ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Saying what you’ve done Ag innse dè rinn thu

What did you do? (plural)Dè rinn sibh?

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

dè rinn sibh? what did you do/make? (plural/polite)

dè rinn thu? what did you do/make?

rinn mi … I did / made …

rinn mi cèic I made a cake

rinn sinn cèic we made a cake

bèicearachd baking

iarnaigeadh ironing

na soithichean the dishes

an nigheadaireachd the washing

dealbh a drawing

am biadh the food

an dinnear the dinner

an leabaidh the bed

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Man Halò. Hello.
Woman Feasgar math. Good afternoon.
Man Càit an robh sibh an-dè? Where were you yesterday?
Woman Bha latha dheth agam an-dè. I had a day off yesterday.
Man Dè rinn sibh? What did you do?
Woman Chaidh mi a dh’ Inbhir Nis. I went to Inverness.
Man An robh latha math agaibh? Did you have a good day?
Woman Bha gu dearbh. Yes, indeed.
Woman Haidh, a Mhàiri. Hi, Mary.
Màiri Haidh, Anna.
Dè rinn thu a-nochd, ma-thà?
Hi, Anne.
What did you do tonight, then?
Anna Bha mi dìreach a’ coimhead air an telebhisean. I was just watching TV.
Màiri A bheil film air a-nochd? Is there a film on tonight?
Anna Tha, ann am mionaid. Yes, in a minute.
Mother Tapadh leat, a ghràidh.
Seo dadaidh a’ tighinn.
Thank you, dear.
Here’s daddy coming.
Father Glè mhath.
Dè bha sibh a’ dèanamh?
Very good.
What were you doing?
Daughter Bha sinn a’ bèicearachd. We were baking.
Father Halò, a ghràidh. Hello, dear.
Mother Feasgar math, a ghràidh. Good afternoon, dear.
Father Agus, dè rinn sibh? And, what did you make?
Daughter Rinn sinn cèic. We made a cake.