill, tha seanfhacal aig Barabra air an dearbh chuspair: Cha seas càirdeas air aon chois. Friendship cannot stand on one leg. Cha seas càirdeas air aon chois. Agus seo fear eile mu chàirdeas: An àm na h-èiginn, dearbhar na càirdean. Adversity shows your true friends. An àm na h-èiginn, dearbhar na càirdean.
Tha e inntinneach cho tric ’s a tha mòine a’ nochdadh ann an seanfhaclan Gàidhlig. Chan eil sin fìor mun Bheurla! Seo agaibh fear aig Barabra: Chan aithnich thu duine ach an loisg thu cruach mhòine còmhla ris. Gu litreachail tha e a’ ciallachadh ‘you won’t know a person until you have burned a peatstack with them.’ Tha fhios gu bheil sin a’ ciallachadh gu feum thu bliadhna, no co-dhiù fad geamhraidh, a chur seachad le cuideigin mus bi thu eòlach orra. Chan aithnich thu duine ach an loisg thu cruach mhòine còmhla ris.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1276
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn