Discussing a day off A’ bruidhinn mu latha dheth
PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
| Woman | Dè bha thu a’ dèanamh an-dè? | What were you doing yesterday? |
| Woman 2 | Uill, bha mi aig an taigh anns a’ mhadainn agus chaidh mi a chèilidh air Dòmhnall agus Mairead feasgar. | Well, I was at home in the morning and I visited Donald and Margaret in the afternoon. |
| Barman | Feasgar math, Alasdair. Pinnt? | Good evening Alexander. a pint? |
| Alasdair | Mas e do thoil e. A Fhionnlaigh? Dè tha thu ag iarraidh? | Please. Finlay? What do you want? |
| Fionnlagh | Chan eil mi ag iarraidh càil an-dràsta. | I don’t want anything just now. |
| Barman | Seo ma-thà. | Here then. |
| Alasdair | Tapadh leat. Dè bha dol an-diugh? An robh thu trang? | Thank you. What were you doing today? Were you busy? |
| Fionnlagh | Bha mi trang anns a’ mhadainn ach bha mi dheth feasgar. | I was busy in the morning but I was off in the afternoon. |
| Alasdair | Dè bha thu a’ dèanamh? | What did you do? |
| Fionnlagh | Dìreach ag obair anns a’ ghàrradh. | Just worked in the garden. |
| Alasdair | Bha i brèagha an-diugh. | It was nice today. |
| Fionnlagh | Bha gu dearbh. | It was indeed. |
| Woman | Halò. Ciamar a tha sibh? | Hello. How are you? |
| Man | Tha gu math. Ciamar a tha sibh fhèin? | I’m well. How’s yourself? |
| Woman | Glè mhath, tapadh leibh. Dè tha sibh a’ dèanamh an seo? | Very good, thank you. What are you doing here, yourself? |
| Man | Bha mi air saor-làithean. Dè tha sibh fhèin a’ dèanamh an seo? | I was on holiday. What are you doing here? |
| Woman | Tha mi a’ fuireach ann an Glaschu. | I live in Glasgow. |
| Man | A bheil gu dearbh? Dè tha sibh a’ dèanamh an-dràsta? | Do you indeed? What are you up to just now? |
| Woman | Tha mi a’ dol a Dhùn Èideann ach tha mi tighinn dhachaigh feasgar. | I’m going to Edinburgh but I’ll be coming home this afternoon/evening. |
| Man | Glè mhath. | Very good. |
| Man | A bheil thu ag iarraidh siùcar? | Do you want some sugar? |
| Woman | Chan eil, tapadh leat. Dè bha thu a’ dèanamh feasgar an-dè, ma-thà? | No, thank you. What were you doing yesterday afternoon, then? |
| Man | Bha mi aig pòsadh. A bheil thu ag iarraidh pìos cèic? | I was at a wedding. Do you want a piece of cake? |
| Woman | Chan eil, tapadh leat. | No, thank you. |