ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Saying what you’re doing Ag innse dè tha thu a’ dèanamh

At homeAig an taigh

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

dè tha dol? what is happening?

a’ coimhead air an telebhisean watching the television

dìreach just

a’ nighe nan soithichean washing the dishes

mòran taing many thanks

chan eil càil nothing

chan eil sìon nothing

chan eil dad nothing

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Eilidh Halò.
Granaidh?
O, haidh.
Ciamar a tha sibh an-diugh?
Dè tha dol?
Mise?
Ò, chan eil mi trang.
Tha mi dìreach a’ coimhead air an telebhisean.
Tha, tapadh leibh.
Tha.
Chan eil.
Chan eil Eòghann aig an taigh an-dràsta.
Tha e a’ snàmh.
Tha Eòghann a’ snàmh.
Tha.
Tha Dadaidh a’ càradh a’ chàir.
Tha.
Tha Mamaidh aig an taigh.
Tha i shuas an staidhre a’ peantadh.
A Mhamaidh! A Mhamaidh, trobhadaibh!
Hello.
Granny?
Oh, hi.
How are you today?
What’s happening?
Me?
Oh, I’m not busy.
I’m just watching television.
Yes, thank you.
Yes.
No.
Ewan isn’t at home just now.
He’s swimming.
Ewan is swimming.
Yes.
Dad is fixing the car.
Yes.
Mum is at home.
She’s upstairs painting.
Mum! Mum, come!
Màiri-Anna Eilidh! Tha mi trang!
Tha mi a’ peantadh!
Halò?
O halò, Granaidh.
Dè tha dol?
Ò, tha.
Tha mi gu math trang, a’ peantadh shuas an staidhre.
Tha mi trang a’ peantadh.
’S ciamar a tha sibh fhèin an-diugh?
Chan eil, a ghràidh.
Tha Iain a’ càradh a’ chàir an-dràsta.
A’ càradh a’ chàir!
Tha ... ceart ma-thà!
Mar sin leibh an-dràsta.

Helen! I’m busy!
I’m painting!
Hello?
Oh hello, Granny.
What’s happening?
Oh, yes.
I’m very busy, painting upstairs.
I’m busy painting.
And how are you today?
No, dear.
John is fixing the car just now.
Fixing the car!
Yes ... right then!
Bye for now.

Eilidh A Mhamaidh? Mum?
Màiri-Anna Dè, Eilidh?
Tha mi trang!
What, Helen?
I’m busy!
Eilidh A bheil Granaidh ceart gu leòr? Is Granny ok?
Màiri-Anna Tha!
Carson?
Yes!
Why?
Eilidh Chan eil fhios agam. I don’t know.
Eilidh Siuthadaibh, a Dhadaidh.
Neoni, trì, a h-aon, trì, trì, seachd, còig, neoni, dhà, seachd.
On you go, Dad.
Zero, three, one, three, three, seven, five, zero, two, seven.
Iain Eh? Eh?
Eilidh Granaidh. Granny.
Iain Ò, Eilidh.
Tha mi sgìth an-dràsta.
Oh, Helen.
I’m tired right now.
Eilidh Granaidh bhochd.
Tha Dadaidh sgìth agus tha Mamaidh trang.
Poor Granny.
Dad’s tired and Mum’s busy.
Màiri-Anna Halò, Eilidh.
Dè tha dol?
Hello, Helen.
What’s up?
Eilidh Tha mi a’ nighe nan soithichean. I’m washing the dishes.
Màiri-Anna Ò, Eilidh.
Eilidh, a ghràidh.
Mòran taing.
Iain!
Dè tha thu a’ dèanamh?
Oh, Helen.
Helen, dear.
Thank you so much.
John!
What are you doing?
Iain Tha mi ag èisteachd ris an rèidio. I’m listening to the radio.
Màiri-Anna Iain.
Tha sinn a’ dol a-mach a-nochd.
John.
We’re going out tonight.
Iain Ò mo chreach!
Cha robh cuimhne agam.
Oh my goodness!
I had forgotten.